Advertisement

Sgioba a' BhBC

"Am measg nan gaisgeach a tha sin tha deagh charaidean bho na h-eileanan."

Derek Moireach : Tha mi air a bhith còmhla ris a' BhBC bhon Gearran 2003. Bha mi fortanach gu leòr an cothrom fhaighinn siubhail air a' chiad turas aig na h-Eileanan an Iar gu Geamannan Eileanan na Cruinne ann an 2005 shuas ann an Sealtainn. A' lìonadh phrògraman rèidio le fiosrachadh 's a' feuchainn ri bhith ann an trì àitean aig an aon àm. Sgil sònraichte!

Rhodes ann an 2007 agus a' coimhead air adhart gu mòr ri Aland an ceann beagan làithean a-nis. Eòlas gu leòr agam air mo charaidean Alasdair Friseal a bha còmhla rium ann an Rhodes agus Màiri Rodgers a tha am measg sgioba An Là air BBC ALBA.

‘S ann agamsa a tha an obair as fheàrr air an t-saoghal agus mi a' faicinn sàr ghaisgich a' cluich ‘s a' strì nan spòrs aig diofar ìrean…eadar ball-coise ionadail, iomain agus ag aithris air sàr gheamannan ball-coise leithid cuairtean deireannach CIS, Cupa na h-Alba, Cupa Uefa agus geamannan dearbhaidh an sgioba nàiseanta.

Am measg nan gaisgeach a tha sin tha deagh charaidean bho na h-eileanan. An làthair an oidhche a ghlèidh Eve Carrington a' chiad bhonn againn a-riamh ann an Sealtainn, bonn òir Eilidh NicChoinnich ann an Rhodes an cois sgiobaidhean bhuill-coise a dhearbh cho làidir 's a tha iadsan aig a h-uile car.

Tha làn fhios gu bheil gaisgeach ùr am measg na sgioba a tha siubhal a dh'Aland agus tha mi air leth moiteil gum bi an cothrom agam aithris air a leithid a-rithist am-bliadhna am measg deagh charaidean à iomadach eilean air feadh an t-saoghail – aig na Geamannan Càirdeil.

Derek Moireach

"Tha dùil nach bi an aon thrioblaid aca ann an Aland."

Alasdair Friseal: Bha mise an sàs ann an Geamannan Eileanan na Cruinne ann an Rhodes anns a' Ghrèig dà bhliadhna air ais. Bha e iongantach dhòmhsa, sàr-luchd spòrs bho air feadh an t-saoghail fhaicinn còmhla san aon àite airson beagan is seachdain.

Buinidh gach neach do choimhearsnachd eileanach, fad' is farsaing agus tha tuigse aca air suidheachadh càch a chèile. Dà bhliadhna air ais ann an Rhodes, b' e an teas an rud a bu mhotha a thug buaidh air na farpaisich. Bha i cho blàth ri dà fhichead celcuis agus bha sin cus dha mòran sgiobaidhean. Tha dùil nach bi an aon thrioblaid aca ann an Aland.

Tha mise gu bhith a' riochdachadh nam prògraman againn ann an Aland, thairis air rèidio, telebhisean agus an eadar-lìon. Bidh sinn a' toirt thugaibh nan naidheachdan as ùire bho na geamannan air diofar phrògraman air BBC Radio Nan Gàidheal tron t-seachdain agus air An Là air BBC ALBA.

Alasdair Friseal

"Tha e a' còrdadh rium gu mòr...."

Màiri Rodgers: 'S ann à Èirisgeigh a tha mi, chaidh mi gu Sgoil Lìonacleit agus an uair sin gu Oilthigh Ghlaschu. Chuir mi beagan bhliadhnaichean seachad ann an Glaschu, agus bha mi ag obair anns an Fhraing is Portugal airson greis. A thaobh spòrs: tha mi gu math dèidheil air a bhith sreap chreagan, ach tha e a' fàs nas eagalaiche a-nis oir tha air slighean nas doirbhe fheuchainn. 'S toigh leam a bhith coimhead teanas agus bu math leam ionnsachadh. Tha mi air a bhith ag obair aig a' BhBC ann an Inbhir Nis son bliadhna gu leth agus tha e a' còrdadh rium gu mòr.

Alasdair Friseal

Gu bàrr na duilleig

Rannsaich am BBC

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.