Notaichean Tidseir

Tha an làrach seo ag amas air eòlas, tuigse agus briathrachas mu fhòrsaichean a bhrosnachadh ann an clann òga, ag obair a dh'ionnsaigh na tràth ìre agus a' chiad ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais. Dh'fhaodadh gum biodh cothroman stuth na làraich a cheangal ri cuspairean eile sa Churraicealam cuideachd.

Bheir Soircas nan Deargannan cothrom do chluicheadairean fòrsaichean fhaicinn ag obair. Gheibh iad cuideachd air cluich le uidheamachd soircais leithid trampoilean, dreallag, canan agus paidh chustard.

Tha trì ìrean anns gach gèam - ìre fhurasta, ìre mheadhanach agus ìre nas duilghe. Ann a bhith ag obrachadh a-mach luaths no stiùireadh rud gluasadach, cumaidh na cluicheadairean smachd air caochladairean leithid fàsgadh sprionga, luasgadh, no meud tomaid a' tuiteam air làr-mhaide.

Mar as dorra an ìre den ghèam, tha aig cluicheadairean ri smachd a chumail air suas ri trì caochladairean agus sgilean ro-innis agus reusan a chleachdadh. Dh'fhaodadh cluicheadair obrachadh leis/leotha fhèin, le pàiste eile no mar phàirt de bhuidheann gus cho-dhùnaidhean a dhèanamh.

'S e gèam spòrsail a th' ann an Soircas nan Deargannan. Tha cuid den stuth nas freagarraiche airson clann fo aois sgoile ach tha cuid eile nas freagarraiche airson clann-sgoile, a rèir comas na cloinne agus an ìre aig an cluichear na geamannan.

Dh'fhaodadh cuid de na h-abairtean agus na facail a bhith ùr don chloinn, gu h-àraidh mur eil iad ach air tòiseachaidh ag ionnsachadh na Gàidhlig ach tha na dealbhan ag innse gach sgeòil cuideachd.

Tha ionnsachadh a' gheama seo a' buntainn ri builean a' Churraicealaim airson Sàr-mhathais:

Through everyday experiences and play with a variety of toys and other objects, I can recognise simple types of forces and describe their effects. SCN 0-07a

By investigating forces on toys and other objects, I can predict the effect on the shape or motion of objects. SCN 1-07a

Taic Fuaim is Teacsa
Faodaidh luchd-cleachdaidh cliogadh air a' phutan, Roghainnean, airson:

• teacsa an sgrion ath-mheudachadh
• atharrachadh a dhèanamh air an teacsa is air na dathan cùil
• teacsa an sgrion a chluinntinn ga leughadh a-mach
• fo-thiotalan a thabhainn airson a' chuid mhòr de an t-susbaint.

Fuaim
Cuir am fuaim air airson gun cluinn thu cuideachadh is fiosrachadh bho na caractaran.