Notes for teachers on a Gaelic language geography resource about tourism in Mallorca.

Turasachd



Tha an sgrùdadh a' rannsachadh cuspairean ceangailte ri turasachd agus na buaidhean a th' aige air àiteachan, daoine agus àrainneachd.

Tha an sgrùdadh stèidhichte air Eilean Mhallorca agus tha e a' toirt sùil air buaidh turasachd air an eilean. Tha e cuideachd mar leabhar-iùil air eachdraidh agus chultar an eilein.

Tha cruinneachadh de dh'fhilmean goirid anns an sgrùdadh agus gheibhear thuca le bhith a' cliogadh air na h-ìomhaighean san àrainneachd. Tha iad seo air an dearbhadh air a' chlàr gu h-ìosal. Tha fo-thiotalan an lùib gach bhidio. Tha gach bhidio a' coimhead ri diofar thaobhan de thurasachd air Mallorca agus tha iad air an lìbhrigeadh le daoine òga às an eilean.

Tha na bhidiothan a' gabhail a-steach:

Stiùir cultarail air biadh, ceòl agus eachdraidh Mhallorca

A' rannsachadh nan tràighean turasachd as fheàrr agus nan trioblaidean a tha nan lùib

A' rannsachadh sreath bheanntan agus nan trioblaidean àrainneachd a tha a' nochdadh

Turas timcheall margaid àbhaisteach ann am Mallorca agus am biadh agus na stuthan a tha ri fhaighinn

A' tadhal air tobhtaichean Ròmanach aig Pollentia airson eachdraidh Mhallorca a rannsachadh.

Tha cruinneachadh eile ann de thrì bhidiothan goirid a tha a' toirt eisimpleirean bho air feadh an t-saoghail de dhiofar sheòrsachan turasachd. Tha iad air an dealbh airson beachd nas fharsainge a thoirt air a' chuspair. Gheibhear thuca le bhith a' cliogadh air ìomhaigh an t-saideal air an sgrion.

CUSPAIR BHIDIOTHAN COTHROMAN ÈISTEACHD
Turasachd
  • Thig agus faigh a-mach tuilleadh mu thurasachd air feadh an t-saoghail
  • Sùil air a' bhuaidh a th' aig turasachd air àiteachan san fharsaingeachd - math is dona

  • Thig agus faigh a-mach tuilleadh mu thurasachd air eilean Mhallorca san Spàinn
  • Beagan fiosrachaidh mun eilean, luchd-turais agus mu na dùbhlain

Thig agus faic cuid de na daoine a choinnicheas tu ann am Mallorca

  • Tha deagh mhargaidean iondail ann am Mallorca a tha a' còrdadh ri luchd-turais. Thig agus faigh a-mach tuilleadh
  • Sùil air baile-margaid ann am Mallorca far a bheil biadh agus beathaichean air an rèic

  • Tha eachdraidh inntinneach aig Mallorca. Tadhail air na làraich Ròmanach gus tuilleadh fhaighinn a-mach mu dheidhinn
  • Sùil air àiteachan eachdraidheil ann am Mallorca aig làrach seann bhaile Phollentia, àite a tha còrr air 2000 bliadhna dh'aois

  • Faigh a-mach tuilleadh mu chultar Mhallorca
  • Biadh agus ceòl a tha sònraichte don àite

  • Faigh a-mach tuilleadh mu bheanntan Mhallorca
  • Sùil air Serra de Tramuntana, sreath bheanntan ann an iar-thuath Mhallorca

  • Coimhead na bhidiothan seo gus tuilleadh fhaighinn a-mach mu thurasachd ann an ceàrnaidhean eile dhen t-saoghal
  • Bhidio 1 - Sùil air na Himalayas is gu h-àraidh Everest. An dùbhlan a tha na lùib agus cuideachd na trioblaidean a tha e ag adhbhrachadh. Sùil cuideachd air eachdraidh Machu Picchu ann am Peru agus an cunnart a th'ann gum bi i air a milleadh
  • Bhidio 2 - Mar a dh'atharraich na seòrsa saor-làithean a tha daoine a' gabhail ann am Breatainn agus a' bhuaidh a th' aige seo air àiteachan
  • Bhidio 3 - Tachartasan sònraichte a bhios a' tarraing mòran dhaoine thuca leithid sealladh na grèine a' dol à sealladh; fèis Kumbh Mela sna h-Innseachan agus fèis chràbhach nan Hindu

  • Thig agus faigh a-mach mu thràighean Mallorca agus na dùbhlain aca
  • Na dùbhlain a tha mu choinneamh muinntir Mallorca gus na tràighean a dhìon is aig an aon àm, turasachd a bhrosnachadh

Thig agus cluinn tuilleadh mu aon de na biadhan as ainmeile ann am Mallorca

Thig agus cluinn tuilleadh mu mhargaidh Sineu agus na rudan a gheibhear innte

Thig agus cluinn tuilleadh mu eachdraidh nan seann làrach am Pollentia

Thig agus cluinn tuilleadh mu na tràighean ann am Mallorca agus mu na tha iad a' dèanamh gus an dìon

Tha clann Mhallorca airson taing a thoirt dhuibh airson tadhal orra.


 
 
 

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.