Tha an duilleag seo, a tha ag amas air pàrantan agus tidsearan, a' toirt ro-ràdh goirid air na làraich-lìn co-cheangailte ri foghlam a th' aig BBC ALBA dha clann ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.
Tha an làrach seo a' thoirt cothrom do chloinn aig tràth-ìrean eòlas a chur air fuaimean na Gàidhlig agus litrichean na h-aibidil agus an càirdeas eatorra. Tro chur-seachadan fuaimneach, tarraingeach, gheibh na sgoilearan òga taic ann a bhith ag ionnsachadh mu na prionnsabail cànain a th' anns an sgeama teagasg 'Facal is Fuaim'.
Chaidh Seall! a dhealbh do chlann eadar 3-6, a' toirt dhaibh cothrom suidheachaidhean air a bheil iad eòlach a rannsachadh agus taghaidhean a dhèanamh. Faodar cluich le builgeanan, sùil nas fhaisge a thoirt air rudan, èisteachd ri ceòl is sgeulachdan agus toirt air pupaidean dannsa.
Tha an làrach seo ag amas air clann òg a tha ag obair a dh'ionnsaigh a' chiad ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais . Tha geammanan àireamh na làraich stèidhichte air trì geamannan rannsachaidh: cunnt air ais agus air adhart air an loidhne-àireimh cuide ris a' Choineanach; lìon soitheach-fànais leis an aireamh cheart de Smeabalan cuide ri Sionnach; rèitich na Sgogain le taic bho Eun gus an cuir tro na dorsan agus air adhart gu rùm an ionmhais.
Tha Baile Mhuilinn air a dhealbh dha sgoilearan aois 5-7. Cuidichidh e le sgrìobhadh is leughadh ionnsachadh oir tha gach prògram stèidhichte air fuaim sònraichte.
Siubhail tro na speuran san Rocaid gus stòiridhean, òrain agus geamannan a lorg. Cliog air an rocaid gus na diofar roinnean a ruighinn.
Tha an làrach seo ag amas air eòlas, tuigse agus briathrachas mu fhòrsaichean a bhrosnachadh ann an clann òga, ag obair a dh'ionnsaigh na tràth ìre agus a' chiad ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais . Dh'fhaodadh gum biodh cothroman stuth na làraich a cheangal ri cuspairean eile sa Churraicealam cuideachd.
Bheir Soircas nan Deargannan cothrom do chluicheadairean fòrsaichean fhaicinn ag obair. Gheibh iad cuideachd air cluich le uidheamachd soircais leithid trampoilean, dreallag, canan agus paidh chustard.
'S e suaimhneas ìnntinn agus slàinte shòisealta prìomh chuspair na làraich, is tha e ag amas air ìre A gu D. Coinnichidh na sgoilearan ri suidhichidhean eadar-dhealaichte a bhios freagarrach airson na h-ìre aig a bheil iad.
Tha an làrach seo, ag amas air clann-sgoile air clas 4/5, a' cuideachadh ann a bhith a' faighinn eòlas air cruthan-tìre trì diofar cheàrnaidhean de dh’Alba. Anns an earrainn as ùire cuiridh iad eòlas air A' Mhonadh Dheasach.
Cuidichidh Ioma-rud I sgoilearan aois 7-9 bliadhna le Sgrìobhadh Mac-meanmnach. Tha Ioma-rud II a' toirt taic do sgoilearan a' thaobh Sgrìobhadh Pearsanta agus Gnìomhachail aig ìre B/C.
Sa bhliadhna 1850 thàinig grunn thaighean cloiche ann am Bàgh Skaill an Arcaibh am bàrr, as dèidh do fhìor dhroch stoirm a ghainmheach a bha ga còmhdachadh a shèideadh air falbh. Le taic bho ghnìomhan, bhideothan, teacsa agus fuaim, bheir làrach-lìn Skara Brae seo sealladh dhut air an t-seòrsa beatha a bh' aig daoine a bha beò tràth ann an eachdraidh.
Tha an làrach seo ag amas air eòlas, tuigse agus briathrachas Saidheans a bhrosnachadh do chlann òga, ag obair a dh'ionnsaigh a' chiad is an dara h-ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais. Dh'fhaodadh gum biodh cothroman stuth na làraich a cheangal ri cuspairean eile sa Churraicealam cuideachd.
Tha an làrach seo ag amas air clann òga a tha ag obair a dh'ionnsaigh a' chiad is an dara ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais ged a tha cuid de na bhidiothan freagarrach airson na treas ìre cuideachd. A bharrachd air an seo, dh'fhaodadh cothroman a bhith ann son luchd-ionnsachaidh na h-àrd sgoile an sgilean Gàidhlig a leasachadh.
Tha fiosrachadh na làraich stèidhchte air sia cuspairean farsaing: Còmhdhail, Ath-chuairteachadh, Tuineachadh, Biadh, Turasachd agus Crìochan.
Tha an làrach seo a’ toirt cothrom do sgoilearan nuadh-cheòl Alba a rannsachadh ann an dòigh a tha ùr agus eadar-ghnìomhach. Tha e a' còrdadh ris a' chloinn a bhith ag ionnsachadh san dòigh seo agus tha iad a' leasachadh eòlas is tuigse agus sgilean rannsachaidh tro Theicneòlas Fiosrachaidh. Gheibh sgoilearan cothrom air fiosrachadh a chur ris an eòlas a th' aca air dualchas ciùil agus dh’fhaodadh gun cuidich e iad gu bhith a' leasachadh am beachdan air na cùisean sin nam fèin-aithne nàiseanta.
Dè tha saoranachd a' ciallachadh? Bheir an làraich seo sùil air deamocrasaidh - mar a dh'fhaodas sinn tighinn gu co-dhùnaidhean agus a' bhuaidh a dh'fhaodas a bhith aig ar co-dhùnaidhean air daoine eile. Tha an làrach ag amas air clas 6/7.
Tha an làrach seo mu linn nam Fuadaichean ann an Alba. 'S e goireas ionnsachaidh eadar-ghnìomhach a tha seo, is tha e ag amas air clas 6/7, no aoisean 10-12.
Tha an làrach-lìn seo ag amas air luchd-ionnsachaidh a bhrosnachadh gus sgrùdadh a dhèanamh air bun fhiosrachadh agus an uairsin breithneachadh air na co-dhùnaidhean a b' fheàrr ann an suidheachaidhean àraidh. Dh'fhaodhadh an làrach a bhith cuideachail do dhaoine òga anns a' bhun-sgoil agus anns an àrd sgoil a rèir an fhiosrachaidh tha dhìth orra no nan sgilean a thathar airson leudachadh.
Air an làraich-lìn seo tha iomadh slighe a dh'ionnsaigh a' chinn-uidhe is iomadh cnap-starra às an rathad. Le geamannan mu phuingean gràmar is gnathasan cainnte, tha an làrach aig ìre C/D de Stiùireadh Nàiseanta 5-14.
'S e an leabhar-là a' chiad earrann de làrach-lìn Sealladh air Sìona. Lean an sgioba riochdachaidh 's iad a' mìneachadh dè dìreach an obair a tha co-cheangailte ri prògram tbh, radio agus làrach-lìn mu Shìona a chruthachadh. Anns an dàrna pàirt den làrach faic cuid de na prògraman a chaidh fhilmeadh ann an Sìona. Ann an earrann Sìona Ag Atharrachadh, leugh mu cuspairean a tha cudromach anns an dùthaich an-diugh.
'S e am feallsanachd a th' aig Bitesize gu bheil e nas fheàrr cuspair mòr ullachadh mar ghreimean beaga - bitesize. tha an earrann ùr airson Gàidhlig (luchd-fileantaich) aig Ìre Choitcheann a' leantainn a' phrionnsabail seo, agus a' briseadh sìos nan cuspairean gu greimean beaga a tha furasta a dhèanamh an-dràsta 's a-rithist.
'S e am feallsanachd a th' aig Bitesize gu bheil e nas fheàrr cuspair mòr ullachadh mar ghreimean beaga - bitesize. tha an earrann ùr airson Gàidhlig (luchd-ionnsachaidh) aig Ìre Choitcheann a' leantainn a' phrionnsabail seo, agus a' briseadh sìos nan cuspairean gu greimean beaga a tha furasta a dhèanamh an-dràsta 's a-rithist.
Bheir an làrach seo taic do sgoilearan ag ullachadh airson deuchainn Gàidhlig aig àrd ìre anns an àrd-sgoil. Gheibh sgoilearan stiùireadh mun dòigh anns am bu chòir dhaibh dèiligeadh ri ceistean nan deuchainnean, agus bidh ath-sgrùdaidhean agus deuchainnean an cois gach cuspair.
'S e am feallsanachd a th' aig Bitesize gu bheil e nas fheàrr cuspair mòr ullachadh mar ghreimean beaga - bitesize. tha an earrann ùr airson Gàidhlig (luchd-fileantaich) aig àrd ìre a' leantainn a' phrionnsabail seo, agus a' briseadh sìos nan cuspairean gu greimean beaga a tha furasta a dhèanamh an-dràsta 's a-rithist.
Taic do sgoilearan agus do dh'oileanaich a tha ag ullachadh airson deuchainn aig an Ìre Choitcheann ann an Cruinn-eòlas tro 8 roinnean.
'S e am feallsanachd a th' aig Bitesize gu bheil e nas fheàrr cuspair mòr ullachadh mar ghreimean beaga - bitesize. tha an earrann ùr airson Eachdraidh aig Ìre Choitcheann ann an Gàidhlig a' leantainn a' phrionnsabail seo, agus a' briseadh sìos nan cuspairean gu greimean beaga a tha furasta a dhèanamh an-dràsta 's a-rithist.
'S e sgilean Gàidhlig a leasachadh amas na làraich seo. Tha i gu sònraichte ag amas air luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, ag obair a dh' ionnsaigh an dàrna is an treas ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais. Is ann tro chuspair Ionad nan Cur-seachadan a tha fiosrachadh na làraich stèidhichte agus tro na prìomh charactaran: Finn, Eilidh agus Ceit.
Làrach a tha a' toirt mìneachadh agus fiosrachadh seachad mu bheatha agus bàrdachd is bàird Ghàidhlig an 18mh, 19mh is 20mh linn. Mu choinneimh gach bàrd, gheibh sibh measgachadh de theacsa, bhidio is fuaim a bheir deagh shealladh air an cuid-obrach - feumail do sgoilearan is inbhich le chèile.
BBC © 2012 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.