Notaichean do Phàrantan is Thidsearan

Suas dha na Speuran!

Siubhail tro na speuran gus stòiridhean, òrain agus geamannan do chlann eadar 4-7 a lorg.

Mun làraich



'S e goireas sùbailte a th' ann an Rocaid, a tha freagarrach dha luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig le bhith a' tabhann dùbhlan agus daingneachadh co-cheangailte ris a' chànan agus a structairean tro bhith a' sgrùdadh GLPS no obair coltach ris anns a' Chiad is an Dàrna ìre de fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.

Tha an goireas seo a' soilleireachadh prionnsabalan a' Churraicealaim airson Sàr Mhathais le bhith a' tabhann farsaingeachd de shuidheachaidhean is ghnìomhan brosnachail a bheir dùbhlan is tlachd tro raon ghnìomhan. Tha eileamaidean ann de phearsantachd is roghainn far am faod luchd-cleachdaidh deireadh na sgeòil ann an aon ghnìomh a thaghadh a thuilleadh air adhartas far am bi an neach-cleachdaidh a' cruthachadh a chuid sgrìobhaidh fhèin anns a' chànan chuimsichte. A rèir aois is comas na cloinne sa Ghàidhlig, dh'fhaodadh cuid de na sgeulachdan is na gnìomhan a bhith nas freagarraiche na feadhainn eile.

Faodar an goireas seo a chleachdadh mar aon de mhòran gus taic a chur ris an Eòlas is na Builean a leanas. Faodaidh e bhith gun tèid Eòlas is Builean eile fhàgail às, a rèir an ionnsachaidh air a bheilear a' cuimseachadh.

GÀIDHLIG (LUCHD-IONNSACHAIDH)

Ag èisteachd airson Fiosrachadh

Gheibh mi air pàirt a ghabhail ann an tachartasan spòrsail is geamannan co-cheangailte ri bàrdachd shìmplidh, sgeulachdan eòlach agus atharraisean goirid agus air facail is abairtean Gàidhlig air a bheil mi eòlach, fhuaimneachadh (LGL 1-01a)

Gheibh mi air èisteachd agus air tuigsinn stiùireadh is cànan bho guthan is tùsan air a bheil mi eòlach (LGL 2-01a)

A' Cleachdadh Eòlas mu Chànan

Nuair a tha mi a' leughadh leam fhìn no còmhla ri càch, thèid agam air facail eòlach agus abairtean is rosgrannan sìmplidh a leughadh (LGL 1-07a)

Gheibh mi air an eòlas a th' agam air cànan is fuaimneachadh a chleachdadh gus dèanamh cinnteach gu bheil daoine eile gam thuigsinn nuair a tha mi a' leughadh a-mach no ag ràdh facail, abairtean agus teacsan goirid (LGL 2-07a)

A' Lorg is a' Cleachdadh Fiosrachadh

Tha mi air a bhith ag obair leam fhìn agus còmhla ri càch agus as urrainn dhomh mo thuigse air facail, soidhnichean is abairtean ann an cànan sìmplidh a chur an cèill (LGL 1-08a)

Tha mi air a bhith ag obair leam fhìn agus còmhla ri càch, a' cleachdadh goireasan freagarrach, airson tuigse fhaighinn air teacsan. Thèid agam air leughadh agus mo thuigse air rosgrannan is teacsan sìmplidh anns a bheil cànan air a bheil mi eòlach, a chur an cèill (LGL 2-08a)

LITEARRACHD IS GÀIDHLIG

Tlachd is Roghainn

Tha e a' còrdadh rium a bhith a' rannsachadh is a' taghadh sgeulachdan agus teacsan eile airson coimhead riutha, an leughadh no bhith gan èisteachd agus as urrainn dhomh roinn a dhèanamh air rudan a tha a' còrdadh rium agus air rudan nach eil (LIT 0-01b/LIT 0-11b)

Tha e a' còrdadh rium a bhith a' rannsachadh thachartasan is charactaran ann an sgeulachdan is teacsan eile, a' roinn mo bheachdan ann an diofar dhòighean (LIT 0-01c)

A' Lorg is a' Cleachdadh Fiosrachadh

Bidh mi ag èisteachd is a' coimhead airson fiosrachadh feumail no inntinneach agus bidh mi a' cleachdadh seo gus roghainnean a dhèanamh no bhith ag ionnsachadh rudan ùra (LIT 0-04a)

Thèid agam air beachdan is fiosrachadh buntainneach a thaghadh, an cur ann an òrdugh reusanta agus air facail a chleachdadh a bhiodh inntinneach agus/no feumail dha càch (LIT 1-06a)

A' Cruthachadh Theacsan

Tha e a' còrdadh rium a bhith a' rannsachadh thachartasan is charactaran ann an sgeulachdan is teacsan eile agus bidh mi a' cleachdadh na dh'ionnsaich mi airson mo chuid fhìn a chruthachadh, gan roinn le càch ann an dòighean mac-meanmnach (LIT 0-09b/LIT 0-31a)

Tlachd is Roghainn

Tha e a' còrdadh rium a bhith a' rannsachadh is a' taghadh sgeulachdan is teacsan eile airson a bhith gan coimhead, gan leughadh no gan èisteachd, agus as urrainn dhomh roinn a dhèanamh air rudan a tha a' còrdadh rium agus nach eil (LIT 0-01b/LIT 0-11b)

Siubhail tro na speuran san Rocaid gus stòiridhean, òrain agus geamannan a lorg. Cliog air an rocaid gus na diofar roinnean a ruighinn. An dèidh dhut a dhol a-steach, rannsaich gach sgrion Tbh gus na leanas a lorg:

• Blioblob (stiùiriche cànain beòthail)

• trì stòiridhean dathach is dibhearsaineach

• trì òrain tarraingeach air an seinn le buidheann de dh'uilebheistean chàirdeil!

Faodaidh tu do dhreach fhèin a chur air an rocaid le bhith a' cleachdadh na diofar phutain is làmhan a tha na broinn. 'S e do phrìomh amas trì òrain, trì stòiridhean agus Blioblob a lorg.

Blioblob

Tha a' mhòrchuid de na faclan is abairtean sna h-òrain agus na stòiridhean rin lorg ann an earrainn Blioblob. 'S e stiùiriche beothail a th' ann am Blioblob, a bhios ag atharrachadh a chruth a rèir nam faclan. Faodar Blioblob a chleachdadh an cois nan òran 's nan stòiridhean no na aonar gus faclan is abairtean ionnsachadh ann an dòigh spòrsail.

Na Stòiridhean

Fon Mhuir
A' Chraobh Bheag Fhuar
Burraidhean

Na h-Òrain

Còmhlan Ceòlmhor, Còmhlan Grinn
Is Toigh Leam Rap!
Am Faod Mi Ceòl a Chluich?

A rèir comas ann an Gàidhlig, an dèidh na stòiridhean a leughadh, tha diofar rudan ann a dh'fhaodas sgoilearan a dhèanamh:

Leugh an stòiridh (stòiridhean air fad)
Faodaidh sgoilearan an stòiridh a leughadh aig astar a tha freagarrach dhaibh pèin. Tha còmhraidhean sìmplidh sna stòiridhean, a' toirt deagh chothrom do sgoilearan faclan a chaidh ionnsachadh roimhe ath-aithris agus a neartachadh. Cluinnidh iad am fuaimneachadh ceart agus fonn cainnt nam faclan. Bu chòir sgoilearan a bhith air am brosnachadh gus na stòiridhean a leughadh a-rithist gus misneachd a thogail ann a bhith a' leughadh Gàidhlig.

Coimhead an stòiridh (stòiridhean air fad)
Faodaidh sgoilearan an stòiridh a choimhead le no as aonais teacsa. Gus a choimhead le teacsa bu chòir cliogadh air an ìomhaigh dhen leabhar. Am measg nam builean ionnsachaidh tha: a bhith ag èisteachd ris an stòiridh le no as aonais teacsa, agus a bhith a' tuigsinn brìgh nam faclan 's nan abairtean air a bheil iad eòlach le bhith gan obrachadh a-mach tro dhealbhan, fuaimean nan litrichean agus cruth nam faclan.

Sgrìobh stòiridh (A' Chraobh Bheag Fhuar agus Fon Mhuir)
Faodaidh sgoilearan an stòiridh fhèin a sgrìobhadh, agus dealbhan a chur ris, mu na caractaran agus na suidheachaidhean bhon stòiridh a leugh iad. Faodaidh iad cuideachd faclan is dealbhan ùra a chur ris. Tha dà ìre sa ghnìomh seo, gach fear le cruth eadar-dhealaichte. Anns gach ìre tha taghadh de dh'fhaclan, dealbhan agus caractaran bhon stòiridh. Cuideachd ri fhaighinn, tha taghadh de dh'innealan-dealbhaidh, dathan, innealan-cruth, agus innealan airson dubhadh às agus gluasad.

Bheir seo cothrom do sgoilearan stòiridh ath-innse, stòiridh ùr a sgrìobhadh, dealbh a dhèanamh agus còmhraidhean eadar caractaran a sgrìobhadh. Gabhaidh na stòiridhean an clò-bhualadh agus a leughadh do dhaoine eile.

Cuir stòiridh an òrdugh (A' Chraobh Bheag Fhuar)
Dà gheama airson dearbhadh gu bheil sgoilearan a' tuigsinn an stòiridh:

• cuir dealbhan bhon stòiridh dhan òrdugh cheart

• cuir crìoch air 5 no 9 seantansan (tha an àireamh de sheantansan a rèir dè cho math 's a rinn an sgoilear sa chiad gheama)

• an dèidh dhan gheama crìochnachadh, gabhaidh an stòiridh a chlò-bhualadh.

Geama (Fon Mhuir)
An dèidh Fon Mhuir a leughadh, faodaidh sgoilearan bàta a chur ri chèile le bhith a' lorg nan trì diofar phìosan a th' air falach fon chorail 's fon fheamainn. Gabhaidh am bàta an uair sin a pheantadh agus a chlò-bhualadh.

Òrain
'S e còmhlan de dh'uilebheistean a th' ann an Mìg, Mòg, Màg, Lurag agus Làrag, agus tha iad a' gabhail trì òrain. Faodaidh sgoilearan seinn còmhla riutha, na gnìomhan airson gach òran a dhèanamh, agus fiù 's na faclan a bhios an còmhlan a' seinn a thaghadh.

Taic claistinneach is lèirsinneach
Faodar cliogadh air a' phutan Taghaidhean gus:
• an teacsa ath-mheudachadh agus an cùl-dhath agus dath an teacsa atharrachadh
• cluinntinn an teacsa air an sgrion ga leughadh
• fo-thiotalan a chur an sàs airson a' mhòrchuid dhe na stuthan fuaim is bhidio.

Chan eil taghaidhean ri fhaotainn san earrainn do Phàrantan is Thidsearan.

Gabhaidh a' mhòrchuid dhen t-susbaint a sgrùdadh le bhith a' cleachdadh a' phutan 'Tab'.




Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.