Notaichean Pàrant

Tha bhidiothan agus fuaim a' toirt seachad fiosrachadh tha a' buintinn ri diofar dhaoine, àitichean agus dòigh-beatha tro dhiofar chuspairean. Dh'fhaodadh e a bhith air a chleachdadh mar ghoireas rannsachaidh agus airson leudachadh air briathrachas Ghàidhlig. Tha fo-thiotalan rim faighinn airson gach rud.

Tha dèideag bhidio cuideachd air an làraich a bheir don neach-ionnsachaidh earrannan bhidio bho na goireasan bhidio san sgrùdadh. An uair sin faodaidh iad ceòl agus fo-thiotalan a chur ris a' bhidio agus a chluich. Chaidh a' ghnìomh a dhealbh gus cothrom a thoirt do luchd-ionnsachaidh le diofar ìrean comais agus roghainn obrachaidh.

'S e prògram foillseachaidh mullach-deasca a th' anns an Iris. Bheir e cothrom don neach-ionnsachaidh duilleag iris, postair no pròiseact a chruthachadh mu chuspair sam bith bhon sgrùdadh air a bheil iad a' meòrachadh.

A' sàbhaladh obair

Is urrainn do neach obair bhon dèideag-bhidio no bhon Iris a shàbhaladh. Cha bhi an obair air a shàbhaladh ach air a' choimpiutair far an do shàbhail iad e agus is ann dìreach bhon inneal sin a thèid aca air fhaicinn a-rithist. Ma tha tòrr phìosan mòra de dh'obair air a shàbhaladh air an aon choimpiutair, dh'fhaodadh bogsa a thighinn air an sgrion a' faighneach don luchd-cleachdaidh a bheilear ag iarraidh barrachd cuimhne air a' choimpiutair. Feumaidh luchd-cleachdaidh aontachadh ri seo mus tèid aca air obair a bharrachd a shàbhaladh.

Roghainnean

Faodaidh luchd-cleachdaidh am putan roghainnean a bhruthadh airson:

• meud teacsa agus dathan na sgrion atharrachadh
• èisteachd ri teacsa air a leughadh a-mach
• fo-thiotalan a shuidheachadh airson an fhuaim is nam bhidiothan.

Dh'fhaodar am meur-chlàr a chleachdadh cuideachd airson gluasad tron stuth.

Tha an stuth a' ceangal gu soirbheachail leis a' churraicealam ùr, Curraicealam airson Sàr-mhathais. Tro na bhidiothan, chithear eisimpleirean de luchd-ionnsachaidh soirbheachail, com-pàirtichean buadhach, saoranaich ciallach agus daoine misneachail. 'S iad clann à gach àite a tha gar stiùireadh tro na cuspairean. 'S ann air na cuspairean seo a tha an làrach stèidhchte agus gheibhear cuideachd criomagan bhidio le blas eadar-nàiseanta air gach cuspair.

CUSPAIR ÀITE BHIDIOTHAN COIMEIS
Còmhdhail Barraigh A' dol dhan sgoil à Eilean Ulbha, Dòigh-beatha air Tristan da Cunha, Na h-eileanan Galapagos.
Ath-chuairteachadh Èirinn a Tuath Ag ath-chuairteachadh chàraichean ann an Ciùba, Mar a nithear mathachadh-gàrraidh, Dè bhios a' tachairt ri badain?
Tuineachadh A' Chuimrigh Dòigh-beatha ann am Mongolia, Dòigh-beatha ann an Hong Kong, Favelas ann am Brasil.
Biadh Birmingham A' dèanamh seòclaid, Biadh a gheibhear gu nàdarra, Biadh aig tachartasan sònraichte.
Turasachd Mallorca, An Spàinn Himalayas agus Machu Picchu, Mar a tha saor-làithean ann am Breatainn air atharrachadh, Tachartasan le tòrr dhaoine.
Crìochan A' Phòlainn Ameireaga agus Meacsago, Cìopras, Dùthaich nan Basgach.

Tha stuth na làraich a' buintinn ri iomadh cuspair anns a' churraicealam mar cànan, cuspairean sòisealta, saidheans agus foghlam crèideimh am measg feadhainn eile.

Nam biodh sibh airson ùidh a ghabhail ann an ionnsachadh na làraich, dh'fhaodadh na ceistean a leanas a bhith cuideachail airson an còmhradh a thòiseachadh:

Còmhdhail

• Saoil carson a bha drochaid an Eilein Sgitheanaich air a togail?
• Dè na buannachdan is na cnapan-starraidh a bhiodh an lùib a' bhàt'-aiseig?
• Co ris a tha ròidean nan eilean coltach seach ròidean eile?

Ath-chuairteachadh

• Ciamar a b' urrainn dhuinn barrachd ath-chuairteachadh a dhèanamh?
• Dè na seòrsa rudan a b' urrainn dhuinn ath-chuairteachadh?
• Ciamar a b' urrainn dhuinn misneachd a thoirt do dhaoine eile airson ath-chuairteachadh?

Tuineachadh

• Saoil co ris a bhiodh e coltach fuireach ann an eco-coimhearsneachd?
• Dè a b' fheàrr a chòrdadh riut agus dè bhiodh tu ag ionndrainn?
• Saoil carson a dh'atharraich Port Talbot anns na dòighean sna dh'atharraich e?

Biadh

• Dè na buannachdan agus dè an call a bhiodh an lùib lotaichean?
• Ciamar a tha Fairtrade ag obair?
• Dè na diofar seòrsaichean bìdh a tha co-cheangailte ri diofar dhùthchannan?

Turasachd

• Ciamar as urrainn dhuinn Alba a mholadh do dhaoine eile?
• Dè na rudan as fheàrr mu Alba?
• Ciamar as urrainn dhuinn ur n-àrainneachd a dhìon?

Crìochan

• Carson a tha crìochan ann?
• Dè na diofar chrìochan a th' ann am Breatainn?
• Co ris a bhiodh e coltach a bhith a' fuireach faisg air crìoch?