18mh linn / Uilleam Ros

Am Bàrd

Rugadh Uilleam Ros anns an t-Srath san Eilean Sgitheanach ann an 1762. B' e Sgitheanach a bha na athair agus bhuineadh a mhàthair do Sgìre Gheàrrloich.


Ghluais an teaghlach gu Farrais gus am faigheadh Uilleam agus a phiuthar foghlam clasaigeach. B' e deagh sgoilear a bh' ann agus an dèidh dha an sgoil fhàgail thill an teaghlach gu Geàrrloch.


B' e ceannaiche-siubhail a bha na athair, 's ged nach robh Uilleam làidir na bhodhaig, bhiodh e tric a' siubhal gu na h-eileanan 's air feadh na dùthcha còmhla ris. Mar sin, fhuair Uilleam eòlas air diofar àiteachan agus air dualchainntean na dùthcha.


An dèidh dha tilleadh a Gheàrrloch, chaidh a shuidheachadh mar mhaighstir-sgoile san sgìre. Bha Uilleam ealanta ann an ceòl - chluicheadh e an fhidheall, am feadan 's grunnan ionnsramaidean-ciùil eile. Mar sin, bhiodh Uilleam air a bhith math aig cèilidhean, agus b' esan cuideachd a bhiodh a' togail an fhuinn san eaglais.


Lean e air na mhaighstir-sgoile gus an do bhris a shlàinte. Chaidh e a Dhùn Èideann a shireadh taic bho dhotairean ann an 1782, 's chaidh moladh dha gum biodh èadhar ghlan nam beanntan math dha. Ach, an dèidh gluasad gu Bràghad Albainn eadar 1783-86, cha do dh' fhàs a shlàinte càil na b' fheàrr.


Chaochail e leis a' chuing 's an caitheamh ann an 1790 's gun e ach ochd bliadhna fichead a dh'aois. B' ann am Bad a' Chrò a chaochail e, 's chaidh adhlacadh ann an Clachan Gheàrrloich.


Ged a rinn Uilleam Ros diofar sheòrsachan de bàrdachd – nam measg, dàin molaidh, bàrdachd nàdair agus òrain èibhinn - 's ann airson na h-òrain gaoil as ainmeile a tha e, 's gu h-àraidh na h-òrain a rinn e do Mhòr Ros. A rèir beul-aithris, thuit Uilleam ann an trom ghaol le Mòr Ros, a bhuineadh do Steòrnabhagh, 's e air chuairt sa bhaile na òige. Rinn e iomadh òran air a son, ach thrèig i e agus phòs i fear eile.


Thathar ag ràdh gun do chuir Uilleam a bhàrdachd na theine mus do bhàsaich e 's nach eil air fhàgail ach na pìosan a bh' air bilean an t-sluaigh.


Latha-breith:

1762

Àite:

An t-Srath san Eilean Sgitheanach

Foghlam:

Sgoil ann an Farrais

Teacsa

Tha dà shealladh anns a' bhàrdachd seo

Tha dà shealladh ann, cha chanainn gur e Jekyll is Hyde a bh' ann, ach tha dà dhealbh ann co-dhiù. Beatha a' bhàird mar, fhios agad, an fhir a rinn na dàin sin a bha fosgladh a chridhe agus gach faireachdainn a bh' ann a bha ag innse mar a bha an galar a' cnàmh, fhios agad, galar a ghràidh ga cnàmh, dìreach mar a bha an tinneas a' cnàmh air an taobh a-staigh agus ga chlaoidh mar sin.

Sin an dàrna dealbh a tha thu a' faighinn, agus an dealbh eile 's e an dealbh a tha tighinn às na dàin a rinn e do dhaoine eile, far a bheil e follaiseach gu bheil e ann an taigh-òsta, na dàin as a bheil e tarraing às na càirdean aige nuair a thachair ùpraid, no, nuair a rinn iad rud nach robh buileach ceart.

Agus cuideachd na h-aoirean a rinn e, chan e aoirean serious a bh' annta, ach 's ann a bha e ri fealla-dhà, ach a' leigeil air gun robh e ri aoir an aghaidh dà bhàird eile, agus gu robh e dol a dhèanamh aoir air boireannach a bha diombach ris agus an uair sin nuair a ghabh ise diomb ris-san, gun robh e dol a dhèanamh dàn molaidh às a dhèidh sin. Agus chì thu gu bheil e a' cluiche leis, leis na gnèithean de bhàrdachd agus cuideachd na daoine a tha timcheall air, agus tha beagan, beag bìodach aige a' nochdadh as a' bheul-aithris aige cuideachd anns na naidheachdan aige mu dheidhinn, mu dheidhinn beatha a' bhàird, gun robh e uamhasach càirdeach air bàird eile, Alasdair buidhe MacÌomhair, gum biodh iad a' coiseachd a-mach còmhla agus ag iasgach agus a' feuchainn ri farpais bàrdachd a' dhèanamh is rudan mar sin - a' leigeil fhaicinn fhios agad, bheireadh e dhut rabhadh nach e dìreach am fear a thuit ann an trom gaoil 's nach d'fhuair thairis air a bh' ann an Uilleam Ros.

Air adhart gu

Cuspairean

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.