Notaichean tidseir air bhidiothan mun bhiadh eadar-dhealaichte a tha ri fhaighinn ann am Birmingham. Notes for teachers about a study of food in Birmingham.


Tha an sgrùdadh mionaideach seo a' rannsachadh chuspairean co-cheangailte ris an t-seòrsa bidhe a tha sinn ag ithe, co às a tha ar biadh a' tighinn agus mar a dh'fhaodadh am biadh a tha sinn ag ithe a bhith ag innse dhuinn mu chultaran agus fèin-aithneachadh.

Tha an sgrùdadh seo stèidhichte ann am Birmingham agus tha e a' sònrachadh iomadachd chultarail nan daoine agus am biadh a tha ri fhaighinn ann.

Tha cruinneachadh de bhidiothan goirid san sgrùdadh a gheibhear le bhith a' cliogadh air ìomhaighean san àrainneachd. Tha iad seo air an dearbhadh air a' chlàr gu h-ìosal. Tha fo-thiotalan an lùib gach bhidio. Tha gach bhidio a' coimhead ri diofar thaobhan den bhiadh a tha sinn ag ithe.

Tha na cuspairean ris am bheilear a' coimhead a' gabhail a-steach:

Biadh Fairtrade

An seòrsa bidhe a tha fàs gu h-ionadail air lotaichean.

Dè th' ann am margaidhean tuathanaich agus dè a tha a' dèanamh a' bhidhe eadar-dhealaichte bhon bhiadh a thathas a' ceannach anns a' mhòr-bhùth.

Cuairt gu margaidh mhòr airson faicinn dè na dùthchannan às a bheil am biadh againn a' tighinn agus dè cho fad 's a tha aige ri siubhal.

Cuairt gu mòr-bhùth airson faighinn a-mach mar a tha am biadh a tha sinn ag ithe air atharrachadh agus mar a tha seo air a shealltainn anns na seòrsachan bidhe a tha air an reic ann am bùithtean.

Tha cruinneachadh eile ann a tha a' sealltainn trì bhidiothan goirid a tha a' toirt eisimpleirean de bhiadh annasach, mìorbhaileach agus inntinneach. Tha iad seo air an dealbh gus beachd nas fharsainge a thoirt air a' chuspair. Gheibhear thuca le bhith a' cliogadh air ìomhaigh an t-saideal air an sgrion.

CUSPAIR BHIDIOTHAN COTHROMAN ÈISTEACHD
Biadh
  • Faigh a-mach mar a dh'atharraich ar n-iarratasan a thaobh bidhe
  • Atharrachaidhean anns na seòrsaichean bidhe a tha daoine ag ithe an-diugh agus sùil air adhbharan air a shon

  • Faigh a-mach tuilleadh mu bhiadh air feadh an t-saoghail
  • Biadh traidiseanta o air feadh an t-saoghail. Mar a tha biadh a' cur ri ar cultar agus dearbh-aithne nàiseanta. Suidheachaidhean far nach eil gu leòr bidhe aig a h-uile duine. Daoine a' fulang nuair a tha gainnead mhòr bidhe ann, no gorta

  • Faigh a-mach tuilleadh mu biadh san Rìoghachd Aonaichte
  • Ag ithe biadh o dhùthchannan eile a bharrachd air biadh traidiseanta. Sùil air Birmingham, baile làn chultaran agus biadh eadar-dhealaichte

  • Faigh a-mach mu bhiadh Fairtrade
  • Malairt chothromach far a bheil buidhean a' pàigheadh prìs chothromach do na tuathanaich ann an dùthchannan bochda. Ag aithneachadh suaicheantas Fairtrade

  • Faigh a-mach mu co às a tha ar biadh a' tighinn
  • Margaid ann am Birmingham. An seòrsa bidhe a tha ri fhaighinn agus an t-astar a tha cuid den bhiadh air siubhal

  • Faigh a-mach mu mhargaidean thuathanach
  • Tha na tuathanaich a tha a' leasachadh a' bhidhe gu h-ionadail a' tighinn agus a' rèic an stuth aca. A' coimhead air co mu dheidhinn a tha margaidean thuathanach agus dè na buannachdan a tha nan lùib

  • Tadhail air taigh-bidhe lamàcanach agus faigh a-mach tuilleadh mu bhiadh Caribbeanach
  • Biadh Iamàcanach air a chur air dòigh. Callaloo le luinn-iasg agus rus

  • Faigh a-mach mu bhiadh a tha a' fàs air lotaichean
  • Lotaichean Uplands ann am Birmingham. Mar a tha iad ag obair agus na seòrsaichean bidhe a tha air am fàs orra

  • Coimhead na bhidiothan seo agus faigh a-mach mu bhiadh a tha air ithe an ceàrnaidhean eile den t-saoghal
  • Bhidio 1 - Fiosrachadh air mar a tha seòclaid air a dhèanamh agus na h-àitichean far am bi pònair an lus coco a' fàs
  • Bhidio 2 - Na diofar sheòrsaichean bidhe a bhios daoine ag ithe, gu h-àraidh rudan a gheibhear gu nàdarra, leithid bhiastagan agus lusan
  • Bhidio 3 - Mar a tha biadh cudromach aig amannan sònraichte den bhliadhna. Sùil air Fèill Eid a'comharrachadh deireadh Ramadain, Fèill Diwali, àm na Nollaige, àm na Bliadhn' Ùire, a' bhliadhna Ùr Shìonach, Wimbledon, Càrnabhail Notting Hill agus Fèill Tomatina

Thig agus faic cuid de na daoine a choinnicheas tu am Birmingham

Thig agus cluinn dè th' aig clann am Birmingham ri ràdh mu bhiadh

Thig agus cluinn tuilleadh mu na tha aig clann am Birmingham ri ràdh mu bhiadh

Thig agus cluinn tuilleadh bheachdan mun bhiadh a bhios sinn ag ithe

Thig agus cluinn beachdan mu bhiadh à Birmingham


 
 
 

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.