18mh linn / Uilleam Ros

Bàrdachd - Òran Eile

Tha an dà chuid faireachdainn drùidhteach agus ealain shònraichte ann an 'Òran Eile', an t-òran gaoil as ainmeile agus as cumhachdaiche sa Ghàidhlig.


Tha Ros a' sealltainn sàr sgil anns an dòigh sa bheil e a' cleachdadh Cànan agus Ìomhaighean. Tha an dàn cuideachd sònraichte, agus mì-àbhaisteach, air sgàth mar a tha e a' gabhail a-steach a thrioblaidean Pearsanta eile seach an gaol, rud a tha ga fhàgail nas fhìrinniche on a tha e a' buntainn ris an duine shlàn.


Lean na comharran airson a' bhàrdachd a mhìneachadh. Nuair a nì thu sin, theirig air ais agus leugh a' bhàrdachd air fad a-rithist.


Òran Eile

  • Tha mise fo mhulad san àm,
  • Chan òlar leam dram le sunnd;
  • Tha durrag air ghur ann am chàil
  • A dh'fhiosraich do chàch mo rùn;
  • Chan fhaic mi dol seachad air sràid
  • An cailin bu tlàithe sùil –
  • 'S e sin a leag m' aigne gu làr
  • Mar dhuilleach o bhàrr nan craobh.
  • A ghruagach as bachlaiche cùl,
  • Tha mise gad ionndrainn mòr;
  • Ma thagh thu deagh àite dhut fèin,
  • Mo bheannachd gach rè gad chòir;
  • Tha mise ri osnaich nad dhèidh
  • Mar ghaisgeach an dèis a leòn,
  • Na laighe san àraich gun fheum,
  • 'S nach tèid anns an t-sreup nas mò.
  • 'S e dh'fhàg mi mar iudmhail air treud,
  • Mar fhear nach toir spèis do mhnaoi,
  • Do thuras thar chuan fo bhrèid,
  • Thug bras shileadh dheur om shùil;
  • B' fheàrr nach mothaichinn fèin
  • Do mhaise, do chèill 's do chliù,
  • No suairceas milis do bhèil
  • As binne na sèis gach ciùil.
  • Gach anduin' a chluinneas mo chàs
  • A' cur air mo nàdar fiamh,
  • A' cantainn nach eil mi ach bàrd
  • 'S nach cinnich leam dàn as fiach –
  • Mo sheanair ri pàigheadh a mhàil
  • Is m' athair ri màileid riamh –
  • Chuireadh iad gearrain an crann
  • Is ghearrainn-sa rann ro cheud.
  • Is fad' a tha m' aigne fo ghruaim,
  • Cha mhosgail mo chluain ri ceòl,
  • Mi 'm breislich mar ànrach a' chuain
  • Air bharraibh nan stuagh ri ceò;
  • 'S e ionndrainn d' àbhachd bhuam
  • A chaochail air snuadh mo neòil,
  • Gun sùgradh, gun mhire, gun uaill,
  • Gun chaithream, gun bhuadh, gun treòir.
  • Cha dùisgear leam ealaidh air àill',
  • Cha chuirear leam dàn air dòigh,
  • Cha togar leam fonn air clàr,
  • Cha chluinnear leam gàir nan òg;
  • Cha dìrich mi bealach nan àrd
  • Le suigeart mar bha mi 'n tòs,
  • Ach triallam a chadal gu bràth
  • Do thalla nam bàrd nach beò.

Òran Eile

Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd


Teacsa

A' beachdachadh air susbaint na bàrdachd

Ma choimheadas sinn air na dàin gaol, an fheadhainn as ainmeile a rinn Uilleam Ros, an fheadhainn air a bheil daoine cuimhneachadh nuair a thogas tu ainm a' bhàird. Chanainn gu bheil cliù as àirde na càch aig an Òran Eile, 's e tiotal an òrain dìreach an tiotal a chuir Iain MacCoinnich ris anns an leabhar aige "Òran Eile air an Adhbhar Ceudna" agus tha sinn a' tighinn às dèidh dhà no trì dàin gaoil agus cumhaidh.

Thachair Uilleam ri Mòr Ros ann an Steòrnabhagh agus dh'fhalbh i le duin' eile, thill esan a Gheàrrloch. Tha sinn a' dèanamh dheth gun do rinneadh na dàin far a bheil e a' cuimhneachadh air Mòr Ros anns an dà bhliadhna mu dheireadh de bheatha agus 's e tha san òran eile, an t-òran mu dheireadh san t-sreath de dhàin seo far a bheil e mar gum b' ann ag ràdh, a' fàgail a bheannachd dheireannach aig, chan ann a-mhàin aig a nighean ach aig a bheatha fhèin, chionn tha e follaiseach bhon bhàrdachd gu bheil e fhèin a' dol sìos na chorp.

Chan eil e fallain agus tha e fighe a-steach an dà rud, an galar corporra a tha bualadh air agus na faireachdainnean a th' aige, gu bheil e air an t-slighe a-mach mar gum b' ann mar bhàird, agus nach eil dòchas ann agus tha mi dòchas gur h' e sin an rud a tha tighinn troimhe as an dàn seo aig deireadh an latha, gu bheil an dà rud ann, an corp agus an inntinn, gu bheil inntinn a' bhàird a' crìonadh, chan eil dòchasan ann agus aig an aon àm, tha sin a' nochdadh na chorp. Agus tha e cumail a-mach ann an dòigh as a' bhàrdachd gu bheil an galar corporra a tha thu faicinn air mar gum biodh a' riochdachadh na rudan a tha tachairt air an taobh a-staigh, na inntinn, a thaobh an gaol nach fhaigh e gu sìorraidh bho dh'fhalbh an nighean.

Tha sin a' fàgail gur e dàn gu math cumhachdachd, gu math, math cumhachdach a th' ann agus tha sin ag innse dhut carson a tha daoine ainmeil, bha am bàrd Somhairle MacIlleathain uabhasach measail air, thuirt esan nach robh dàin idir a bha na b' àirde na bharail fhèin a thaobh peanas gaol, a tha gaol a' cur air duine a' cur an cèill, dh'fhairich e fhèin sin agus tha e follaiseach gu robh sin car coltach ris an dòigh anns am biodh e fhèin a' sealltainn air an t-saoghal, cò aig tha fios nach do thog e car den ghleus aige, gleus na bhàrdachd sin bho Uilleam Ros ann an Dàin do Eimhir.

Ach a' tilleadh gu Òran Eile, tha e tòiseachadh leis a sgaradh eadar an corp agus an inntinn agus ag innse mar a tha e fhèin, agus tha e a' sireadh ìomhaighean agus tha e ga fhaicinn fhèin mar ghaisgeach air a leòn, chan urrainn dhà gnìomhan gaisg a' dhèanamh, 's ann a tha e na laighe air a' bhlàr às dèidh a' chogaidh agus chan èirich e gu bràth. Sin an seòrsa rud a tha e a' lorg, ìomhaighean a dh'innseas dhut gu bheil e air an t-slighe a-mach agus tha e tilleadh chun a sin aig deireadh an òran nuair a tha e mach air, nach eil dòchas ann, chan eil air ach am bas, chan eil ann dha fhèin a-nis ach am bàs, agus an uair sin 's dòcha faochadh air choireigin ma bhios beatha eile ann.

Bidh a' bhàrdachd aige air a cumail beò às dèidh a' bhàis agus 's e sin a bheatha a bhios aige agus mar a tha e fhèin ag ràdh, tha e ag innse gum bi e fhèin mar gum b' ann an talla na bàird nach beò, bidh e dol còmhla ri Homer 's Virgil agus Shakespeare agus daoin' eile mar sin, agus gur e sin an aon seòrsa faochadh a th' ann gu bheil gaol na h-ighne a' dol ga thogail bhon t-sreath àbhaisteach agus a' dol a thoirt dha cothrom a bhith na bhàrd bhon a dh'fhairich e rud a bha cho cruaidh 's a dh' fhaodadh a bhith aig duine nuair a dreigheadh aige ri sin a' chur ann am facail.

Agus ann am meadhan an dàn, tha sin a' bristeadh a-steach, fhios agad, tha na beachdan aige, chan eil iad a' laighe ann an dòigh nàdarra agus tha iad a' tighinn 's a' falbh, tha lìonadh 's tràghadh ann agus tha e bruidhinn aig aon àm, tha ag ràdh – "Tha cuid ag ràdh nach eil annam ach bàrd, chan eil annam ach dìreach mar eisg, mar duine a dhèanadh aon, no bàrdachd baile 's rudan mar sin, ach tha amasan agam a tha nas àirde na sin, bha sin as an teaghlach againn agus tha e agam a-nise" agus tha e ga chur gu dùbhlan agus tha e ag ràdh – "Tha mise dol a bhith suas a-measg am bàird" agus tha sin a' nochdadh aig deireadh an òran, tha e fìor inntinneach, mar a tha na rudan sin, chan eil iad a' laighe, chan eil iad a' sìoladh ach ciamar a dh' fhaodadh iad sìoladh nuair a tha na faireachdainn, cumhachd na faireachdainn cho làidir ann an inntinn a' bhàird 's e cho faisg a-nise air a bhas fhèin?

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Uilleam Ros

Air adhart gu

Beachdan

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.