Fiosrachadh mu Chairtean Saidheans

Fiosrachadh Cairtean Saidheans 1-15



Anns a' chlàr chithear cuspair agus fiosrachadh gach cairt. Tha eadar-theangachadh cuid de na facail a leanas agus facail feumail eile rim faighinn air an duilleag Briathrachas Saidheans.

CAIRT FIOSRACHADH
  • A' dèanamh suiteas
  • Sweet-making

Ma theasaicheas tu siùcar is ìm, thèid iad nan lionn. Nuair a leigeas tu le na grìtheadain fuarachadh thèid iad nan tofaidh cruaidh. Tha seoclaid annasach, leaghaidh e aig 30 puing celcius. Tha seo a' ciallachadh gun leagh e nad bheul.

  • A' leaghadh salann
  • Disolving salt

Cuir làn spàin-teatha de shalann mun cuairt ann an leth glainne de dh'uisge. Chì thu gun leagh an salann. Cùm ort a' cur salann ann agus ga chur mun cuairt. Mu dheireadh, cha leagh an còrr den t-salann. Co mheud spàin salainn a leaghas ann an leth glainne de dh'uisge? Faigh glainne eile, leis an aon uimhir de dh'uisge, agus feuch an t-aon deuchainn le siùcar. An e siùcar no salann as motha a leaghas ann an uisge? Na òl an t-uisge. Faodaidh uisge le salann do dhèanamh glè thinn.

  • A' leaghadh seòclaid
  • Melting Chocolate

Iarr air inbheach do chuideachadh leis an fhear seo. Goil beagan uisge ann an sgeileid. Cuir seoclaid ann am bobhla glainne, agus cuir am bobhla glainne dhan sgeileid, gus am blàthaich an t-uisge am bobhla. Cuir an t-seoclaid mun cuairt gus an leagh e gu lionn mìn, bog. Gu faiceallach, dòirt an t-seoclaid leaghte ann am molltair, agus cuir am molltair san fhionnaradair. An ceann uair a thìde, bu chòir don seoclaid a bhith tàthte a-rithist.

  • A' measgachadh ola agus uisge
  • Mixing oil and water

Cuir beagan ola agus beagan uisge ann am botal. Am faigh thu air am measgachadh? Faic dè thachras ma chuireas tu boinneag de stuth-nighe shoithichean na mheasg.

  • A' teasachadh meatailt
  • Molten Metal

Nuair a theasaicheas tu meatailt tionndaidhidh e na lionn ruitheach. Mar sin gheibh thu air a dhòrtadh ann am molltairean de chumaidhean eadar-dhealaichte. Nuair a dh' fhàsas e fionnar is tàthte a-rithist bidh cumadh eadar-dhealaichte air. Bhathas a' cleachdadh an dòigh seo airson gàinnean is claidheamhan a dhèanamh. An-diugh thathas ga chleachdadh airson pàirtean einnsein is camain goilf.

  • Acrobatan
  • Acrobats

Tha acrobatan fìor mhath air socrachadh. Bidh iad a' cleachdadh forsaichean airson an cuideachadh le seo. Nuair a tha dà acrobat a' socrachadh còmhla tha iad le chèile a' bruthadh no a' slaodadh. Airson fuireach socraichte feumaidh na forsaichean a bhith co-ionnan. Ach airson gluasad, feumaidh aon fhorsa a bhith nas motha.

  • Aghaidheachd èadhair
  • Wind tunnel

'S e nàdar de lùth-shuathaidh a th' ann an aghaidheachd èadhair. Bidh e a' slaodachadh rudan a bhios a' gluasad tron èadhar. Nuair a tha thu a' togail rudan a dh'fheumas siubhal luath, leithid chàraichean no phlèanaichean bidh thu airson aghaidheachd èadhair a lùghdachadh. 'S e còmhnardachadh a chanar ri seo. Faodaidh tu meas dè cho còmhnard is a tha rud ann an tunail gaoithe. Tha seo glè fheumail nuair nach eil e sàbhailt rud a mheas taobh a-muigh obair-lann no bùth-obrach.

  • Algaich
  • Algae

'S e lusan beaga bìodach a tha a' fuireach san uisge a th' ann an algaich. Leis an t-solas is an teòthachd cheart, fàsaidh is ginidh iad. Uaireannan tha uimhir de na lusan beaga sin ann is gun atharraich dath an uisge. Chleachd daoine a bhith a' smaoineachadh gun robh uisge ann an lochan is lòin ag atharrachadh dath tro dhraoidheachd, ach 's e algaich bheaga bhìodach as coireach.

  • Baidhsagalan
  • Bike manufacture

Tha baidhsagal air a dhèanamh à tòrr sheòrsachan stuthan. Feumaidh tu frèam gus am bi e làidir airson tac a thoirt dhut ach aotrom gu leòr airson do shlaodachadh. Bu chòir taidhrichean a bhith teann is sùbailte airson gluasad gu socair thairis air clachan biorach. An urrainn dhut baidhsagal a dhealbhadh? Dè na stuthan a chleachdadh tu?

  • Bailiùn helium
  • Helium balloon

Cuir gaoth ann am bailiùn agus leig às e. A bheil am bailiùn ag èirigh suas no nach eil? A bheil seo a' ciallachadh gu bheil carbon dà-ocsaid nas aotruime no nas truime na èadhar?

  • Bàirnich
  • Barnacles

Bidh bàirnich is faochagan a' greimeachadh ri na creagan le bhith sileadh seòrsa de shaimeant. Tha seo a' ciallachadh gun seas iad ri na stuaghan as cumhachdaiche. Gheibh bàirnich air an cur fhèin an sàs ann an soithichean. Faodaidh seo maill cho mòr a chur air soitheach is gur dòcha gum feum i suas ri trìthead às a' cheud connaidh a bharrachd.

  • Ballachan taighe
  • Cavity Walls

Tha uthan sònraichte ga phumpadh a-steach tro bhallachan do thaighe. Tha an t-uthan ag obrachadh mar phlaide; tha e a' cumail an teas a-staigh is gad chumail fhèin is do thaigh blàth sa gheamhradh.

  • Bàtaichean-aigeil
  • Submarines

Tha bàtaichean-aigeil air an cumadh gu sònraichte airson siubhal gu furasta tro uisge. Tha pàirt falamh annta a bhios a' lìonadh le uisge. Tha seo gan dèanamh nas truime gus an tèid iad fodha. Nuair bhios iad airson fleòdradh leigidh iad a-mach an t-uisge is èiridh iad chun uachdair.

  • Bholcàno
  • Volcano

Fàisg beagan sùgh lìomaid air buinn sgillinn no dà sgillinn shalach. Glanaidh an searbhag na buinn. 'S e fìon-geur agus còla searbhagan eile a dh'fhaodadh a bhith agaibh san dachaigh. Ciamar a gheibheadh tu a-mach dè am fear as searbhagaiche? Ciamar a dhèanadh tu e na dheuchainn chothromach?

  • Biadh nan lusan
  • Food chains

Nì lusan am biadh fèin bho shoals-grèine, uisge agus èadhar. Bidh beathaichean ag ithe luasan, no ithidh iad beathaichean eile a tha air lusan ithe. Mura biodh lusan ann cha bhiodh beathaichean no daoine ann. Feuch fhèin e: Dèan dealbh de na beathaichean a chì thu a-muigh. Dèan dealbh de na bhios gach beathach ag ithe. An e lusan no beathaichean eile a bhios e ag ithe?

Anns a' chlàr chithear cuspair agus geàrr-chunntas de fhiosrachadh nan càirtean dèanaidh. Dh'fheumar moladh dhan chloinn a bhith mothchail mu shàbhailteachd gach obair phractaigich agus a bhith cinnteach gu bheil inbheach còmhla riutha.






Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.