Notaichean Pàrant Safaraidh Saidheans

Notaichean Pàrant



Tha an làrach seo ag amas air clann a bhrosnachadh gus eòlas is tuigse fhaighinn air Saidheans agus a bhriathrachas. Tha i freagarrach do chlann a tha ag obair a dh'ionnsaigh a' chiad is an dàrna ìre den churraicealam ùr, Curraicealam airson Sàr-mhathais.

A' dràibheadh bhan mu chuairt Safaraidh Saidheans, tha cothrom aig a' chloinn air trì geamannan Misean Bhiadhan, Abair Biastag agus Tòg Fhèin E! a chluich agus cairtean saidheans a chruinneachadh.

Misean Bhiadhan

'S e gèam spòrsail airson fuasgladh cheistean a tha ann am Misean Bhiadhain.

Tha aig cluicheadair ri Biadhan a chuideachadh ag atharrachadh gu diofar stuthan, a' seachnadh chunnartan agus cnapan-starraidh airson tilleadh chun nan dèideagan eile. Dh'fhaodar an gèam a chluich mar a tha no dh'fhaodar tòimhseachan a thaghadh agus bheir seo neach-cluiche gu ceistean a-mhàin. Dh'fhaodar barrachd rannsachadh a dhèanamh mu gach stuth tron bheing stuthan.

Faodar an gèam a bhriseadh sìos gu ìrean comais agus tòimhseachain fa leth a sheallas bun-bheachdan sònraichte agus feartan stuthan.

Abair Biastag

Tha a' ghnìomh seo a' toirt eòlas air bun-bheachd iuchraichean, a' cur chreutairean ann am buidhnean agus seòrsachan a rèir an comharran faicsinneach. Feumaidh an cluicheadair ceithir bhiastagan a lorg ann an coille-uisge agus an toirt tro iuchair airson an aithneachadh. Tha bhidio ghoirid aig deireadh gach earrainn iuchraichean.

Tòg Fhèin E!

'S e gèama a th' ann an Tog Fhèin E! far am faod an cluicheadair tòimhseachain fhuasgladh no an cruthachadh, agus eadhon an geamannan fhèin a dhealbh stèidhichte air neartan putaidh is tarraing, lùth-suathaidh, sgeing agus bualadh ann an rudan. Faodaidh cluicheadairean an riaghailtean is amasan fhèin a shuidheachadh, agus an gèam aca a shàbhaladh gu àm eile fhad 's a thathar a' cleachdadh an aon choimpiutair. Tha trì cuspairean an lùib a' gheama seo: spòrs, fon uisge agus fàsach.

Mapa Safaraidh Saidheans

Tha am mapa safari a' toirt thar-sealladh air na trì geamannan. Gheibhear thuca bhon mhapa le bhith a' bruthadh air an ìomhaigh, no faodar am mapa a dhùnadh agus a' bhan a dhràibheadh a dh'ionnsaigh gèam.

Na Cairtean Saidheans

Tha bhidio is teacsa an lùib a' mhòr chuid de chairtean. Tha cothrom ann na cairtean saidheans a rèiteachadh no a shuapadh leis a' choimpiutair. 'S iad na 90 cairt air fad a chruinneachadh prìomh amas an Safaraidh.

'S ann tro chùl na bhan a chìthear cairtean saidheans cruinnichte. Brùth air a' bhana fhèin no air ìomhaigh nan dorsan aig bàrr na sgrion airson a dhol a-steach ann. Gheibhear 5 chairtean an-asgaidh aig toiseach an Safaraidh. Cosnaidh cluicheadairean cairtean a bharrachd le bhith a' cluich gheamannan agus a' dràibheadh mun cuairt eatorra. Tha cothrom ann cairtean cruinnichte a shàbhaileadh ach dh'fheumar an aon choimpiutair agus an aon ainm a chleachdadh gach turas gus seo a dhèanamh. Ma shàbhaileas duine eile obair fon aon ainm, thèid an obair tùsail a chall.

A' dealbhachadh na bhana

Fhad 's a tha iad a' dràibheadh, thèid an cothrom a thabhann do chluicheadair a' bhana a dhealbhachadh le bhith a' cur dath, steigearan no solais eile oirre no na cuibhlichean atharrachadh.

Seataidhean
Tron phutan Seataichean aig bàrr na sgrìon, faodaidh cluicheadair taghadh a dhèanamh eadar:
  • • Mapa air/dheth
  • • Fuaim air/dheth

Roghainnean
Faodaidh luchd-cleachdaidh am putan roghainnean a bhruthadh airson:
  • • meud teacsa agus dathan na sgrion atharrachadh
  • • èisteachd ri teacsa air a leughadh a-mach
  • • fo-thiotalan a shuidheachadh airson an fhuaim is nam bhidiothan.

Gabh pàirt
Nam biodh sibh airson ùidh a ghabhail ann an ionnsachadh na làraich dh'fhaodadh sibh:
  • • taic a thoirt airson obair phractaigeach nan cairtean dèanaidh a dhèanamh
  • • diofar stuth air a bheil eòlas aig a' chloinn a rannsachadh
  • • a dhol air turas a' coimhead a-mach airson meanbh-bhiastagan, 's ma dh'fhaodte iuchar a dhèanamh leis an fhiosrachadh
  • • neart, crus, lasainteachd, sùbailteachd is sùghadh diofar stuthan a rannsachadh
  • • gèam targaid a dhealbh.






Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.