Fiosrachadh Cairtean Saidheans

Cairtean Saidheans 76-90



Anns a' chlàr chithear cuspair agus fiosrachadh gach cairt. Tha eadar-theangachadh cuid de na facail a leanas agus facail feumail eile rim faighinn air an duilleag Briathrachas Saidheans.

CAIRT FIOSRACHADH
  • Ròcaisean
  • Rooks

Tha ròcaisean is starragan coltach ri chèile. Aithnichidh tu ròcais oir tha aodann glas-gheal oirre is gob nas taine. Is toigh le ròcaisean an caraidean a bhith timcheall orra. Bidh iad a' togail an nid mar bhuidhnean ann an craobhan. 'S e ionad ròcais a chanar ri buidheann nid.

  • Seabhag
  • Acid

Fàisg beagan sùgh lìomaid air buinn sgillinn no dà sgillinn shalach. Glanaidh an searbhag na buinn. 'S e fìon-geur agus còla searbhagan eile a dh'fhaodadh a bhith agaibh san dachaigh. Ciamar a gheibheadh tu a-mach dè am fear as searbhagaiche? Ciamar a dhèanadh tu e na dheuchainn chothromach?

  • Seilcheagan
  • Snails

Bidh seilcheagan a' sileadh làthach shleamhainn gus an cuideachadh a' sleamhnachadh timcheall. Ann an aimsir thioram bidh seilcheagan a' cleachdadh an làthaich gus beàrn an slige a chòmhdach. Bidh an 'doras' seo a' cumail an t-seilcheig fliuch is lìgheach.

  • Sgiathan leòmainn
  • Moth wings

Gu tric tha sgiathan leòmainn an t-aon dath agus pàtran ri na bunan-craoibhe mun cuairt. Tha seo a' cuideachadh nan leòmann a' falach air eòin a bhios gan ithe. Feuch fhèin e: dèan dealbh de leòmann air pìos pàipeir agus cuir dath air. Steig e air bun-craoibhe agus faic an lorg caraid e.

  • Sìl
  • Seeds

Tha sìl anns a h-uile meas. Bidh na sìl a' cruthachadh lusan ùra. Ged is e glasraich a chanas sinn ri rudan mar tomàtothan agus piobairean uaine,'s e measan a th' annta. Tha an sìol as motha anns a' phailm dhùbailte. Faodaidh suas ri 20 cileagram de chuideam a bhith annta. Tha sin mar deich botail mhòra de dheoch-liomaid. Feuch fhèin e: glèidh sìol bho ubhal agus cuir ann am poit ùire e. Fàg ri taobh uinneag e agus cuir beagan uisge air gach latha. Cùm do shùil air agus faic am fàs e.

  • Sleagh caol
  • Javelin

'S e sleagh caol 2.6 meatair a dh'fhaid agus 800 gram a chuideam a th' ann am mòrghath. Bidh e a' snìomh mar a bhios e a' falbh is tha seo ga shocrachadh san èadhar. 'S e Jan Zelezny à Poblachd na Seic am mòrghathair as fheàrr san t-saoghal.

  • Snaganan-daraich
  • Woodpeckers

'S ann ann an craobhan mar as trice tha snaganan-daraich a' fuireach. Bidh iad a' cleachdadh an guib airson tuill a dhèanamh sna craobhan far a bheil iad a' neadachadh. Tha an cinn gu sònraichte làidir. Seasaidh iad ri neartan mòra a bheireadh air neach fannachadh.

  • Sàmhaichean
  • Swimmers

Bidh snàmhaichean a' cleachdadh an làmhan is an casan gus iad fhèin a bhruthadh tron uisge. Thèid iad nas luaithe ma tha iad còmhnard san uisge. Tha sin a' ciallachadh nach eil uimhir aghaidheachd uisge ann airson an slaodachadh. 'S e an snàigeadh aghaidh a' bhuille as luaithe.

  • Sniucair
  • Snooker

Nuair a bhuaileas ball sniucair a tha a gluasad ann am ball sniucair a tha na stad, tha am ball a tha na stad air a shàthadh agus a' tòiseachadh a' gluasad. Ach tha e a' sàthadh air ais an aghaidh a' bhuill a bhuail ann, agus tha am ball sin a' slaodachadh no a' stad. Feuch fhèin e: roilig marbal a-null gu sreath de mharbalan nach eil a' gluasad agus faic dè thachras.

  • Snoileòin
  • Bluetits

San earrach bidh snoileòin fireann is boireann a' lorg nead còmhla. Bidh iad tric a' togail nid ann an craobhan ach uaireannan nì iad dachaigh ann am bogsaichean nid. Bidh an t-snoileun boireann a' breith eadar seachd is trì-deug uighean. Thig na uighean a-mach an dèidh cola-deug. Cuidichidh tu snoileòin is tòrr eòin eile le bhith cur biadhadairean-eòin a-mach sa gheamhradh.

  • Sòfa
  • Sofa

Bidh tòrr stuthan eadar-dhealaichte ann an sòfa. Stuth cotain airson còmhdaichean, frèam fiodha airson a bhith làidir, springean cruadhach airson sgeing agus rubair bog uthain gus na cuiseanan a lìonadh.

  • Sprionga
  • Spring

Tha bann lastaig ag obair mar sprionga nuair a tharraingeas tu e. Tarraing e agus an uair sin leig às e. Faic am bann a' leum air ais chun an fhaid a bha e bho thus.

  • Suathadh làmhan
  • Rubbing hands

Nuair a shuathas rudan ri chèile, bidh iad a' cruthachadh neart ris an canar lùth-suathaidh. Bidh lùth-suathaidh a' slaodachadh rudan, agus cuideachd gan teasachadh. Feuch fhèin e: suath do làmhan ri chèile. Bidh lùth-suathaidh gam blàthachadh.

  • Taidhr air rathad
  • Cradle skid

Tha a' chreathall shònraichte fon chàr seo a' cuideachadh an luchd-togail airson an càr a mheas air rathaidean reòthte Tha e ag ìsleachadh an t-suathaidh eadar taidhr a' chàir is an rathad dìreach mar gum biodh an càr dha-rìribh air deigh shleamhainn. Seall air a' cur nan car.

  • Tilgeil an ùird
  • Hammer throwing

Ann an Tilgeadh an Ùird bidh lùth-chleasaichean a' siudadh òrd 7.2 cileagram timcheall an cinn air uèir 1.2 meatair. Mar as luaithe a shiudas an t-òrd 's ann as fhaide a dh'fhalbhas e nuair a leigeas an lùth-chleasaich às e. Stèidhich Yuriy Sedykh an tilgeadh ùird a b' fhaide air an t-saoghal aig 86.74 meatairean ann an 1986.

Anns a' chlàr chithear cuspair agus geàrr-chunntas de fhiosrachadh nan càirtean dèanaidh. Dh'fheumar moladh dhan chloinn a bhith mothchail mu shàbhailteachd gach obair phractaigich agus a bhith cinnteach gu bheil inbheach còmhla riutha.

Air ais | 





Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.