Fiosrachadh do phàrantan agus tidsearan air Duilgheadas aig Àm Pleatha. Geama mu Shaoranachd dha clann a tha ag obair a dh'ionnsaigh na Dara Ìre den Churraicealam airson Sàr Mhathais.

Duilgheadas aig Àm Pleatha



Amas: Thoir cuideachadh dhan chloinn a' leasachadh raon-cluiche grod na sgoile. Chan eil a h-uile neach ag iarraidh geamannan ùra, àiteachan sàmhach airson suidhe a' leughadh no eadhon leasachadh air sàbhailteachd rathaid aig geata na sgoile!

Tha Seònaid, ball den sgioba, ag innse mun ghnìomh agus gheibhear comhairle bhuaipe.

'S iad Màiri, Toby agus A' Mhgn. Fhriseal na triùir a dh'fheumar a riarachadh.

Tha Màiri, sgoilear anns an sgoil, ag iarraidh:
• gàrradh sàmhach
• sàbhailteachd rathaid leasaichte aig geata na sgoile
• gum faigh clann cothrom fuireach a-staigh a' leughadh.

Tha Toby, sgoilear anns an sgoil, ag iarraidh:
• geamannan ceart airson cluich
• sàbhailteachd rathaid leasaichte aig geata na sgoile
• gàrradh far am faod e cuideachadh le cur lusan
• gum faigh clann cothrom fuireach a-staigh a' cleachdadh nan coimpiutairean
• gàrradh fiadh-bheatha.

Tha A' Mhgn Fhriseal, pàrant agus tè tha ag obair sa bhiadh-lann, ag iarraidh:
• taghadh farsaing de gheamannan dhan chloinn
• sàbhailteachd rathaid leasaichte aig geata na sgoile
• àite sàmhach dhan chloinn aig àm pleatha.

Leasachaidhean
Faodaidh an neach-cleachdaidh na leasachaidhean a leanas a dhèanamh sa phàirc:
• beingean is bùird airson ithe
• flùraichean is lusan
• geamannan raon-cluiche is uidheam
• fuarain
• bionaichean sgudail is ath-chuartachaidh
• bùird eòin, socaisean-gaoithe agus ramp cathraichean-cuibhle
• feartan sàbhailteachd rathaid
• riaghailtean ùra is soidhnichean.

Gnìomhan
Feumar na gnìomhan a leanas a choileanadh airson goireasan fhosgladh:

Rannsaich Pròiseact Eago-sgoile
Èist ri criomag bho sgoilearan a chuir air chois Eago-Chomhairle. Freagair na ceistean airson suidheachanan leughaidh a bhuannachadh.

Rannsaich Raon-cluiche
Seall ri bhidio ghoirid mun obair a chaidh a dhèanamh airson raon-cluiche ùr coimhearsnachd fhaighinn. Freagair na ceistean airson uidheam raon-cluiche dùbhlanach a bhuannachadh.

Togail Airgid
Dealbhaich tachartas maoineachaidh gus airgead a thogail airson uidheam raon-cluiche a cheannach.

Rèitich Còmhstri mu Shàbhailteachd Rathaid
Èist ri na diofar bheachdan mu shàbhailteachd rathaid taobh a-muigh na sgoile. Tagh plana a tha na cho-rèiteachadh freagarrach agus a gheibh co-dhiù dà bhòt a-mach à trì airson feartan sàbhailteachd rathaid a bhuannachadh.

Sgrìobh Litir
Cuir ìmpidh air ceannard na sgoile riaghailt ùr sgoile a chruthachadh a bheir cead dha sgoilearan fuireach a-staigh aig àm pleatha.

> Cluich Duilgheadas aig Àm Pleatha





Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.