Ann an 2007 bhuannaich an sgioba sia buinn le aon Bhonn Òir nam measg.
‘S ann aig Geamannan 2005 ann an Sealtainn a ghabh sgioba nan Eilean Siar pàirt airson a' chiad uair agus ann an 2007 bhuannaich an sgioba sia buinn le aon Bhonn Òir nam measg airson rèis 800m. Ann an Aland, bidh 70 neach ann an sgioba nan Eilean Siar, eadar lùth-chleasachd, ball-coise, goilf agus snàmh. Bidh sgioba bhon BhBC còmhla riutha ann an Aland.
© MMX
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.