18mh linn / Uilleam Ros

Bàrdachd - Òran Eile

Tha an dà chuid faireachdainn drùidhteach agus ealain shònraichte ann an 'Òran Eile', an t-òran gaoil as ainmeile agus as cumhachdaiche sa Ghàidhlig.


Tha Ros a' sealltainn sàr sgil anns an dòigh sa bheil e a' cleachdadh Cànan agus Ìomhaighean. Tha an dàn cuideachd sònraichte, agus mì-àbhaisteach, air sgàth mar a tha e a' gabhail a-steach a thrioblaidean Pearsanta eile seach an gaol, rud a tha ga fhàgail nas fhìrinniche on a tha e a' buntainn ris an duine shlàn.


Lean na comharran airson a' bhàrdachd a mhìneachadh. Nuair a nì thu sin, theirig air ais agus leugh a' bhàrdachd air fad a-rithist.


Òran Eile

  • Tha mise fo mhulad san àm,
  • Chan òlar leam dram le sunnd;
  • Tha durrag air ghur ann am chàil
  • A dh'fhiosraich do chàch mo rùn;
  • Chan fhaic mi dol seachad air sràid
  • An cailin bu tlàithe sùil –
  • 'S e sin a leag m' aigne gu làr
  • Mar dhuilleach o bhàrr nan craobh.
  • A ghruagach as bachlaiche cùl,
  • Tha mise gad ionndrainn mòr;
  • Ma thagh thu deagh àite dhut fèin,
  • Mo bheannachd gach rè gad chòir;
  • Tha mise ri osnaich nad dhèidh
  • Mar ghaisgeach an dèis a leòn,
  • Na laighe san àraich gun fheum,
  • 'S nach tèid anns an t-sreup nas mò.
  • 'S e dh'fhàg mi mar iudmhail air treud,
  • Mar fhear nach toir spèis do mhnaoi,
  • Do thuras thar chuan fo bhrèid,
  • Thug bras shileadh dheur om shùil;
  • B' fheàrr nach mothaichinn fèin
  • Do mhaise, do chèill 's do chliù,
  • No suairceas milis do bhèil
  • As binne na sèis gach ciùil.
  • Gach anduin' a chluinneas mo chàs
  • A' cur air mo nàdar fiamh,
  • A' cantainn nach eil mi ach bàrd
  • 'S nach cinnich leam dàn as fiach –
  • Mo sheanair ri pàigheadh a mhàil
  • Is m' athair ri màileid riamh –
  • Chuireadh iad gearrain an crann
  • Is ghearrainn-sa rann ro cheud.
  • Is fad' a tha m' aigne fo ghruaim,
  • Cha mhosgail mo chluain ri ceòl,
  • Mi 'm breislich mar ànrach a' chuain
  • Air bharraibh nan stuagh ri ceò;
  • 'S e ionndrainn d' àbhachd bhuam
  • A chaochail air snuadh mo neòil,
  • Gun sùgradh, gun mhire, gun uaill,
  • Gun chaithream, gun bhuadh, gun treòir.
  • Cha dùisgear leam ealaidh air àill',
  • Cha chuirear leam dàn air dòigh,
  • Cha togar leam fonn air clàr,
  • Cha chluinnear leam gàir nan òg;
  • Cha dìrich mi bealach nan àrd
  • Le suigeart mar bha mi 'n tòs,
  • Ach triallam a chadal gu bràth
  • Do thalla nam bàrd nach beò.

Òran Eile

Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd


Teacsa

Bha an dàn a' còrdadh gu mòr ri Somhairle MaGill-Eain

Tha deagh chuimhne agam air na facail a bh'aig Somhairle MacGill-Eain nuair a bha e a' bruidhinn air cho cudromach sa bha Uilleam Ros dhàsan agus mar a bha an t-òran eile 'indescribable', bha na b' àirde na pìos bàrdachd sam bith eile na bheachd-san 's docha gun robh sin, gun robh faireachdainnean làidir a' bhàird an t-seana bhàrd a' bruidhinn ris a' bhàrd òg a bh' annsan agus gur e sin an ceangal a bh' ann an ceangal a bha na bu truime agus na bu teinne na ceangal sam bith eile.

'S e dàn gu math inntinneach a th' ann ach chan eil mise buileach cinnteach a bheil e ag obair feumaidh mi aideachadh, tha fhios agam gu bheil loidhnichean ann is ceathramhan ann a tha uamhasach cudromach is nach tèid às do chuimhne gu brath ach nuair a tha bruidhinn air fhèin, tha mi faireachdainn ma dh'fhaodas mi tionndadh gu Beurla, 's e seòrsa 'failed masterpiece' a th' ann dhomhsa, agus tha rudan ann far a bheil e a' bruidhinn air, mar eisimpleir, air talla nam bàrd nach beò nuair a tha a chaileag dol a thionndadh a cùl ris is chan eil dòchas ann a-nise, chan eil air ach bàs agus a bhith beò as ùr ann an talamh nam bàrd nach beò.

Tha sin aige agus 's e ìomhaigh gu math neo-Ghàidhealach a tha sin, lorg mise an ìomhaigh sin ann am bàrdachd Gallda agus ma thoisicheas tu air smuain mar sin a leigeil a-steach tha thu a' faicinn rud beag bìodach an siud 's an seo air feadh an dàin a tha ag innse dhut nuair a bhruidhneas e air fhèin mar ghaisgeach air a leòn 's e ìomhaigh gu math romansach anns a litreachas Bheurla ann a litricheas Gallda na h-Alba a tha sin agus ann an dòigh uill tha nàdarra gu leòr, tha feuchainn ri guth a thogail, tha na faireachdainnean aige cho làidir 's tha leisgeul aige, chan eil an dàn cho lìomhte co-dhiù agus air an làimh eile, tha bruidhinn riutha thairis air na linntean agus dh'fheumainn aideachadh gu robh Somhairle ceart as an dòigh sin, tha na ceathramhan ann a tha dìreach gad bhualadh air do chridhe gun a bhith tighinn air d' inntinn.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Uilleam Ros

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.