Cairtean Saidheans

Fiosrachadh Cairtean Saidheans 16-30



Anns a' chlàr chithear cuspair agus fiosrachadh gach cairt. Tha eadar-theangachadh cuid de na facail a leanas agus facail feumail eile rim faighinn air an duilleag Briathrachas Saidheans.

CAIRT FIOSRACHADH
  • Bòrdaichean- sneachda
  • Snow-boarders

Ruigidh bòrdaichean-sneachda astair còrr is dà cheud cilemeatair san uair. Tha sneachd sleamhainn is tha e a' lùghdachadh an lùth-shuathaidh eadar an talamh is am bòrd. Mar sin siubhlaidh bòrdaichean-sneachda luath dha-rìribh.

  • Bruic
  • Badgers

Bidh bruic ag ith freumhan, dearcagan, sìl, seilcheagan, boiteagan, ruagairean, losgainn, radain agus luchan. Mmm. Bidh iad a' fuireach ann am buidhnean teaghlaich. 'S e tuill a chanar ri na dachaighean aca. Bidh bruic a' cladhach rumannan fo-thalamh, co-cheangailte le tunailean. Bidh iad a' stòradh an cuid bidhe ann an rùm mòr nan toll.

  • Burrais
  • Caterpillars

'S e duilleagan as motha a bhios burrais ag ith. Feumaidh iad tòrr ithe gus am bi de lùth annta a thèid nan leòmainn is nan dealain-dè. Mar a tha iad a' fàs tha an craiceann a' fàs ro bheag dhaibh is bidh iad ga thilgeil. Dìreach mar a dh' fhàsas d' aodach ro bheag dhut fhèin. Faodaidh beatha burrais a bhith na ghnothach cunnartach. Tha breug-riochd air leth cudromach oir is toigh le tòrr eòin an ithe.

  • CDan
  • CDs

Tha CDan gan dèanamh à plastaig is tha filleadh meatailt annta ris an canar alman. Bithear a' cleachdadh alman cuideachd airson sgeileadan a dhèanamh. Bidh leusair a' cur slaicean beaga air uachdar an CD. Tha pàtran nan slaic a' dèanamh còd airson fiosrachadh a stòradh. Tha mu thrì billean (3,000,000,000,000) slaic air.

  • Cèic
  • Cake

Iarr air inbheach do chuideachadh leis an fhear seo. Measgaich dà ugh air am bualadh, dà cheud agus caogad gram flùir le fùdar-fuine, ceud, fichead 's a còig gramime, ceud, fichead 's a còig gram siùcair donn mìn agus trì bananathan mòra, air am pronnadh. Dòirt an taois ann an tiona mhòr airson aran no cèic. Bruich an taois ann an àmhainn aig ceud agus ochdad puing Celsius airson uair a thìde. Thoir a-mach e, leig leis fuarachadh, agus gabh do leòr.

  • Cìochag-thràghad
  • Anemone

Tha cìochag-thràghad coltach ri flùraichean ach 's e beathaichean a th' annta. Bidh iad a' gluasad cho slaodach is gu bheil e doirbh dèanamh a-mach an do ghluais iad idir. Bidh na greimichean dathte aca a' glacadh, a' guineadh is a' marbhadh an creiche. Bidh cìochag-thràghad ag ithe is a' salach tron aon tholl.

  • Corrain itealaich
  • Boomerang

Tha tùsanaich Astràilia air a bhith a' cleachdadh chorrain itealaich airson 10, 000 bliadhna. Nuair a thèid corran-itealaich a thilgeadh ceart, snìomhaidh e san èadhar. Tha cumadh nan corran-itealaich a' toirt orra itealaich ann an cearcall gus an till iad thugad. Ach feumaidh tu fàs cleachdte ris.

  • Creagan
  • Rocks

Co mheud clach de dhiofar dath a chruinnicheas tu? An lorg thu clachan srianach? Dè tha thu a' smaoineachadh a tha seo a' ciallachadh?

  • Crolaidh
  • Curling

'S e gèam traidiseanta Albannach air a chluich air deigh a th' ann an crolaidh. Bidh aon chluicheadair a' bruthadh clach throm a dh'ionnsaigh targaid air an deigh. Bidh na cluicheadairean eile an uair sin a' lìomhadh na deighe air beulaibh na cloiche airson an làr a dhèanamh nas sleamhainne. Le bhith a' stèidheachadh sleamhna na deighe, gheibh iad air a' chloich a stiùireadh dìreach gu far a bheil iad ga h-iarraidh.

  • Cudrom-siùdain
  • Pendulum

Dèan cudrom-siùdain le sreang agus crèadh-deilbhidh. Cleachd teip steigeach airson an t-sreang a chur air cliathaich bùird, agus thoir air luasgadh bho thaobh gu taobh. Tomhais an ùine a bheir e mus stad e. An lorg thu dòigh air toirt air luasgadh airson barrachd ùine? An lorg thu dòigh air toirt air gluasad nas luaithe?

  • Cuibhlichean rubair
  • Oil skid

Greimichidh cuibhlichean rubair gu math air uachdar garbh rathaid air sgàth neart ris an canar lùth-shuathaidh. Ach ma nithear uachdar an rathaid nas rèidhe is nas deàlraiche chan eil uimhir de lùth-shuathaidh ann. Tha seo a' ciallachadh nach greimich na cuibhlichean cho math.

  • Cumadh na duilleige
  • Leaf-shapes

Faodar lusan a chur ann am buidhnean a rèir cumadh na duilleige aca. Tha duilleagan leathann mòr agus còmhnard. Tha duilleagan cumhang fada agus tana. Tha duilleagan dealgach a' tighinn gu gob biorach. Feuch fhèin e: Cruinnich duilleagan a tha air tuiteam anns a' ghàrradh, no anns a' phàirc, agus dèan dealbh leotha.

  • Daimh-fèidh
  • Stag

Bidh daimh-fèidh a' brùthadh a chèile le na cabair aca. Faodaidh damh ruadh a bhith cho trom ri ceud agus seasgad cileagram. Tha sin nas truime na sianar chloinne aois ochd bliadhna. Nuair a shàthas dà fhorsa an aghaidh a chèile, 's e am forsa as motha a bhuannaicheas. Feuch fhèin e: feuch gleac-gàirdein còmhla ri do charaidean. Cò tha a' dèanamh am forsa as motha?

  • Damhain-nathrach
  • Dragonflies

Bidh damhain-nathrach a' tòiseachadh mar bhògasan gun sgiathan ris an canar ainnirean. Bidh ainnirean a' fuireach air bonn lòin airson suas ri còig bliadhna. Tha ceithir sgiathan air damhain-nathrach inbhidh. Faodaidh na cuirp aca a bhith gorm, uaine no dearg, le comharran dubha, geala no buidhe. Bidh damhain-nathrach ag ithe bhiastagan iteach nas lugha. Chì iad iad bho suas ri sia meatairean bhuapa agus sgiutaidh iad air an creich aig còrr is naochad 's a còig cilimeatair san uair.

  • Dath pinn fealt
  • Ink blob

Tha an dath ann am pinn fealt air a dhèanamh bho dhiofar cheimigean.Cuir cnap de dhath le peann fealt air pàipear cidsin. Leig leis tiormachadh. Feuch fhèin e: Cuir aon bhoinneag uisge air a' chnap thioram. Sgaoilidh cearcaill de dhath a-mach bhuaidhe. Tha iad a' sealltainn nan ceimigean de dhiofar dhathan a rinn suas an dath anns a' pheann.

Anns a' chlàr chithear cuspair agus geàrr-chunntas de fhiosrachadh nan càirtean dèanaidh. Dh'fheumar moladh dhan chloinn a bhith mothchail mu shàbhailteachd gach obair phractaigich agus a bhith cinnteach gu bheil inbheach còmhla riutha.






Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.