Notaichean Tidseir

Fiosrachadh Cairtean Saidheans 31-45



Anns a' chlàr chithear cuspair agus fiosrachadh gach cairt. Tha eadar-theangachadh cuid de na facail a leanas agus facail feumail eile rim faighinn air an duilleag Briathrachas Saidheans.

CAIRT FIOSRACHADH
  • Deigh a' leaghadh
  • Melting ice

Ma theasaicheas deigh thàthte tionndaidhidh i na uisge lionnte. Dh'fhaodadh blàthachadh na cruinne na tha de dheigh aig a' Phòla a Tuath a leaghadh sna ath cheud bliadhna. Nuair a dh' fhàsas uisge blàth tionndaidhidh e na ghas san àile. Canaidh sinn 'smùid' ris a' ghas seo. Faodaidh creagan teth faisg air bholcànothan toirt air smùid spùtadh a-mach às an talamh.

  • Deuchainnean factaraidh
  • Industrial testing

Nuair a thathas a' dèanamh rudan ann am factaraidh, thathas gan cur fo dheuchainn mus tèid an cur gu bùithtean airson an reic. Tha na deuchainnean sin a' dèanamh cinnteach gu bheil na rudan sàbhailt is ag obair mar as còir. Feumaidh an deuchainneachadh seo a bhith cothromach. Ann an deuchainn chothromach feumaidh gach rud a bhith san aon òrdugh gach uair a thèid a chleachdadh - ach a mhàin an nì a tha thu a' deuchainneachadh. Dè a thachradh mur a biodh sinn a' cur rudan fo dheuchainn?

  • Dobhair-choin
  • Beavers

Chleachd dobhair-choin a bhith air feadh Bhreatainn ach chaidh an sealg a-mach à bith. Bhathas gan sealg airson am bèin is airson ceimic nan cuirp a tha ag obrachadh mar aspirin. Ach ann an Alba thathas an dòchas an toirt air ais.

  • Duilleag-bhàite
  • Pondweed

Bidh duilleag-bhàthte a' fàs ann an uisge ciùin. Tha gach lus a' fàs gu mu thrì meatair. Bidh duilleag-bhàthte a' cuideachadh beathaichean lòin a' tarraing anail le bhith a' dèanamh builgeanan beaga ocsaidein san uisge.

  • Einnsean plèana
  • Jet engine

Tha steall èadhair air a shàthadh a-mach à einnsean plèana aig astar luath. Tha an sàthadh seo a' toirt air a' phlèana gluasad an aghaidh a cùrsa, agus mar a tha e a' cumail a' sàthadh, tha am plèana a' cumail a' dol nas luaithe 's nas luaithe. Feuch fhèin e: dèan seit-einnsean. Cuir gaoth ann am bailiùn, agus an uair sin leig às e gun snaidhm a chur air. Faic e a' sgèith air feadh an àite. Cuir sgiathan cairt-bhòrd air a' bhailiùn le teip steigeach. An toir thu air sgèith ann an loidhne dhìrich?

  • Èisg
  • Fish

'S e nàdar de lùth-shuathaidh a th' ann an aghaidheachd uisge. Tha cumadh rèidh is còmhnard air èisg. Tha seo a' toirt cothrom dha uisge sgiorradh nas fhasa seachad air an cuirp, aghaidheachd uisge ìsleachadh agus an astar a mheudachadh. 'S e an cairbhean an t-iasg as luaithe a chaidh a chlàradh a-riamh. Rinn e ceud agus a naoi cilimeatairean san uair. Tha sin nas luaithe na cheetah.

  • Fàilidhean
  • Smells

Mur eil iad ann an soitheach, bidh gasaichean a' sgaoileadh a-mach gu luath. Chan fhuirich iad san aon àite. Tha a' chuid as motha de ghasaichean cumanta neo-fhaicsinneach - ach tha fàileadh làidir bho chuid dhiubh. Feuch fhèin e: iarr cùbhrachd air iasad agus cuir aon bhoinneag ann an truinnsear. Iarr air caraid seasamh trì ceumannan air falbh len sùilean dùinte. Dè cho fad 's a bheir e mus fhairich do charaid fàileadh na cùbhrachd? Nuair a dh'fhalbhas am fàileadh, gabhaibh àite càch a chèile, agus feuch a-rithist e. Ciamar a dhèanadh tu seo na dheuchainn chothromach?

  • Fanain plèana
  • Aeroplane emergency slides

Nuair a thig air daoine teicheadh à plèana ann an èiginn cleachdaidh iad na fanain sin. Tha am fanan air leth rèidh. Cumaidh seo daoine bho bhith glacte le bhith ag ìsleachadh an lùth-shuathaidh ach a-mhàin air bonn an fhanain. An seo tha pìos garbh a' cur maill air daoine gus nach tuit iad is nach goirtich iad iad fhèin.

  • Faoileagan
  • Seagulls

Gluais truinnsear pàipeir gu socair san adhar. A-nis gluais an truinnsear nas luaithe agus fairichidh tu an èadhar a' bruthadh air ais an aghaidh an truinnseir Dè ma dh'fheuchas tu truinnsear nas motha? Am fairich thu an aghaidheachd èadhair?

  • Farpaisean an duine làidire
  • Truck pull

Ann am farpaisean an duine làidire bidh aig co-fharpaisich ri truca a shlaodadh gu math tric. Tha mu chòig-deug tunna a chuideam san truca is feumar a shlaodadh fichead meatair. Ach 's e an rud as dorra toirt air an truc gluasad sa chiad àite.

  • Fàs dhaoine
  • Human growth

'S ann anns a' chiad sia mìosan dem beatha as luaithe tha daoine a' fàs. An dèidh sin tha am fàs a' slaodachadh beagan. Mura biodh, bhiodh mu thrì billean tunna annad mun àm a ruigeadh tu trithead.

  • Feòcallain
  • Polecats

Bidh feòcallain ag innse dha chèile far a bheil iad a' fuireach le bhith sgaoileadh lionn grod bhon tòin. 'S toigh leotha bhith fuireach ann an coilltean far am faigh iad am biadh as fheàrr leotha leithid choineanaich, eòin, uighean is losgainn. Uaireannan crùbaidh iad ann an sabhalan blàth a-mach às an fhuachd.

  • Feòragan
  • Squirrels

Bidh feòragan a' cruinneachadh chnothan as t-fhoghar ach chan ann airson a bhith cluich leotha. Bidh iad a' toirt nan cnothan deàlrach a-mach às na cèisean spìceach is gan tiodhlacadh còmhla ri cnothan eile leithid bachar. Nuair a thig an geamhradh fuar, tha stòr de bhiadh blasta aig an fheòraig airson ith.

  • Fionnanan-feòir
  • Grasshoppers

Tha fionnanan-feòir Breatannach mu mheud bonn nota. Leumaidh iad fichead uiread an cuirp. Nan dèanadh tusa sin leumadh tu àirde togalaich seachd làirich. Bidh fionnanan-feòir a' spùtach a-mach salchar donn gus teich a chur air an nàimhdean.

  • Fosailan
  • Fossils

Milleanan bliadhna air ais chaidh beathach no lus mharbh a chòmhdach ann am poll. Nuair a lobh am beathach no an lus dh'fhàg e a chumadh fhèin sa pholl. Tro thìde chaidh gràinnean gainmhich is creige a nighe a-steach dhan mholltair seo is thàinig iad ri chèile mar an rud ris an canar fosail. Innsidh fosailean dhuinn mu bheathaichean o chionn fhada - leithid dineosaran.

Anns a' chlàr chithear cuspair agus geàrr-chunntas de fhiosrachadh nan càirtean dèanaidh. Dh'fheumar moladh dhan chloinn a bhith mothchail mu shàbhailteachd gach obair phractaigich agus a bhith cinnteach gu bheil inbheach còmhla riutha.






Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.