18mh linn / Uilleam Ros

Bàrdachd - Òran Eile

Tha an dà chuid faireachdainn drùidhteach agus ealain shònraichte ann an 'Òran Eile', an t-òran gaoil as ainmeile agus as cumhachdaiche sa Ghàidhlig.


Tha Ros a' sealltainn sàr sgil anns an dòigh sa bheil e a' cleachdadh Cànan agus Ìomhaighean. Tha an dàn cuideachd sònraichte, agus mì-àbhaisteach, air sgàth mar a tha e a' gabhail a-steach a thrioblaidean Pearsanta eile seach an gaol, rud a tha ga fhàgail nas fhìrinniche on a tha e a' buntainn ris an duine shlàn.


Lean na comharran airson a' bhàrdachd a mhìneachadh. Nuair a nì thu sin, theirig air ais agus leugh a' bhàrdachd air fad a-rithist.


Òran Eile

  • Tha mise fo mhulad san àm,
  • Chan òlar leam dram le sunnd;
  • Tha durrag air ghur ann am chàil
  • A dh'fhiosraich do chàch mo rùn;
  • Chan fhaic mi dol seachad air sràid
  • An cailin bu tlàithe sùil –
  • 'S e sin a leag m' aigne gu làr
  • Mar dhuilleach o bhàrr nan craobh.
  • A ghruagach as bachlaiche cùl,
  • Tha mise gad ionndrainn mòr;
  • Ma thagh thu deagh àite dhut fèin,
  • Mo bheannachd gach rè gad chòir;
  • Tha mise ri osnaich nad dhèidh
  • Mar ghaisgeach an dèis a leòn,
  • Na laighe san àraich gun fheum,
  • 'S nach tèid anns an t-sreup nas mò.
  • 'S e dh'fhàg mi mar iudmhail air treud,
  • Mar fhear nach toir spèis do mhnaoi,
  • Do thuras thar chuan fo bhrèid,
  • Thug bras shileadh dheur om shùil;
  • B' fheàrr nach mothaichinn fèin
  • Do mhaise, do chèill 's do chliù,
  • No suairceas milis do bhèil
  • As binne na sèis gach ciùil.
  • Gach anduin' a chluinneas mo chàs
  • A' cur air mo nàdar fiamh,
  • A' cantainn nach eil mi ach bàrd
  • 'S nach cinnich leam dàn as fiach –
  • Mo sheanair ri pàigheadh a mhàil
  • Is m' athair ri màileid riamh –
  • Chuireadh iad gearrain an crann
  • Is ghearrainn-sa rann ro cheud.
  • Is fad' a tha m' aigne fo ghruaim,
  • Cha mhosgail mo chluain ri ceòl,
  • Mi 'm breislich mar ànrach a' chuain
  • Air bharraibh nan stuagh ri ceò;
  • 'S e ionndrainn d' àbhachd bhuam
  • A chaochail air snuadh mo neòil,
  • Gun sùgradh, gun mhire, gun uaill,
  • Gun chaithream, gun bhuadh, gun treòir.
  • Cha dùisgear leam ealaidh air àill',
  • Cha chuirear leam dàn air dòigh,
  • Cha togar leam fonn air clàr,
  • Cha chluinnear leam gàir nan òg;
  • Cha dìrich mi bealach nan àrd
  • Le suigeart mar bha mi 'n tòs,
  • Ach triallam a chadal gu bràth
  • Do thalla nam bàrd nach beò.

Òran Eile

Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd


Teacsa

Òran Eile air a sheinn le Art Carmaig

Òran Eile air a sheinn le Art Carmaig.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Uilleam Ros

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.