Facail an Òrain / Song Lyrics

Nuair bhiodh òganaich cruinn
Dhèanta grìosach bhuntàt',
"Siùdaibh-seasaibh", siud chluinnt',
"Ach am faic sinn eil àird
A' mhailisidh nis oirnn -
'S gu Fort Dheòrs' thèid ma tha,
A' mhailisidh an rìgh."

Sheòl i, Sìle nan stuagh,
'S mòran sluaigh innt' air bòrd,
Cuid gu iasgach na Bruaich
'S cuid gu Sealtainn nan òb;
'S cuid a' falbh mar mo luaidh,
A' chiad uair a Fort Dheòrs'
A mhailisidh an rìgh.

Fhuair mi dealbh an cèis dhùint
'S chroch sa chùlaist le uaill,
Agus litir ag inns,
"Tha gach nì dhomh cho nuadh --
Moch gar dùsgadh bidh phìob
Nuair as fìor throm ar suain
Am mailisidh an rìgh.

Bhris an stoirm, 's an tuil dhòirt
'S air an Eòrpa rinn tigh'nn:
Tuil fhuil dhearg nam fir òg --
Seadh, fìr òg nan ciabh mìn;
Thraogh is thràigh chun an fheòir
Fuil an cuislean 's an crìdh;
Dh'fhuairich, reòdh 's chaill a clì.

Colla, Fionnlagh is Dòmhnall,
Ruairidh Òg is Iain Bàn,
Aonghas, Ùisdean 's Niall Mòr
(Chòrr cha shloinn mi am' dhàn)
'N-dè 'nam balaichean san dròbh,
'N-diugh gun deò anns an bhlàr --
O mhailisidh mo chridh!

Chaidh na geòidh tarsainn tuath,
Thug na geòidh mach an àil;
Thill gu deas mar as dual
Àrd len àil air an sàil,
Ach cha till e, mo luaidh,
Ach nam bhruadar a-mhàin --
O mhailisidh mo chridh.

Seinneadairean / Performers

Mairead NicLeòid

Mairead NicLeòid

Rugadh Mairead NicLeòid ann an Dùn Èideann ged a bha a màthair às an Àird anns a' Rubha agus a h-athar à Tolastadh a' Chaolais ...

Fiosrachadh air Mairead NicLeòid / Learn more about Mairead NicLeòid

Cairistìona Dhòmhnallach

Rugadh is thogadh Cairistìona Dhòmhnallach, Cairistìona Uilleam a' Ghladstoin, an Adabroc, Nis, ann an dachaigh a bha loma-làn de cheòl, fealla-dhà agus ...

Fiosrachadh air Cairistìona Dhòmhnallach / Learn more about Cairistìona Dhòmhnallach

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.