18mh linn / Uilleam Ros

Bàrdachd - Òran Eile

Tha an dà chuid faireachdainn drùidhteach agus ealain shònraichte ann an 'Òran Eile', an t-òran gaoil as ainmeile agus as cumhachdaiche sa Ghàidhlig.


Tha Ros a' sealltainn sàr sgil anns an dòigh sa bheil e a' cleachdadh Cànan agus Ìomhaighean. Tha an dàn cuideachd sònraichte, agus mì-àbhaisteach, air sgàth mar a tha e a' gabhail a-steach a thrioblaidean Pearsanta eile seach an gaol, rud a tha ga fhàgail nas fhìrinniche on a tha e a' buntainn ris an duine shlàn.


Lean na comharran airson a' bhàrdachd a mhìneachadh. Nuair a nì thu sin, theirig air ais agus leugh a' bhàrdachd air fad a-rithist.


Òran Eile

  • Tha mise fo mhulad san àm,
  • Chan òlar leam dram le sunnd;
  • Tha durrag air ghur ann am chàil
  • A dh'fhiosraich do chàch mo rùn;
  • Chan fhaic mi dol seachad air sràid
  • An cailin bu tlàithe sùil –
  • 'S e sin a leag m' aigne gu làr
  • Mar dhuilleach o bhàrr nan craobh.
  • A ghruagach as bachlaiche cùl,
  • Tha mise gad ionndrainn mòr;
  • Ma thagh thu deagh àite dhut fèin,
  • Mo bheannachd gach rè gad chòir;
  • Tha mise ri osnaich nad dhèidh
  • Mar ghaisgeach an dèis a leòn,
  • Na laighe san àraich gun fheum,
  • 'S nach tèid anns an t-sreup nas mò.
  • 'S e dh'fhàg mi mar iudmhail air treud,
  • Mar fhear nach toir spèis do mhnaoi,
  • Do thuras thar chuan fo bhrèid,
  • Thug bras shileadh dheur om shùil;
  • B' fheàrr nach mothaichinn fèin
  • Do mhaise, do chèill 's do chliù,
  • No suairceas milis do bhèil
  • As binne na sèis gach ciùil.
  • Gach anduin' a chluinneas mo chàs
  • A' cur air mo nàdar fiamh,
  • A' cantainn nach eil mi ach bàrd
  • 'S nach cinnich leam dàn as fiach –
  • Mo sheanair ri pàigheadh a mhàil
  • Is m' athair ri màileid riamh –
  • Chuireadh iad gearrain an crann
  • Is ghearrainn-sa rann ro cheud.
  • Is fad' a tha m' aigne fo ghruaim,
  • Cha mhosgail mo chluain ri ceòl,
  • Mi 'm breislich mar ànrach a' chuain
  • Air bharraibh nan stuagh ri ceò;
  • 'S e ionndrainn d' àbhachd bhuam
  • A chaochail air snuadh mo neòil,
  • Gun sùgradh, gun mhire, gun uaill,
  • Gun chaithream, gun bhuadh, gun treòir.
  • Cha dùisgear leam ealaidh air àill',
  • Cha chuirear leam dàn air dòigh,
  • Cha togar leam fonn air clàr,
  • Cha chluinnear leam gàir nan òg;
  • Cha dìrich mi bealach nan àrd
  • Le suigeart mar bha mi 'n tòs,
  • Ach triallam a chadal gu bràth
  • Do thalla nam bàrd nach beò.

Òran Eile

Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd


Teacsa

Beachd mun dàin

Saoilidh mise gu bheil an dà Òran Eile a' còrdadh rium mar òran, tha mi smaoineachadh gu bheil e uabhasach brèagha mar òran agus bha mi bruidhinn ri caraid a tha na sheinneadair an latha roimhe mun an diofar eadar òran agus bàrdachd, chan eil fhios 'am mar sin a bheil diofar ann an Gàidhlig ach saoilidh mi gu bheil na h-ìomhaighean aig Uilleam Ros, tha e mar gum biodh a' shìor thogail dealbh air cho mòr 's a tha e ag ionndrainn a bhoireannaich, cho mòr 's a tha e ag ionndrainn Mòr Ros agus mar òran tha e ag obair, tha e uabhasach brèagha, tha e mar gum biodh an dealbh ga shìor thogail agus tha na h-ìomhaighean gu ìre sìmplidh ged a tha tòrr a bharrachd annta dh'fhaoidte, nuair a smaoinicheas tu orra na thuigeas tu aig a' chiad èisteachd no chiad leughadh.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Uilleam Ros

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.