18mh linn / Uilleam Ros

Cuspairean

Ged a rinn Uilleam Ros bàrdachd de iomadh seòrsa – nam measg dàin molaidh, bàrdachd nàdair agus òrain èibhinn - 's ann airson nan òran gaoil aige as ainmeile a tha e agus gu h-àraidh na h-òrain a rinn e faisg air deireadh a bheatha ghoirid (chaochail e aig 28) do Mhòr Ros.


Tha na h-òrain seo an dà chuid làn faireachdainn agus air leth ealanta san dòigh sa bheil iad air an cur ri chèile agus tha iad gu h-àraidh drùidhteach anns an dòigh sa bheil iad a' toirt còmhla fhaireachdainn mun ghaol, mu shlàinte (bha a' chaitheamh air) agus mun dòigh a bha daoine a' dèanamh tàire air na daoine dha robh e (bha athair na cheannaiche-siubhail).


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

A' beachdachadh air stoidhle na bàrdachd

Uaireannan tha mise faireachdainn gu bheil làmh-an-uachdair aig na dàin ghràdh, aig na dàin gaoil, agus uaireannan tha mi a' faireachdainn gu bheil làmh-an-uachdair aig an duine làn àbhachdais is spòrs is aighear a tha thu faicinn a' nochdadh a' siud 's an seo anns na h-òrain aotrom.

Agus an uair sin, gu dè tha thu dol a dhèanamh leis na dàin a tha as a' mheadhan, sin na dàin far a bheil e a' feuchainn ri toirt a-steach, ma tha mi ceart, dòighean ùra, stoidhlichean ùra de bhàrdachd. Ma tha e comasach dhuinn a bhith eadar dà chomhairle, chànain gu bheil am bàrd cho nàdarra sa bhios e aig àm sam bith nuair a bhios e a' tarraing à duin' eile, tighinn dàna air duin' eile agus a' seasamh a làmh, mar gun canadh tu, ann an connspaid bhàird.

Nuair a tha thu ann an taigh-òsta ann an Cill Fhìnn, ann an aon òran, tha e follaiseach gun tuirt cuideigin, "Carson a tha thu a' dol cho fada ri Geàrrloch?" 's am bàrd fàgail Dùn Èideann 's a' smaoineachadh air beatha ùr a dhèanamh dha fhèin air Ghàidhealtachd. Agus carson a rachadh duine a Gheàrrloch? Agus tha e "coming out fighting" mar gun canadh tu.. agus tha e togail, tha e tarraing à Iain Mac Fhearchair, "Ma mholas gach eun a thìr fhèin, carson a rèisd nach moladh mise," mar a thuirt Iain Mac Fhearchair. Tha Uilleam a' tarraing às agus an uair sin a' dol gu moladh Gheàrrloch, agus an dealbh a th' aige do Gheàrrloch, tha daoine ann, fhios agad, nuair a tha thu bruidhinn air na bàird proifeiseanta mar a bha MacCodrum, tha na daoine ann ceart gu leòr, ach tha thu dìreach a' cur tick ann am bogsa, tha daoine ann. Ach nuair a tha thu a' bruidhinn ri, ag èisteachd ri Uilleam Ros, tha thu 'g èisteachd ri gach seòrsa spòrs agus cur-seachad a bh' aig an òigridh, aig, fhios agad, na gillean ri camanachd agus na caileagan ri luaidh a' chlò, 's rudan mar sin.

Tha e nas fhaisg, tha e nas òige, 's e sin rud cudtromach, feumaidh sinn cuimhneachadh gu robh e aig àrd a chomais as na 20an agus mar sin, fhios agad, tha òran eile aige nach eil aig Calders far a bheil e mach air na dannsaichean.

Seo rud glè inntinneach. Tha e coltach gu robh, aig an àm a bha Uilleam beò, gu robh seòladairean bhon taobh a deas a' tighinn a-steach a Gheàrrloch ann a' bàtaichean mòra agus a' togail na sgadain saillte. Bha iasgach a' sgadain a' togail air aig an àm agus bha na bàtaichean mòra a' tighinn a-steach a' Cheann Loch Chille Chiarain is àiteachan mar sin. 'S mar sin, bha maraichean gallda, seòladairean gallda, timcheall an àite 's gun dad aca ri dhèanamh, agus tha e follaiseach gu robh dannsaichean 's rudan mar sin, diversions mar sin, gan cumail a' dol, agus gu robh 'n òigridh, òigridh na dùthcha, gan tarraing a-steach.

Agus tha dàn aig Uilleam Ros far a bheil e, far am fairich thu gu bheil e ag ràdh, uill, thoiribh an aire, 's e beatha ùr a tha seo 's tha e gu math fasanta 's tha e math a bhith dannsa 's a' toirt a-steach na jigichean agus na ruidhlichean a thathar a' dèanamh an Dùn Èideann, ach thoiribh an aire, tha rudan eile a' tighinn nan cois. Agus tha seo a' tighinn a-mach ann an dòigh gu math amalaichte, 's tha e ann an guth sgiobair gallda a tha 'g innse, o tha an t-àite a tha seo cho brèagha, chan eil sinn gann de dhrama, chan eil sinn gann de chaileagan, agus tha a' leigeil fhaicinn beag is beag, fhios agad, gu bheil an duine seo mar ex-pat sam bith eile agus gu bheil e a' gabhail air a shocair, agus 's dòcha gabhail a bhrath air cuid de na caileagan neo-chiontach a tha tighinn chun na dannsaichean tha seo. Sin rud eile a tha e ag innse dhut.

Chan eil na beachdan aige fhathast air sìoladh, tha e fhathast a' faicinn dà thaobh air a cheist, no trì taobhan, chan eil 'ad cho geur is cho deimhinne 's a tha cuid de na bàird eile a fhuair aois, ach tha sin nàdarra gu leòr.

Air adhart gu

Bàrdachd

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.