18mh linn / Uilleam Ros

Bàrdachd - Òran Eile

Tha an dà chuid faireachdainn drùidhteach agus ealain shònraichte ann an 'Òran Eile', an t-òran gaoil as ainmeile agus as cumhachdaiche sa Ghàidhlig.


Tha Ros a' sealltainn sàr sgil anns an dòigh sa bheil e a' cleachdadh Cànan agus Ìomhaighean. Tha an dàn cuideachd sònraichte, agus mì-àbhaisteach, air sgàth mar a tha e a' gabhail a-steach a thrioblaidean Pearsanta eile seach an gaol, rud a tha ga fhàgail nas fhìrinniche on a tha e a' buntainn ris an duine shlàn.


Lean na comharran airson a' bhàrdachd a mhìneachadh. Nuair a nì thu sin, theirig air ais agus leugh a' bhàrdachd air fad a-rithist.


Òran Eile

  • 'S e dh'fhàg mi mar iudmhail air treud,
  • Mar fhear nach toir spèis do mhnaoi,
  • Do thuras thar chuan fo bhrèid,
  • Thug bras shileadh dheur om shùil;
  • B' fheàrr nach mothaichinn fèin
  • Do mhaise, do chèill 's do chliù,
  • No suairceas milis do bhèil
  • As binne na sèis gach ciùil.
  • Gach anduin' a chluinneas mo chàs
  • A' cur air mo nàdar fiamh,
  • A' cantainn nach eil mi ach bàrd
  • 'S nach cinnich leam dàn as fiach –
  • Mo sheanair ri pàigheadh a mhàil
  • Is m' athair ri màileid riamh –
  • Chuireadh iad gearrain an crann
  • Is ghearrainn-sa rann ro cheud.
  • Cha dùisgear leam ealaidh air àill',
  • Cha chuirear leam dàn air dòigh,
  • Cha togar leam fonn air clàr,
  • Cha chluinnear leam gàir nan òg;
  • Cha dìrich mi bealach nan àrd
  • Le suigeart mar bha mi 'n tòs,
  • Ach triallam a chadal gu bràth
  • Do thalla nam bàrd nach beò.

Òran Eile

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


Teacsa

Dealbh air beatha a' bhàird

Rugadh Uilleam Ros anns a' bhliadhna 1762, seachd ceud deug as dèidh bliadhna Theàrlaich.

Nuair a ràinig e aois inbheach bha iomadh gluasad ri tighinn air a' Ghàidhealtachd. Bha an Riaghaltas air na laghannan an-aghaidh ar-a-mach gu bhith aig a' Ghàidheal, an-aghaidh an èideadh Ghàidhealach 's rudan mar sin. Bha iad air na laghannan sin a chur à bith.

Bha e tighinn gu bhith, cha mhòr nach canadh tu gu robh e fasanta a bhith na do Ghàidheal agus bha na Comainn Ghàidhealach ann an Lunnainn agus ann an Glaschu agus ann an Dùn Èideann 's ann an àiteachan eile, bha iad a' togail orra a' feuchainn ri ìomhaigh nan Gàidheal a thogail, agus 's ann dhan linn seo a bhuineas cuid de na còmhstrithean gabh mo leisgeul, a bhuineas 's ann dhan linn seo a bhuineas cuid de na farpaisean, na co-fharpaisean a bhuineas ris a' phìob-mhòr agus ris a' Ghàidhlig, far am biodh na bàird air an toirt gu rudan car coltach ris a' Mhòd ann an Dùn Èideann, agus bidh daoine mar Donnchadh Bàn is bàird eile a' togail cliù nan Gàidheal, cliù na pìoba, cliù na Gàidhlig, 's mar sin air adhart.

Tha mi faireachdainn gu robh sin uile ann, agus thàinig, 's dòcha gun deach Bliadhna Theàrlaich mar a bha e, mar a bha, fhios agad le, le murt agus marbhadh agus fulang de gach sheòrsa, gu robh sin air a dhol à cuimhne, glan às a' chuimhne aig daoine agus thàinig mac-talla air ais gu daoine nuair a chualas gu robh am Prionnsa Teàrlach air bàs fhaighinn. Bha esan air a bhith tighinn beò san Roinn Eòrpa air fògradh bho chionn fhada, 's bha athair air caochladh bho chionn fhada.

Bhàsaich e-fhèin anns an Roimh, fhathast an dòchas gun tilleadh e uair no uaireigin, ach a' cumail a' dol leis an deoch 's rudan mar sin, mar a chanas iad. Agus thàinig, thàinig an naidheachd gu robh the 'Young Pretender' marbh agus bha faireachdainn, 's dòcha, aig a' bhàrd nach robh e, nach robh e tuigsinn buileach dè chanadh e. Nan robh e 's dòcha air a bhith dà fhichead bliadhna na, na bu shine, bhiodh e furasta dha a dhèanamh mar a rinn cuid de na bàird eile, a bhith cuimhneachadh air an dà shaoghal, nach ann oirnn a thàinig an dà latha, 's rudan mar sin.

Ach, 's ann a bha e feuchainn ri sìneadh a-mach agus feuchainn ri buntainn ris an seann t-saoghal sin as an robh daoine leis a' chlaidheamh mhòr agus na fineachan Gàidhealach a' dol a-mach. Cha robh sin a' dol a thachairt. 'S e bha tachairt a-nise ach Rèiseamaidean Gàidhealach gan togail air feadh na Gàidhealtachd, 's daoine dol dhan Fhraing agus dhan Èiphit agus do dh'àiteachan mar sin, a thogadh an-aghaidh na Frangach – saoghal eile.

Agus, tha mi-fhìn a' smaoineachadh gu robh e faireachdainn gu bheil rudeigin glè chudromach air tachairt, 's cha robh e buileach furasta dhàsan, dèanadh mar a dh'fheumadh am bàird a bhith dèanamh, 's e sin a bhith trusadh beachdan is smaointinn gach duine agus gan toirt a-mach ann an dòigh reusanta.

Mar sin, tòisichidh an dàn le gu math mall mar rud a bhuineas ri tìodhlacadh, "Soraidh slàn don t-Suaithneas Bhàn, gu Là Luain cha ghluais o 'n bhàs," 's rudan mar sin, agus tha thu faireachdainn gur e rud caran bàsmhor a th' ann, tha dol a nochdadh. 'S an uair sin tha e 'g innse dhut, uill, nuair a bha sinn a' dol air cuairt, mi-fhìn 's cuid de dhaoine eile, thachair sinn ri teachdaire is dh'innis e dha, dh'innis e dhuinne gu robh am Prionnsa marbh agus tha e 'g innse dhuinn a' seòrsa rabhadh a th' ann, gur e rud, fhios agad, a tha dìreach a' dol a thighinn à làrach na bonn a th' aige.

Chan e seo rud a bheireadh an seann bhàird dhut, ach rud a tha mise dol a thoirt dhut. 'S tha e dìreach gad leigeil a-steach dhan sgeulachd, 's an uair sin na smuaintean aige, 's tha e smuaintean air 's tha e faicinn - aon rud a tha e faicinn, tha e faicinn gu bheil atharrachadh no caochladh a' tighinn nàdar timcheall air. Tha e mar gum b' ann gu bheil nàdar a' freagairt air a' bhròn 's air a' mhulad a tha daoine faireachdainn, 's tha e faicinn na h-eòin a' cromadh an cinn, tha e faicinn na daoine, an uair sin mar phàirt de nàdar, a' faireachdainn brònach, agus sin an dòigh as a bheil e gar toirt a-steach dhan rud a bh' ann.

Chan eil e bruidhinn air a' Phrionnsa mar phearsa mar a dhèanadh Mac Mhaighstir Alasdair, no cho, cho dàicheil 's cho bòidheach 's a bha e, no rud sam bith mar sin. Tha e bruidhinn air an là as an robh e-fhèin beò agus na rudan a bha e faicinn. 'S dòcha gun tàinig dalladh air, 's gun tàinig dorchadas air an là na inntinn fhèin, 's gum fac' e a' ghrian dol sìos, a' ghrian ga mùchadh, a' ghrian ga falach fhèin, 's rudan mar sin. Sin an seòrsa rud a tha e cur an cèill dhuinn faireachdainn a' bhàird.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Uilleam Ros

Air adhart gu

Beachdan

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.