18mh linn / Uilleam Ros

Am Bàrd

Rugadh Uilleam Ros anns an t-Srath san Eilean Sgitheanach ann an 1762. B' e Sgitheanach a bha na athair agus bhuineadh a mhàthair do Sgìre Gheàrrloich.


Ghluais an teaghlach gu Farrais gus am faigheadh Uilleam agus a phiuthar foghlam clasaigeach. B' e deagh sgoilear a bh' ann agus an dèidh dha an sgoil fhàgail thill an teaghlach gu Geàrrloch.


B' e ceannaiche-siubhail a bha na athair, 's ged nach robh Uilleam làidir na bhodhaig, bhiodh e tric a' siubhal gu na h-eileanan 's air feadh na dùthcha còmhla ris. Mar sin, fhuair Uilleam eòlas air diofar àiteachan agus air dualchainntean na dùthcha.


An dèidh dha tilleadh a Gheàrrloch, chaidh a shuidheachadh mar mhaighstir-sgoile san sgìre. Bha Uilleam ealanta ann an ceòl - chluicheadh e an fhidheall, am feadan 's grunnan ionnsramaidean-ciùil eile. Mar sin, bhiodh Uilleam air a bhith math aig cèilidhean, agus b' esan cuideachd a bhiodh a' togail an fhuinn san eaglais.


Lean e air na mhaighstir-sgoile gus an do bhris a shlàinte. Chaidh e a Dhùn Èideann a shireadh taic bho dhotairean ann an 1782, 's chaidh moladh dha gum biodh èadhar ghlan nam beanntan math dha. Ach, an dèidh gluasad gu Bràghad Albainn eadar 1783-86, cha do dh' fhàs a shlàinte càil na b' fheàrr.


Chaochail e leis a' chuing 's an caitheamh ann an 1790 's gun e ach ochd bliadhna fichead a dh'aois. B' ann am Bad a' Chrò a chaochail e, 's chaidh adhlacadh ann an Clachan Gheàrrloich.


Ged a rinn Uilleam Ros diofar sheòrsachan de bàrdachd – nam measg, dàin molaidh, bàrdachd nàdair agus òrain èibhinn - 's ann airson na h-òrain gaoil as ainmeile a tha e, 's gu h-àraidh na h-òrain a rinn e do Mhòr Ros. A rèir beul-aithris, thuit Uilleam ann an trom ghaol le Mòr Ros, a bhuineadh do Steòrnabhagh, 's e air chuairt sa bhaile na òige. Rinn e iomadh òran air a son, ach thrèig i e agus phòs i fear eile.


Thathar ag ràdh gun do chuir Uilleam a bhàrdachd na theine mus do bhàsaich e 's nach eil air fhàgail ach na pìosan a bh' air bilean an t-sluaigh.


Latha-breith:

1762

Àite:

An t-Srath san Eilean Sgitheanach

Foghlam:

Sgoil ann an Farrais

Teacsa

Tha e doirbh a ràdh cò air a thuiteadh a shùil

Bha for aige gu robh a' chlann-nighean ann, agus tha dàin eile ann far a bheil e tarraing às na caraidean aige a bha ro dhèidheil orra.

Tha e follaiseach gur e nàdar an duine a bh' ann, gun laigheadh a shùil air nighean air choireigin agus gun tuiteadh e ann an trom-ghaol leatha. Agus chan eil fhios agam cò air a thuiteadh a shùil, an e tè às a' Ghàidhealtachd, no tè à Lunnainn, tè à New York, Beyonce no tè mar sin, chan eil sian a dh'fhios agam-sa. Tha e doirbh a ràdh.

Fhios agad, ma choimheadas tu air na rudan a tha e ag ràdh mu dheidhinn Mòr Ros, ann an Feasgar Luain tha ag innse dhuinn, fhios agad, gu robh sinnsearachd aice 's, fhios agad, gum buineadh i ri Clann 'Ic Choinnich agus Cloinn Rois agus mar sin air adhart.

Ach tha thu faireachdainn nach eil ann a' sin ach gu bheil e lìonadh a rann, 's ann nuair a tha thu tighinn gu Oran Cumhaidh agus Òran Eile a tha thu faicinn nàdar na maighdinn. 'S dòcha, fhios agad, nan tigeadh e beò nar measg an-diugh, 's dòcha gum biodh e fhathast dìleas do Mhòr Ros bhon a bha ìomhaigh na caileig, fhios agad, air a priontadh cho trom air inntinn.

Air adhart gu

Cuspairean

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.