Fiosrachadh do phàrantan agus tidsearan mu Dhragh sa Choimhearsnachd. Geama mu Shaoranachd dha clann a tha ag obair a dh'ionnsaigh na Dara Ìre den Churraicealam airson Sàr Mhathais.

Dragh sa Choimhearsnachd



Amas: Cuidich le ceàrn robach den bhaile a leasachadh. Tha na bùithtean uile air dùnadh agus chan eil càil ri dhèanamh. Tha daoine òga a' cruinneachadh agus a' dol an sàs ann am miastadh. Dèan leasachaidhean a chumas gach neach dòigheil.

Tha Ant, ball den sgioba, ag innse mun ghnìomh agus tha e deònach comhairle a thoirt seachad.

'S iad Badu, Raonaid agus Ruairidh na triùir a dh'fheumar a riarachadh.

Tha Badu, a tha a' fuireach san àite, ag iarraidh:
• bùithtean ùra
• taighean nas fheàrr
• isàbhailteachd rathaid leasaichte
• barrachd chur-seachadan dha daoine òga.

Tha Raonaid, a tha ùr dhan àite, ag iarraidh:
• goireasan ath-chuartachaidh
• bùithtean ùra
• sràidean nas tlachdmhoire
• solais nas fheàrr air na sràidean
• sàbhailteachd rathaid leasaichte
• gàrradh coimhearsnachd
• àite far am faigh a Granaidh air bobhladh a chluich.

Tha Ruairidh, aig a bheil dithis ghillean nan deugairean a bhios ga chuideachd le a stàile sa mhargaid, ag iarraidh:
• cur-seachadan dha daoine òga
• sàbhailteachd rathaid leasaichte
• solais nas fheàrr air na sràidean agus CCTV
• bùth ionadail
• sràidean nas tlachdmhoire
• cafaidhean is takeaways
• raon eacarsaich le cur-seachadan dha na h-uile.

Leasachaidhean
Faodaidh an neach-cleachdaidh na leasachaidhean a leanas a dhèanamh:
• sreath de bhùithtean ionadail
• diofar sheòrsaichean de sholais sràide
• bionaichean is goireasan ath-chuartachaidh
• goireasan ùra spòrs agus lotaichean curachd
• uidheam sàbhailteachd
• craobhan is leapannan fhlùraichean
• riaghailtean ùra.

Gnìomhan
Feumar na gnìomhan a leanas a choileanadh airson na goireasan fhosgladh:

Rannsaich Ath-chuartachadh
Èist ri criomag mu sgeama ath-chuartachaidh glainne is pàipeir sna h-Eileanan Siar. Freagair na ceistean gu ceart airson sgeama ath-chuartachaidh a bhuannachadh dhan choimhearsnachd le bionaichean ath-chuartachaidh agus steigear dha gach taigh a ghabhas pàirt.

Pròiseact Buidheann Ghnìomhachais
Seall ri bhidio ghoirid le clann bun-sgoile aig an robh buidheann iomairt a rinn DVD. Freagair na ceistean gu ceart airson luibhean is beingean a bhuannachadh dha gàrradh na coimhearsnachd.

Rèitich Còmhstri mu Raon Cur-seachad
Èist ri na diofar bheachdan mu mar a ghabhas an raon eacarsaich a leasachadh. Tagh plana a tha na cho-rèiteachadh freagarrach agus a gheibh co-dhiù dhà de na trì bhòtaichean airson goireasan dhan raon eacarsaich a bhuannachadh.

Iomairt airson Bùithtean Ionadail
Èist ri na diofar bheachdan mun t-seòrsa bhùithtean bu toigh le daoine fhaicinn a' fosgladh. Tagh plana a tha na cho-rèiteachadh freagarrach agus a gheibh co-dhiù dà bhòt a-mach à trì airson sreath bhùithtean a bhuannachadh dhan àite.

> Cluich Dragh sa Choimhearsnachd





Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.