Notaichean Tidsear - Na Geamannan

Na Geamannan



Misean Bhiadhain

'S e gèam clàir èibhinn a tha ann am Misean Bhiadhain a chòrdas ri cluicheadairean còmhla ri bhith na ghnìomh airson fuasgladh cheistean. Faodar an gèam a bhriseadh sìos gu ìrean comais agus tòimhseachain fa leth a sheallas bun-bheachdan sònraichte agus feartan stuthan.

Tha aig cluicheadair ri Bhiadhan a chuideachadh ag atharrachadh gu diofar stuthan, a' seachnadh chunnartan agus cnapan-starraidh airson tilleadh chun nan dèideagan eile. Dh'fhaodar an gèam a chluich no dh'fhaodar tòimhseachan a thaghadh agus bheir seo neach-cluiche gu ceistean a-mhàin. Dh'fhaodar barrachd rannsachadh a dhèanamh mu gach stuth tron Bheing Stuthan.

Nan stuthan: fiodh glainne, pàipear, uisge, seoclaid, clach, foidhl, cotan agus spong.

A' tomhais an seòrsa stuth tha dhìth: neart, cruas, lasantachd, sùbailteachd, sùghadh.

Tha an gèam seo gu h-àraidh ag amas air a' bhuil: Through exploring properties and sources of materials, I can choose appropriate materials to solve practical challenges SCN 1-15a

Abair Biastag

Tha a' ghnìomh seo a' toirt eòlas air bun-bheachd iuchraichean; agus cur chreutairean ann am buidhnean agus seòrsachan a rèir an comharran faicsinneach. Feumaidh an cluicheadair ceithir biastagan a lorg ann an coille-uisge, agus an toirt tro iuchair airson an aithneachadh. Tha bhidio ghoirid ri fhaicinn aig deireadh gach earrann iuchraichean. An uair sin tha na biastagan air an seòrsachadh a rèir àireamh chasan gu frìdean, arachnaidean agus maidhrapodan.

Anns a' ghnìomh seo feumaidh an cluicheadair biastagan annasach aithneachadh. Mar seo chì an cluicheadair ciamar a tha iuchraichean feumail airson rud air nach eil iad eòlach. Anns an roghainn gnìomh gu lèir seo tha an cluicheadair a' faighinn aon seata bhiastagan, agus tha iad ag obrachadh tro na trì earrainnean den ghnìomh a' lorg, ag aithneachadh agus a' seòrsachadh nam biastagan:

  • Tarantula - tarantula
  • Cataididea - Katydid
  • Corra-chòsag nan casan - dearga-red-legged millipede
  • Daolag adharcach - stag beetle
  • Sgairp ìmpireil - imperial scorpion
  • Dealan-dè Ulysses - Ulysses butterfly
  • Seangan airm - army ant
  • Damhan-allaidh an lìn chruinn - web spider
  • Tarbh-nathrach gorm mòr - giant damsel fly
  • Corra-chòsach mòr - giant millipede
  • Damhan-allaidh Seilg - hunting spider
  • Dealan-dè Heliconia - helonica butterfly
  • Ceud-chasach a' chinn dheirg - red headed centipede
  • Ceàrdabhan buachair - dung beetle

Tha an cluicheadair a' toirt gach biastag tro iuchair gus ainm a lorg. Nuair a dh'ainmicheas an cluicheadair gach biastag, chithear bhidio agus fiosrachadh inntinneach mun bhiastaig sin.

Le barrachd obair leasachaidh, tha an gèam seo gu sònraichte ag amas air na builean:

I can distinguish between living and non living things. I can sort living things into groups and explain my decisions SCN 1-01a

I can identify and classify examples of living things, past and present, to help me appreciate their diversity. I can relate physical and behavioural characteristics to their survival or extinction SCN 2-01

Tog Fhèin E!

'S e gèam far am faod an cluicheadair tòimhseachain fhuasgladh no cruthachadh a th' ann an "Tog Fhèin E!", agus eadhon an geamannan fhèin a dhealbh stèidhichte air fòrsaichean putaidh is tarraing, lùth-shuathaidh, sgeing agus bualadh ann an rudan. Faodaidh cluicheadairean an riaghailtean is amasan fhèin a shuidheachadh, agus an gèam aca a shàbhaladh gu àm eile fhad 's a thathar a' cleachdadh an aon choimpiutair.

Tha trì cuspairean an lùib a' gheama seo: spòrs, fon uisge agus fàsach.

Le barrachd obair leasachaidh, tha an gèam seo gu sònraichte ag amas air na bhuilean:

By investigating forces on toys and other objects, I can predict the effect on the shape or motion of objects SCN 1-07a

By investigating how friction, including air resistence, affects motion, I can suggest ways to improve efficiency in moving objects SCN 2-07a






Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.