18mh linn / Uilleam Ros

Am Bàrd

Rugadh Uilleam Ros anns an t-Srath san Eilean Sgitheanach ann an 1762. B' e Sgitheanach a bha na athair agus bhuineadh a mhàthair do Sgìre Gheàrrloich.


Ghluais an teaghlach gu Farrais gus am faigheadh Uilleam agus a phiuthar foghlam clasaigeach. B' e deagh sgoilear a bh' ann agus an dèidh dha an sgoil fhàgail thill an teaghlach gu Geàrrloch.


B' e ceannaiche-siubhail a bha na athair, 's ged nach robh Uilleam làidir na bhodhaig, bhiodh e tric a' siubhal gu na h-eileanan 's air feadh na dùthcha còmhla ris. Mar sin, fhuair Uilleam eòlas air diofar àiteachan agus air dualchainntean na dùthcha.


An dèidh dha tilleadh a Gheàrrloch, chaidh a shuidheachadh mar mhaighstir-sgoile san sgìre. Bha Uilleam ealanta ann an ceòl - chluicheadh e an fhidheall, am feadan 's grunnan ionnsramaidean-ciùil eile. Mar sin, bhiodh Uilleam air a bhith math aig cèilidhean, agus b' esan cuideachd a bhiodh a' togail an fhuinn san eaglais.


Lean e air na mhaighstir-sgoile gus an do bhris a shlàinte. Chaidh e a Dhùn Èideann a shireadh taic bho dhotairean ann an 1782, 's chaidh moladh dha gum biodh èadhar ghlan nam beanntan math dha. Ach, an dèidh gluasad gu Bràghad Albainn eadar 1783-86, cha do dh' fhàs a shlàinte càil na b' fheàrr.


Chaochail e leis a' chuing 's an caitheamh ann an 1790 's gun e ach ochd bliadhna fichead a dh'aois. B' ann am Bad a' Chrò a chaochail e, 's chaidh adhlacadh ann an Clachan Gheàrrloich.


Ged a rinn Uilleam Ros diofar sheòrsachan de bàrdachd – nam measg, dàin molaidh, bàrdachd nàdair agus òrain èibhinn - 's ann airson na h-òrain gaoil as ainmeile a tha e, 's gu h-àraidh na h-òrain a rinn e do Mhòr Ros. A rèir beul-aithris, thuit Uilleam ann an trom ghaol le Mòr Ros, a bhuineadh do Steòrnabhagh, 's e air chuairt sa bhaile na òige. Rinn e iomadh òran air a son, ach thrèig i e agus phòs i fear eile.


Thathar ag ràdh gun do chuir Uilleam a bhàrdachd na theine mus do bhàsaich e 's nach eil air fhàgail ach na pìosan a bh' air bilean an t-sluaigh.


Latha-breith:

1762

Àite:

An t-Srath san Eilean Sgitheanach

Foghlam:

Sgoil ann an Farrais

Teacsa

Ag innse mu beatha a' bhàird

Rugadh Uilleam Ros, bàrd an Eilein Sgitheanaich, faisg air an t-Sìthein, faisg air a' rathad, ma leanas tu a' rathad a-mach às an Ath Leathann, rathad Ealaghol, air do làimh dheis chì thu làrach Coire Chatachain, taigh mòr a bha ann nuair a thàinig an Dotair Johnson agus Boswell air a chuairt Ghàidhealach aca, agus 's ann glè fhaisg air a' sin a bha clachan beag, baile beag dham buineadh Uilleam Ros.

B' ann às an Eilean Sgitheanach a bha athair, Iain Ros, ach b' ann à Geàrrloch a bha mhàthair, agus is ann air taobh a mhàthair a bha a' bhàrdachd agus an ceòl. 'S e Iain MacAoidh, pìobaire ainmeil, Am Pìobaire Dall, mar a ghabhas sinn air, a bha na sheanair, pìobaire Sir Eachainn MhicCoinnich Gheàrrloich. Agus mar sin, tha fhios againn gu robh beagan de bhàrdachd co-dhiù na do cheòl, agus 's dòcha an dà chuid ann an.. as na genes aig Uilleam Ros.

A rèir choltais cha robh e slàn na.. bha e car euslainteach nuair a bha e na leanabh, agus mar sin cha bhiodh e comasach dha bhith a' dol an sàs ann an obair mar a dhèanadh balaich eile dha aois.

A rèir choltais, nuair a bha e òg, 's nuair a bha e tinn, thogadh a mhàthair ann an cliabh e air a druim nuair a bhiodh i dol a-mach a dh'obair. Agus bha, 's dòcha gur e sin a bu choireach nach robh, fhios agad, nach robh e buan na bheatha, gun d'fhuair galair air choireigin, 's dòcha an caitheamh, grèim air nuair a bha e car òg.

Ach, co-dhiù, dh'aithnich iad gu robh tàlantan ann agus gu robh feum.. dh'aithnich an teaghlach gum feumadh e foghlam fhaighinn agus a rèir an eachdraidh-bheatha a thug Iain MacCoinnich dhuinn ann an Sàr Obair nam Bàrd Gàidhealach, tha sin ag innse dhuinn gun deach a phàrantan gu tìr-mòr agus gun tug iad gu sgoil gràmair e ann a' Forres. Tha fhios gu robh sgoil gràmair ann an Forres aig an àm agus ged nach b' urrainn dhomh fhìn lorg fhaighinn air a' bhàrd a bhith ann a' sin, tha fhios gun d'fhuair e foghlam ceart.

Nuair a thàinig e gu aois bha e.. tha rudan as a' bhàrdachd aige a tha leigeil fhaicinn gu robh beagan de Laideann aige agus cò aig' tha fios Greugais cuideachd. Co-dhiù, tha Laideann aige. Tha e bruidhinn air na Diathan Greugach 's rudan mar sin, Apollo agus na Muses 's na... a' cheòlraidh, 's rudan mar sin. Agus cuideachd tha pìos de Laideann a' tighinn a-steach don bhàrdachd aige ann an dòigh no dhà.

Cuideachd tha e follaiseach gu robh e mar... bho na dàin aige fhèin, tha e follaiseach gu robh e air feadh na Gaidhealtachd, ann an Braghad Albainn, ann an Cill Fhìnn, ann a' Dùn Èideann, agus tha sin co-cheangailte ris a' rud a thug Iain MacCoinnich dhuinn a-rithist, gun do dh'fhàg athair a chroit agus gun do ghabh e air mar mharsanta-siubhail, mar fhear-paca, a' dol timcheall nan eilean a' reic rudan beaga agus gun tug e Uilleam Ros còmhla ris nuair a bha e siubhal. 'S dòcha gu robh e na b'fheàrr a bhith siubhal na bhith 'g obair aig an àm sin.

Co-dhiù, tha teist ann a' cuid de na dàin aige gu robh e ann an àitichean fad is farsaing, 's cuideachd tha fhios againn gu robh e ann a' Leòdhas, chionn 's ann nuair a bha e ann a' Leòdhas a thachair e ris an nighean a bha gu bhith na cuspair don bhàrdachd aige nuair a thàinig e gu aois inbhe, sin Mòr Ros. Agus gu dearbha tha e 'g innse dhuinn ann a' 'Feasgair Luain' mar a chunnaic e i airson a' chiad turas a-riamh aig, aig dannsa, bàl, ann an Steòrnabhagh. Bha dannsaichean ac' ann an Steòrnabhagh fiù 's as an ochdamh linn deug!

Agus 's e.. tha e, fhios agad, ged a thuit am bàrd ann an troma-ghaol le Mòr Ros, agus ged a tha sinn a' tuigsinn gun do gheall ise gum biodh i dìleas dhàsan, thàinig fear eile a rathad, 's e caiptean a bh' ann agus.. Tha fhios againn cò bh' ann chionn tha pàipearan ann a tha 'g innse dhuinn gun do phòs Mòr Ros a' fear a bha seo, sgiobair à Liverpool, Captain Clough, agus gun do dh'fhalbh iad a Shasainn, gun do dh'fhàg iad am bàrd. Sin aon rud a tha deimhinnte mu dheidhinn beatha a' bhàrd bhon a fhuair Uilleam MacMhathain nach maireann a-mach na pàipearan-pòsaidh agus rudan mar sin a tha 'g innse dhuinn gun do thachair seo an da-rìribh.

A thaobh a' bhàrd fhèin, fhuair e dreuchd a' tilleadh a-nise gu Bad a' Chrò, gu Geàrrloch às dèidh dha fhoghlaim fhaighinn, agus às dèidh bhith siubhal. Fhuair e dreuchd mar mhaighstir-sgoile as a' bhaile aige fhèin, ann an Geàrrloch, agus ged nach robh e uabhasach fada beò às dèidh sin, dìreach beagan bhliadhnaichean, tha e coltach gur th' ann dhan linn sin, na bliadhnaichean aig... 's dòcha.. an dèidh dha a bhith aig Ghalltachd agus air Ghaidhealtachd.

Tha beul-aithris ag innse dhuinn gu robh e math air dàin a ghabhail air.. gum biodh e seinn na salm, gum biodh e a' cluich air an fhidheall, ioma rud mar sin, agus cuideachd a' dol timcheall na taighean mòra agus gu h-àraidh an t-àite ris an canadh iad Flowerdale, 's e sin taigh mòr Tighearna Gheàrrloch, Sir Eachainn MacCoinnich.

Sin a' seòrsa beatha a bh' aige agus.. ach gu mì-fhortanach cha do mhair e fada. Chan eil fhios agam buileach dè dh'èirich dha, ach leis gu robh laige air choireigin na bhodhaig bhon a bha e òg, tha e coltach gur e rud mar a' chaitheamh a rinn às dha, agus fhuair e bàs aig aois ochd thar fhichead.

Air adhart gu

Cuspairean

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.