Foghlam · Prògraman Rèidio

  • 

    Tha an duilleag seo, a tha ag amas air tidsearan, a' toirt ro-ràdh goirid air na prògraman co-cheangailte ri foghlam a th' aig BBC Radio nan Gàidheal dha clann ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

  • Ceòl sgrìobhte

    Tìr a' Chiùil

    Tha na prògraman seo air an cruthachadh gus taic a thoirt do dh'obair ann an ceòl aig a' chiad 's an dàrna ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais. Tro a bhith ag èisteachd 's ag obair le na prògraman, bheir iad cothrom dhan chloinn: an guthan a chleachdadh, tuigse fhaighinn air bunaitean a' chiùil, èisteachd le tuigse ri ceòl, còmhradh mu cheòl agus eòlas a chuir air faclan co-cheangailte ri ceòl.

  • Freadaidh am Feadain

    Taic do sgoilearan aig a' chiad ìre den Churraicealam a tha ag ionnsachadh mu cheòl. Tha Anna a' coinneachadh ri Freadaidh am Feadan a tha ga toirt gu Tìr nan Eun agus Tìr nam Beanntan Àrda far a bheil i ag ionnsachadh mu fhuaimean a tha àrd agus ìseal agus sìos agus suas.

  • Maicreafòn

    Creideamhan an t-Saoghal

    Tha na còig prògraman anns an t-sreath seo air BBC Radio nan Gàidheal stèidhichte air cuspairean a tha cudromach a thaobh eòlas creideimh agus moraltachd aig an dàrna ìre. Faodar na prògraman a chleachdadh leotha fhèin, no airson taic a thoirt do dh'obair a thathar a' dèanamh mar-thà air cuspairean sònraichte. Tha gach prògram anns an t-sreath stèidhichte air duine sònraichte a tha ceangailte ri gach creideamh.

Stiùireadh bbc.co.uk

BBC © 2013 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.