Làrach a' brosnachadh tuigse de shia chuspairean eadar-dhealaichte de Chruinn-eòlas daonna: còmhdhail, ath-chuartachadh, turasachd, biadh, crìochan, agus tuineachadh.

Notaichean Tidseir



Sinne: Daoine, dùthchannan agus dòigh-beatha

Tha an làrach seo ag amas air clann òga a tha ag obair a dh'ionnsaigh a' chiad is an dara ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais ged a tha cuid de na bhidiothan freagarrach airson na treas ìre cuideachd. A bharrachd air an seo, dh'fhaodadh cothroman a bhith ann son luchd-ionnsachaidh na h-àrd sgoile an sgilean Gàidhlig a leasachadh.

Tha fiosrachadh na làraich stèidhchte air sia cuspairean farsaing:

Còmhdhail, Ath-chuairteachadh, Tuineachadh, Biadh, Turasachd agus Crìochan.

'S ann tro bhidiothan agus earrannan èisteachd nan cuspairean seo a gheibhear an cothrom:

  • • Tuigse nas fheàrr fhaighinn air an t-saoghal
  • • Sgrùdadh a dhèanamh air fiosrachadh
  • • Leudachadh air briathrachas Gàidhlig
  • • Ionnsachadh mu dhòighean-beatha dhaoine air feadh an t-saoghail
  • • Tuigse nas fheàrr fhaighinn air rudan sònraichte is luachmhòr nar cultar is ar cànan fhèin
  • • Ionnsachadh mu dhaoine, àiteachan, suidheachaidhean agus cultaran eadar-dhealaichte
  • • Ionnsachadh mu shuidheachaidhean sòisealta agus eaconamach
  • • Ionnsachadh mu chuspairean a tha a' toirt buaidh air feadh an t-saoghail
  • • Ionnsachadh mu bhuaidh ionmhais air dùthaich
  • • A bhith ann an suidheachadh far am feumar taghaidhean cothromach a dhèanamh a tha buintinn ri dìon na h-arainneachd agus cultar ann an dìofar dhùthchannan
  • • Smaoineachadh air diofar dhòighean airson ar n-àrainneachd a dhìon
  • • Sgilean smaoineachaidh a leudachadh agus cothroman beachdachadh air fiosrachadh na làraich
  • • A bhith nas fhiosraichte mu luach diofar chultaran nar coimhearsneachd, nar dùthcha agus gu nàiseanta.

An Dèideag Bhidio

Tha dèideag bhidio air an làraich a bheir don neach-ionnsachaidh earrannan bhidio bho na goireasan bhidio san sgrùdadh. An uair sin faodaidh iad ceòl agus fo-thiotalan a chur ris a' bhidio agus a chluich. Chaidh an gnìomh a dhealbh gus cothrom a thoirt do luchd-ionnsachaidh le diofar ìrean comais agus roghainn obrachaidh.

An Iris

'S e prògram foillseachaidh mullach-deasga a th' anns an Iris. Bheir e cothrom don neach-ionnsachaidh duilleag iris, postair no pròiseact a chruthachadh mu chuspair sam bith bhon sgrùdadh air a bheil iad a' meòrachadh.

A' sàbhaladh obair

Is urrainn do neach obair bhon dèideag-bhidio no bhon Iris a shàbhaladh. Cha bhi an obair air a shàbhaladh ach air a' choimpiutair far an do shàbhail iad e agus is ann dìreach bhon inneal sin a thèid aca air fhaicinn a-rithist. Ma tha tòrr phìosan mòra de dh'obair air a shàbhaladh air an aon choimpiutair, dh'fhaodadh bogsa a thighinn air an sgrion a' faighneach don luchd-cleachdaidh a bheilear ag iarraidh barrachd cuimhne air a' choimpiutair. Feumaidh luchd-cleachdaidh aontachadh ri seo mus tèid aca air obair a bharrachd a shàbhaladh.

Roghainnean

Faodaidh luchd-cleachdaidh am putan roghainnean a bhruthadh airson:

  • • meud teacsa agus dathan na sgrion atharrachadh
  • • èisteachd ri teacsa air a leughadh a-mach
  • • fo-thiotalan a shuidheachadh airson an fhuaim is nam bhidiothan.

Dh'fhaodar am meur-chlàr a chleachdadh airson gluasad tro stuthan.

Tha fiosrachadh agus clàr mu gach cuspair air a dhealbh gus sealltainn mar tha an goireas na thaic gus builean a' Churraicealaim airson Sàr-mhathais a choileanadh. Aig deireadh nan notaichean, gheibhear abairtean farsaing co-cheangailte ri na cuspairean. Dh'fhaodadh gum bi iad feumail nuair a thathar a' planadh mar a chleachdar an goireas seo airson ionnsachadh is teagasg a bhrosnachadh. Chan eil annta ach toiseach tòiseachaidh. Bidh cothroman eile ann cuideachd a rèir 's mar a thathar airson an goireas a chleachdadh.



Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.