Na Saoranaich

'S e làrach-lìn air cuspair Saoranachd a th' anns Na Saoranaich air a bheil cothroman freagarrach dha clann a tha ag obair a dh'ionnsaigh na Dara Ìre den Churraicealam airson Sàr Mhathas. Tha e dealbhte gus cothroman airson pearsanachadh a thabhann le roghainn ghnìomhan far am bi luchd-cleachdaidh a' tighinn gu co-dhùnadh mun bhuile. Tha na gnìomhan is na bhidiothan a' tabhann farsaingeachd de dhùbhlain a tha freagarrach ann an suidheachaidhean fìor.

Tha muinntir a' bhaile a' cur feum air do chuideachadh! Tha sia geamannan is gnìomhan anns Na Saoranaich. 'S e an dùbhlan a bhith a' fuasgladh duilgheadasan na coimhearsnachd sa bhaile robach seo. Tha bhideothan goirid ann cuideachd a' sealltainn pròiseactan fìor a tha gan gabhail os làimh ann an sgoiltean air feadh Bhreatainn agus a tha a' toirt fiosrachadh is brosnachadh dha sgoilearan.

Tha caractaran na sgioba-gnìomha aig Na Saoranaich air sia pròiseactan, a nì leasachadh air beatha muinntir a' bhaile, a chomharrachadh. Tha ball den sgioba a' toirt fiosrachadh mu gach roinn den bhaile agus nochdaidh am ball sin sa ghèam airson comhairle a thoirt seachad nuair a tha feum air a leithid.

Anns gach gnìomh feumaidh an neach-cleachdaidh nithean ùra no nithean eile a chur an àite seann rudan no rudan briste. Feumar cuid de na nithean ùra sin a bhuannachadh le bhith a' coileanadh gnìomhan co-cheangailte.

'S e an t-amas gum bi gach ball den choimhearsnachd sona. Tha co-rèiteachadh na chuspair tillteach sna sia gnìomhan. Airson soirbheachadh ann an gnìomh feumaidh an neach-cleachdaidh spèis a thoirt dha beachdan nan diofar bhall den choimhearsnachd agus slighe a tha freagarrach a thaghadh. Tha seo a' ceangal gu dìreach ri rùintean feartan Slàinte agus Sunnd le luchd-ionnsachaidh a' leasachadh tuigse air mar a chumas iad deagh dhàimhean le caochladh dhaoine agus mar a bhios mothachadh aca mar a dh'fhaodas smuaintean, faireachdainnean, beachdan, luachan is creideamhan buaidh a thoirt air co-dhùnaidhean mu dhàimhean. Tro na gnìomhan is na bhidiothan, chì an neach-ionnsachaidh na buannachdan a thig bho atharrachadh ceart ann an diofar àrainneachdan.

Tha na bhidiothan a' tabhann co-theacsan ann an raon de roinnean curraicealaim agus faodaidh iad cuideachd taic a chur ri obair eile. A thuilleadh air seo tha ceanglaichean soilleir ann a thaobh a bhith a' leasachadh sgilean meòrachaidh, beachdachaidh agus breithneachaidh.

Tha an obair a' tabhann suidheachaidhean airson beachdachadh is fèin-rannsachaidh mu co-dhùnaidhean an neach-ionnsachaidh.

Airson na gnìomhan a chluich cliog air na diofar roinnean ann an sealladh adharach a' bhaile. Faodar na h-earrannan a chluich ann an òrdugh sam bith no aig àm sam bith agus chan fheumar iad uile a thaghadh.

Duilgheadas sa Phàirc
Furasta. 'S e deagh àite tòiseachaidh a tha seo. Chan eil duine ag iarraidh a dhol gu pàirc robach a' bhaile tuilleadh. Tagh leasachaidhean a nì i na h-àite far am bi daoine ag iarraidh a dhol a-rithist.

Buaireadh sa Phàirc
Furasta. Tha a' chomhairle air airgead a thoirt seachad airson tuilleadh leasachaidhean a dhèanamh sa phàirc. Faigh a-mach dè tha muinntir na sgìre ag iarraidh agus feuch rin cumail dòigheil.

Duilgheadas aig Àm Pleatha
Meadhanach doirbh. Tha raon-cluiche na sgoile ann an staid uabhasach. Cuidich a' chlann a' dèanamh leasachaidhean a chumas na h-uile dòigheil aig àm pleatha.

Duilgheadas san Sgoil
Meadhanach doirbh. Cha toigh le na sgoilearan biadh na sgoile agus chan eil duine airson na taighean-beaga grod a chleachdadh. Cuidich a' chlann a' leasachadh an ionaid-bidhe, an leabharlainn agus nan taighean-beaga gus am bi a h-uile duine dòigheil.

Dragh sa Choimhearsnachd
Doirbh. Tha na bùithtean uile dùinte agus chan eil càil ri dhèanamh sa phàirt thrèigte seo den bhaile. Dèan atharrachaidhean a chumas gach neach dòigheil agus a bheir rudeigin dhan òigridh a nì iad.

Trioblaid sa Bhaile
Doirbh. Tha a' chomhairle ag ath-leasachadh meadhan a' bhaile. Cuidich le bhith a' dèanamh cinnteach gun toir seo buannachd gun choimhearsnachd air fad agus gun cùm e luchd-còmhnaidh agus gnìomhachasan na sgìre dòigheil.

Brosnaich luchd-ionnsachaidh gus:

• beachdan is barailean na caractaran a rannsachadh mus tigear gu co-dhùnaidhean.

• smaoineachadh mu mar a ghabhas na diofar charactaran ri cùisean mus tèid càil a dhèanamh.

• cuimhneachadh gum faodadh fuasgladh aon duilgheadas fear eile a chruthachadh.

Cuideachadh Claistinneach is Lèirsinneach
Cliog air a' phutan 'Roghainnean' gus:
• teacsa na sgriona ath-mheudachadh agus atharrachadh a dhèanamh air teacsa is dathan a' chùil-ionaid
• teacsa na sgriona a chluinntinn ga leughadh
• fo-thiotalan a chur ri susbaint na bhidio agus ris an obair chlaistinnich.

Chan fhaighear gu na roghainnean sin bhon earrainn Pàrantan & Tidsearan.

Gheibhear gun chuid as motha den t-susbaint le bhith a' cleachdadh a' mheur-chlàir.

A' Sàbhaladh Adhartas
Sàbhail adhartas sa ghèam le bhith a' cliogadh air a' phutain 'Sàbhail'. Cha tèid a shàbhaladh ach a-mhàin air a' choimpiutair air a bheil an neach-cleachdaidh ag obair aig an àm agus cha ghabh a luchdachadh ach a-mhàin air an inneal shònraichte sin an dèidh làimh.

Stiùireadh

Cliog air àite air a' mhap airson gnìomh a thòiseachadh. Cuidichidh ball de Na Saoranaich thu agus innsidh iad dhut an uairsin mun duilgheadas a tha ri fhuasgladh.

A' Logadh A-steach
Chan urrainn dhan neach-cleachdaidh adhartas a shàbhaladh gus an log e a-steach. Feumar cunntas, a thèid a chumail air a' choimpiutair air a bheilear ag obair, a chruthachadh. Tagh ainm sònraichte agus cleachd e airson an cunntas a luchdachadh gach uair an dèidh seo.

Dubh às cunntas sònraichte no na cunntasan uile air a' choimpiutair le bhith a' dol gu duilleag riaghlaidh nan cunntasan.

A' Cruthachadh Caractar
Tha an caractar seo a' riochdachadh an neach-cleachdaidh sa ghèam. Tagh:
• ainm
• àite
• gnè
• dath craicinn
• còmhdach cinn
• dath is stoidhle fuilt
• aodach, brogan is sgeadachaidhean.

Aon uair 's gu bheil an neach-cleachdaidh toilichte leis a' charactar, nì e cliog air an t-saighead-tòiseachaidh.

Gluasad
Gluasad
Gluais an caractar le bhith a' cliogadh air àite sam bith far an atharraich a' chursair gu paidhir bhrògan. Gluais gu àite faisg air làimh le bhith a' gluasad a' chursair gu oirean na sgrion. Cleachd am map airson a dhol bho àite gu àite.

Map
Map
Cliog air ìomhaigh a' mhapa gus map leudachail den ghnìomh ghnàthaichte fhaicinn. Tha rionnag a' comharrachadh an àite aig a bheil thu. Gluais gu ceàrnaig eile le bhith a' cliogadh oirre. Tha am map cuideachd a' sealltainn far a bheil na caractaran a tha a' cur feum air cuideachadh is riarachadh airson crìoch a chur air a' ghnìomh.

Caractaran
Badu
Tha na caractaran a tha a' cur feum air cuideachadh is riarachadh a' nochdadh aig mullach na sgriona. Tha inneal-tomhais an toileachais a tha ri taobh gach neach a' sealltainn dè cho sona 's a tha iad agus tha fiamh an aodainnean cuideachd ga shealltainn. Freagraidh iad atharrachaidhean a thèid a dhèanamh mar a bhios an gèam a' dol air adhart.

Tha na caractaran sin cuideachd a' nochdadh sa ghèam fhèin. Cliog orra gus faighinn a-mach dè bhiodh iad fhèin airson fhaicinn a' tachairt. Tha gach ceàrnag dhearg sa bhuilgean cainnte a' riochdachadh rudeigin a tha iad airson a ràdh.

Nuair a nochdas am ball den sgioba a thug fiosrachadh mun duilgheadas an àite a' mhapa, cliog air no oirre gus comhairle fhaighinn.

A' Dèanamh Leasachaidhean

• Cuir rudan ùra bhon chlàr-pheantaidh air an làimh chlì an àite nan rudan briste.

• Tha an cursair le òrd is spanair a' sealltainn gun gabh rudan a chur nan àite.

• Tha an cursair le clisg-phuing a' sealltainn gur e soidhne a th' ann a ghabhas ri soidhne ùr.

• Cliog air an rud a tha dol a dh'fhalbh is an uairsin air an rud tha dol na àite.

• Airson rud a chaidh a thoirt a-steach a dhubhadh às, cliog air, agus an uairsin cliog air a' phutan ghlas leis a' chrois ghil.

• Feumar putanan le ìomhaigh ghlais-dhùirn fhosgladh le bhith a' coileanadh ghnìomhan.

• Cliog air Cuideachadh gus tuilleadh ionnsachadh mu mar a bhios a' chursair ag atharrachadh.

Gnìomhan
Gnìomhan
Coilean na gnìomhan sin gus goireasan, a ghabhas cleachdadh san dùbhlan gnàthaichte, fhosgladh. Cliog air an ìomhaigh gus am faic thu liosta nan gnìomhan.

Rannsaich Bhidio/Fuaim
Rannsaich Bhidio/Fuaim
Faigh gu bhidio ghoirid agus criomagan mu pròiseact buntainneach sgoile agus an uairsin freagair ceistean ioma-roghainneach. Fosglaidh freagairt ceart tuilleadh ghoireasan ruigsinneach. Tha fo-thiotalan roghnach Gàidhlig air na criomagan.

Rèitich Còmhstri
datrys
'S e ceannard sgioba a th' anns an neach-cleachdaidh agus feumaidh e co-rèiteachadh a thaghadh ris an gabh co-dhiù dithis no triùir de bhuill na sgioba.

Cuir an cursair tarsainn air dealbh gach neach, èist ri trì aithrisean gach neach agus an uairsin cliog air an tè as cudromaiche. Thèid gach tè a chur ris an leabhar-nota.

Tha an neach-cleachdaidh an uairsin a' faighinn trì roghainnean. Tagh aon ris an gabh co-dhiù dithis a-mach às an triùir den sgioba agus buannaich tuilleadh ghoireasan dhan ghnìomh.

Proiseact Togail Airigid
Proiseact Togail Airigid
Dealbhaich tachartas air-loidhne gus airgead a thogail airson tuilleadh ghoireasan a cheannach dhan phròiseact.

Feumaidh an neach-cleachdaidh an toiseach sgioba luchd-togail maoineachaidh a thaghadh airson trì dreuchdan:
• neach-togail airgid
• neach-sanasachd
• neach-cuideachaidh

Cuir an cursair tarsainn air dealbh gach neach gus am feartan fhoillseachadh. Tha an sgil aca ann an dèiligeadh ri daoine agus ann an eagrachadh ga mheas a thuilleadh air an dealas. Cleachd na saigheadan dearga gus gluasad air feadh nan daoine a tha ri fhaotainn.

An uair sin molaidh buill na sgioba trì beachdan an urra. Cliog air a' bheachd as fheàrr bho gach neach agus nochdaidh e an uairsin nad leabhar-nota.

Cliog air an t-saighead airson artaigil pàipear-naidheachd fhaicinn is innsidh e an robh, no nach robh, do thachartas maoineachaidh soirbheachail.

Sgrìobh Litir
Write Letter
Sgrìobh litir gu neach ann an ùghdarras gus toirt orra rudeigin a dhèanamh a chuidicheas le bhith a' cur crìoch air a' ghnìomh.

Cuir litir ri chèile le bhith a' taghadh trì seantansan gus na beàrnan ann an cumadh na litreach a lìonadh. Cliog air earrann fhalamh den litir agus an uairsin tagh aon de na trì seantansan a nochdas.

Cliog air an t-saighead Air adhart. Fosglaidh litir shoirbheachail tuilleadh ghoireasan airson na gnìomha.

Taic
Taic
Cliog air an ìomhaigh Taic san oisean aig a' mhullach air an làimh dheis gus am faic thu mar a dh'atharraicheas an cursair.

Airgead
Airgead
Tha àireamh shuidhichte de ghoireasan ri fhaighinn airson a chleachdadh anns gach gnìomh. Tha an crann Airgead aig a' mhullach air an làimh dheis a' sealltainn na th' air fhàgail.

Sàbhail
Sàbhail
Nuair a tha thu air logadh a-steach sàbhail adhartas a' gheama le bhith a' cliogadh air an ìomhaigh Sàbhail san oisean aig a' mhullach air an làimh dheis.

Duilgheadas sa Pàirc

Amas: Sàbhail a' phàirc robach le bhith ga dèanamh na àite far am bi daoine airson a dhol. Co-dhùin dè na leasachaidhean a nì thu airson nan daoine a bhios ga cleachdadh a chumail dòigheil.

Tha Mikey, ball den sgioba, ag innse mun ghnìomh agus faodar comhairle fhaighinn bhuaithe.

'S iad Rita, Smu agus Toby na trì caractaran a tha rin riarachadh.

Tha Toby, balach a bhios a' cluich sa phàirc, ag iarraidh:
• barrachd uidheaman airson cluich orra
• cuidhteas fhaighinn de na coin
• àite far am faigh na tunnagan air snàmh.

Tha Smu, màthair le clann òga, ag iarraidh:
• riaghailt a' cur bacadh air a bhith a' fàgail sgudal
• cuidhteas fhaighinn de na coin a tha a' falbh leotha fhèin sa phàirc
• àite cluich dha cuid chloinne
• an geata a chàradh.

Tha Rita, seanmhair aig a bheil cù, ag iarraidh:
• flùraichean is luibhean ùra dhan phàirc
• àite airson geamannan buill a ghluasad
• àite airson suidhe
• an graffiti a thoirt air falbh
• àite fiadh-bheatha dha na tunnagan.

Leasachaidhean
Faodaidh an neach-cleachdaidh na leasachaidhean a leanas a thabhann:
• craobhan is flùraichean
• àirneis pàirce is bionaichean
• uidheam cluiche
• fuarain
• ballaichean airson dealbhan agus graffiti
• riaghailtean ùra is soidhnichean.

Gnìomhan
Feumar na gnìomhan a leanas a choileanadh gus na goireasan fhosgladh:

Rannsaich Bùth Charthannais
Seall ri bhidio ghoirid mu ath-chuartachadh ann am bùth charthannais. Freagair na ceistean ceart airson bionaichean sgudail a bhuannachadh dhan phàirc.

Rannsaich Gàrradh Sgoile
Èist ri criomag mu phròiseact air gàrradh sgoile. Thoir freagairt ceart dha na ceistean gus luibhean a bhuannachadh dhan phàirc.

Sgrìobh Litir
Cuir ìmpidh air a' chomhairliche aontachadh ri riaghailt ùr a chuireas cìs air daoine a bhios a' leigeil às sgudal sa phàirc.

> Cluich Duilgheadas sa Phàirc

Buaireadh sa Pàirc

Amas: Thoir air muinntir na sgìre aontachadh air an dòigh as fheàrr air an t-airgead a chaidh fhaighinn bhon chomhairle a chosg airson tuilleadh leasachaidhean a dhèanamh sa phàirc. Chan eil a h-uile neach den aon bheachd mu pàirc spèilidh, cafaidh no roinn fiadh-bheatha.

Tha Mikey, ball den sgioba, ag innse mun ghnìomh agus faodar comhairle fhaighinn bhuaithe.

'S iad Toby, Smu, Rita, Badu agus Sara na còig caractaran a dh'fheumar riarachadh.

Tha Toby, balach a bhios a' cluich sa phàirc, ag iarraidh:
• pàirc spèilidh
• raon fiadh-bheatha
• bionaichean sgudail
• goireasan bidhe.

Tha Smu, màthair le clann òga, ag iarraidh:
• flùraichean ùra is luibhean dhan phàirc
• cafaidh
• gun smaoinich daoine gu faiceallach mu cosgais àrd pàirc ùr spèilidh.

Tha Rita, seanmhair aig a bheil cù, ag iarraidh:
• àiteigin far am faighear balgam teatha
• bionaichean sgudail.

Tha Badu, a bhios a' tighinn dhan phàirc airson spèileadh còmhla ri charaidean, ag iarraidh:
• pàirc spèilidh
• bùrn airson òl
• bionaichean sgudail.

Tha Sara, a bhios a' tighinn a chluich dhan phàirc, ag iarraidh:
• raon fiadh-bheatha le luibhean is uisge glan
• gun smaoinich daoine gu faiceallach an e dha-rìribh deagh rud a bhiodh ann am pàirc ùr spèilidh.

Leasachaidhean
Faodaidh an neach-cleachdaidh na leasachaidhean a leanas a thabhann:
• uidheam dha pàirc spèilidh
• cafaidhean is stàilichean bidhe
• àirneis cafaidh
• bionaichean airson sgudal is ath-chuartachadh
• àirneis pàirce
• feartan airson raon fiadh-bheatha.

Gnìomhan
Feumar na gnìomhan a leanas a choileanadh airson na goireasan fhosgladh:

Rannsaich Raon-cluiche Dùbhlanach
Seall ri bhidio mu bhith a' togail Slighe Fiodha sgoile. Freagair na ceistean gu ceart airson uidheam pàirc spèilidh a bhuannachadh.

Rannsaich Pròiseact Ealain
Seall ri bhidio de sgoilearan a ghabh pàirt ann an iomlaid ealain eadar Dùn Èideann agus an Eilean Sgitheanach. Freagair na ceistean gu ceart airson bogsaichean neadachaidh a bhuannachadh.

Rèitich Còmhstri na Pàirce-spèilidh
Èist ri beachdan triùir dhaoine eadar-dhealaichte mu bhith a' togail pàirc-spèilidh. Tagh plana a tha na cho-rèiteachadh freagarrach agus a gheibh dhà de na trì bhòtaichean gus uidheam pàirc-spèilidh a bhuannachadh.

Tog Airgead airson Fiadh-bheatha
Tog airgead a thèid a chosg air leasachaidhean fiadh-bheatha.

> Cluich Buaireadh sa Phàirc

Duilgheadas aig Àm Pleatha

Amas: Thoir cuideachadh dhan chloinn a' leasachadh raon-cluiche grod na sgoile. Chan eil a h-uile neach ag iarraidh geamannan ùra, àiteachan sàmhach airson suidhe a' leughadh no eadhon leasachadh air sàbhailteachd rathaid aig geata na sgoile.

Tha Seònaid, ball den sgioba, ag innse mun ghnìomh agus gheibhear comhairle bhuaipe.

'S iad Màiri, Toby agus A' Mhgn. Fhriseal na triùir a dh'fheumar a riarachadh.

Tha Màiri, sgoilear anns an sgoil, ag iarraidh:
• gàrradh sàmhach
• sàbhailteachd rathaid leasaichte aig geata na sgoile
• gum faigh clann cothrom fuireach a-staigh a' leughadh.

Tha Toby, sgoilear anns an sgoil, ag iarraidh:
• geamannan ceart airson cluich
• sàbhailteachd rathaid leasaichte aig geata na sgoile
• gàrradh far am faod e cuideachadh le cur lusan
• gum faigh clann cothrom fuireach a-staigh a' cleachdadh nan coimpiutairean
• gàrradh fiadh-bheatha.

Tha A' Mhgn Fhriseal, pàrant agus tè tha ag obair sa bhiadh-lann, ag iarraidh:
• taghadh farsaing de gheamannan dhan chloinn
• sàbhailteachd rathaid leasaichte aig geata na sgoile
• àite sàmhach dhan chloinn aig àm pleatha.

Leasachaidhean
Faodaidh an neach-cleachdaidh na leasachaidhean a leanas a dhèanamh sa phàirc:
• beingean is bùird airson ithe
• flùraichean is lusan
• geamannan raon-cluiche is uidheam
• fuarain
• bionaichean sgudail is ath-chuartachaidh
• bùird eòin, socaisean-gaoithe agus ramp cathraichean-cuibhle
• feartan sàbhailteachd rathaid
• riaghailtean ùra is soidhnichean.

Gnìomhan
Feumar na gnìomhan a leanas a choileanadh airson goireasan fhosgladh:

Rannsaich Pròiseact Eago-sgoile
Èist ri criomag bho sgoilearan a chuir air chois Eago-Chomhairle. Freagair na ceistean airson suidheachanan leughaidh a bhuannachadh.

Rannsaich Raon-cluiche
Seall ri bhidio ghoirid mun obair a chaidh a dhèanamh airson raon-cluiche ùr coimhearsnachd fhaighinn. Freagair na ceistean airson uidheam raon-cluiche dùbhlanach a bhuannachadh.

Togail Airgid
Dealbhaich tachartas maoineachaidh gus airgead a thogail airson uidheam raon-cluiche a cheannach.

Rèitich Còmhstri mu Shàbhailteachd Rathaid
Èist ri na diofar bheachdan mu shàbhailteachd rathaid taobh a-muigh na sgoile. Tagh plana a tha na cho-rèiteachadh freagarrach agus a gheibh co-dhiù dà bhòt a-mach à trì airson feartan sàbhailteachd rathaid a bhuannachadh.

Sgrìobh Litir
Cuir ìmpidh air ceannard na sgoile riaghailt ùr sgoile a chruthachadh a bheir cead dha sgoilearan fuireach a-staigh aig àm pleatha.

> Cluich Duilgheadas aig Àm Pleatha

Duilgheadas san Sgoil

Amas: Thoir cuideachadh dhan chloinn airson goireasan san sgoil a leasachadh. Tha dìnnearan na sgoile mì-fhallain, tha na taighean-beaga grod agus tha a h-uile càil san leabharlann aost is briste. Mar as àbhaist chan eil gach neach ag aontachadh mu na dh'fheumar a dhèanamh.

Tha Seònaid, ball den sgioba, ag innse mun ghnìomh agus tha i deònach comhairle a thoirt seachad.

'S iad Toby, Ceit, Màiri, Mgr. Moireasdan agus A' Mhgn. Fhriseal na ceathrar a dh'fheumar a riarachadh.

Tha Toby, sgoilear, ag iarraidh:
• airgead a thogail airson na taighean-beaga a leasachadh
• barrachd choimpiutairean dhan leabharlann.

Tha Ceit, sgoilear, ag iarraidh:
• dìnnearan-sgoile nas fhallaine
• biadh-lann sgoile nas fheàrr
• riaghailtean ùra gus burraidheachd a chasg
• gum faigh muinntir na coimhearsneachd cead an leabharlann a chleachdadh
• barrachd choimpiutairean.

Tha Màiri, sgoilear, ag iarraidh:
• gum faigh muinntir na coimhearsneachd cead an leabharlann a chleachdadh
• taighean-beaga nas fheàrr.

Tha Mgr. Moireasdan, ceannard na sgoile, ag iarraidh:
• co-rèiteachadh mu dhìnnearan na sgoile
• ceanglaichean coimhearsnach nas fheàrr
• faighinn a-mach dè a tha a' chlann airson ith
• goireasan nas fheàrr san leabharlann
• muinntir na sgìre fhiathachadh dhan sgoil
• taighean-beaga nas fheàrr.

Tha A' Mhgn. Fhriseal, pàrant agus tè a tha ag obair sa àite-bìdh, ag iarraidh:
• taighean-beaga nas fheàrr
• riaghailtean ùra gus burraidheachd a chasg
• goireasan leasaichte san leabharlann
• biadh a bhios a' chlann deònach ithe
• biadh-lann sgoile nas fheàrr.

Leasachaidhean
Faodaidh an neach-cleachdaidh na leasachaidhean a leanas a dhèanamh:
• coimpiutairean ùra dhan leabharlann
• bionaichean sgudail is ath-chuartachaidh
• bùird is sèathraichean ùra
• sgeilpean ùra is preasan leabhraichean dhan leabharlann
• na taighean-beaga ath-nuadhachadh is a sgeadachadh
• àirneis ùr a chur dha na taighean-beaga
• roghainnean bidhe nas fhallaine dhan àite-bìdh
• riaghailtean ùra is soidhnichean.

Gnìomhan
Feumar na gnìomhan a leanas a choileanadh airson na goireasan fhosgladh:

Rannsaich Biadh Fallain
Èist ri criomag bho sgoilear a bha a' cumail leabhar-latha "Health Attack". Freagair na ceistean gu ceart airson roghainnean fallain a bhuannachadh dhan àite-bìdh.

Rannsaich Farpais Pàipeir-naidheachd
Seall ri bhidio ghoirid mu sgioba ball-coise chlann-nighean a chaidh a-steach do dh'fharpais pàipeir-naidheachd agus a chruinnich gu leòr bhileagan-eàrlais airson turas dhan Eadailt a bhuannachadh. Freagair na ceistean gu ceart airson riaghailtean sgoile a bhuannachadh.

Rannsaich Ceanglaichean Coimhearsnachd
Seall ri bhidio ghoirid mu mar a tha sgoil a' dèanamh ceangal ri stèisean bàta-teasairginn na sgìre. Freagair na ceistean gu ceart airson soidhnichean a bhuannachadh a chuidicheas muinntir na sgìre nuair a thig iad gu leabharlann na sgoile.

Pròiseact Taighean-beaga
Tog airgead airson àirneis ùr dha taighean-beaga na sgoile.

Sgrìobh Litir
Cuir ìmpidh air ceannard na sgoile riaghailt ùr a chur ri leabhar riaghailtean na sgoile.

Fuasgail Clàr-bidhe
Èist ri na diofar bheachdan air nas còir dha sgoilearan ithe aig an dìnnear agus thig gu co-dhùnadh mu mar a dh'atharraicheas tu an clàr-bidhe. Tagh plana a tha na cho-rèiteachadh freagarrach agus a gheibh co-dhiù dà bhòt a-mach à trì airson roghainnean fallain a bhuannachadh dhan bhiadh-lann.

> Cluich Duilgheadas san Sgoil

Dragh sa Choimhearsnachd

Amas: Cuidich le ceàrn robach den bhaile a leasachadh. Tha na bùithtean uile air dùnadh agus chan eil càil ri dhèanamh. Tha daoine òga a' cruinneachadh agus a' dol an sàs ann am miastadh. Dèan leasachaidhean a chumas gach neach dòigheil.

Tha Ant, ball den sgioba, ag innse mun ghnìomh agus tha e deònach comhairle a thoirt seachad.

'S iad Badu, Raonaid agus Ruairidh na triùir a dh'fheumar a riarachadh.

Tha Badu, a tha a' fuireach san àite, ag iarraidh:
• bùithtean ùra
• taighean nas fheàrr
• sàbhailteachd rathaid leasaichte
• barrachd chur-seachadan dha daoine òga.

Tha Raonaid, a tha ùr dhan àite, ag iarraidh:
• goireasan ath-chuartachaidh
• bùithtean ùra
• sràidean nas tlachdmhoire
• solais nas fheàrr air na sràidean
• sàbhailteachd rathaid leasaichte
• gàrradh coimhearsnachd
• àite far am faigh a Granaidh air bobhladh a chluich.

Tha Ruairidh, aig a bheil dithis ghillean nan deugairean a bhios ga chuideachd le a stàile sa mhargaid, ag iarraidh:
• cur-seachadan dha daoine òga
• sàbhailteachd rathaid leasaichte
• solais nas fheàrr air na sràidean agus CCTV
• bùth ionadail
• sràidean nas tlachdmhoire
• cafaidhean is takeaways
• raon eacarsaich le cur-seachadan dha na h-uile.

Leasachaidhean
Faodaidh an neach-cleachdaidh na leasachaidhean a leanas a dhèanamh:
• sreath de bhùithtean ionadail
• diofar sheòrsaichean de sholais sràide
• bionaichean is goireasan ath-chuartachaidh
• goireasan ùra spòrs agus lotaichean curachd
• uidheam sàbhailteachd
• craobhan is leapannan fhlùraichean
• riaghailtean ùra.

Gnìomhan
Feumar na gnìomhan a leanas a choileanadh airson na goireasan fhosgladh:

Rannsaich Ath-chuartachadh
Èist ri criomag mu sgeama ath-chuartachaidh glainne is pàipeir sna h-Eileanan Siar. Freagair na ceistean gu ceart airson sgeama ath-chuartachaidh a bhuannachadh dhan choimhearsnachd le bionaichean ath-chuartachaidh agus steigear dha gach taigh a ghabhas pàirt.

Pròiseact Buidheann Ghnìomhachais
Seall ri bhidio ghoirid le clann bun-sgoile aig an robh buidheann iomairt a rinn DVD. Freagair na ceistean gu ceart airson luibhean is beingean a bhuannachadh dha gàrradh na coimhearsnachd.

Rèitich Còmhstri mu Raon Cur-seachad
Èist ri na diofar bheachdan mu mar a ghabhas an raon eacarsaich a leasachadh. Tagh plana a tha na cho-rèiteachadh freagarrach agus a gheibh co-dhiù dhà de na trì bhòtaichean airson goireasan dhan raon eacarsaich a bhuannachadh.

Iomairt airson Bùithtean Ionadail
Èist ri na diofar bheachdan mun t-seòrsa bhùithtean bu toigh le daoine fhaicinn a' fosgladh. Tagh plana a tha na cho-rèiteachadh freagarrach agus a gheibh co-dhiù dà bhòt a-mach à trì airson sreath bhùithtean a bhuannachadh dhan àite.

> Cluich Dragh sa Choimhearsnachd

Trioblaid sa Bhaile

Amas: Thoir air muinntir na sgìre agus na gnìomhachasan aontachadh mu mar bu chòir dhan chomhairle ath-leasachadh a dhèanamh am meadhan a' bhaile. Dèilig ri na ceistean is na duilgheadasan agus dèan cinnteach gum bi a' choimhearsnachd air fad air a cur air thoiseach.

Tha Moilidh, ball den sgioba, ag innse mun ghnìomh agus deònach comhairle a thoirt seachad.

'S iad Ruairidh, Raonaid, Magaidh, Badu agus Ailean a dh'fheumar a riarachadh.

Tha Ruairidh, aig a bheil stàile sa mhargaid, ag iarraidh:
• barrachd dhaoine a thàladh dhan bhaile
• na togalaichean falamh a chur gu feum
• barrachd àiteachan pàircidh oir cha toigh leis busaichean
• ionad chur-seachad a tha saor a chleachdadh
• àite coinneachaidh dha daoine òga
• gnìomhachasan ionadail gus am bi na sràidean nas tarraingiche.

Tha Raonaid, a tha a' fuireach an seo, ag iarraidh:
• ionad coimhearsnachd
• busaichean dha luchd-ceannachd
• na bùithtean a bhith dùinte air an oidhche
• àiteigin far am faod i a caraidean a choinneachadh an-asgaidh.

Tha Magaidh, aig a bheil bùth, ag iarraidh:
• pàirc chàraichean dha luchd-ceannachd
• barrachd bhùithtean
• airgead a thogail airson gàrradh cuimhneachaidh
• còmhdhail phoblach nas fheàrr.

Tha Badu, a bhios a' coinneachadh a charaidean ann am meadhan a' bhaile, ag iarraidh:
• clubaichean an-asgaidh dha daoine òga
• ròidean a tha sàbhailte airson baidhsagalachd
• còmhdhail phoblach leasaichte
• àiteigin far am faigh e fhèin agus a charaidean air coinneachadh
• barrachd bhùithtean.

Tha Ailean, a tha ag obair dha companaidh ionadail, ag iarraidh:
• barrachd bhùithtean is ghnìomhachasan a thàladh a-steach
• gàrradh sa mhargaid
• am baile a dhèanamh nas sàbhailte air an oidhche.

Leasachaidhean
Faodaidh an neach-cleachdaidh na leasachaidhean a leanas a dhèanamh:
• bùithtean ùra
• stàilichean ùra sa mhargaid
• àirneis sràide
• oifisean, taigh-dhealbh, pàirc chàraichean, ionad eacarsaich, gailearaidh, ionad coimhearsnachd
• camarathan CCTV, stad bhusaichean, slighean bhaidhsagail
• riaghailtean ùra mu bhùithtean a bhith fosgailte air an oidhche.

Gnìomhan
Feumar na gnìomhan a leanas a choileanadh airson goireasan fhosgladh:

Rannsaich Pròiseact Aithris Sgoile
Seall ri bhidio ghoirid mu sgoil a chaidh a-steach airson pròiseact a' BhBC air Aithris Sgoiltean. Freagair na ceistean gu ceart gus daoine òga a' bhaile a dhèanamh nas dòigheile agus airson seann dhaoine a chuideachadh a' tuigsinn an duilgheadasan.

Sgrìobh Litir
Cuir ìmpidh air comhairliche ionadail cuideachadh le bhith a' toirt cairtean lasachaidh dha daoine òga airson an taigh-dhealbh is an ionaid eacarsaich.

Rèitich Còmhstri Ath-leasachaidh
Èist ri na diofar bheachdan mu bhith ag ath-leasachadh meadhan a' bhaile. Tagh plana a tha na cho-rèiteachadh freagarrach agus a gheibh co-dhiù dà bhòt a-mach à trì airson togalaichean, bùithtean, stàilichean margaid, àirneis sràide, bionaichean agus feartan airson sàbhailteachd rathaid a bhuannachadh.

Fuasgail Còmhstri Pàirc Chàraichean
Èist ri na diofar bheachdan mu dè bu chòir a dhèanamh le pàirc-chàraichean meadhan a' bhaile. Tagh plana a tha na cho-rèiteachadh freagarrach agus a gheibh co-dhiù dà bhòt a-mach à trì airson pàirc-chàraichean ioma-làir, a gheibhear air a chleachdadh nuair a thèid an obair ath-leasachaidh a dhèanamh, a bhuannachadh.

Togail Airgid
Tog airgead airson luibhean a cheannach gus am bi am baile nas tarraingiche.

> Cluich Trioblaid sa Bhaile