19mh linn / Uilleam MacDhunlèibhe

Cuspairean

Bha ùidh mhòr aig Uilleam MacDhunlèibhe ann an seann eachdraidh Alba agus sgrìobh e grunnan dhàin fhada ghaisgeil, no epics, stèidhte anns na linntean sin. Ged a tha dealbhan beòthail ann an cuid dhiubh de shabaid eadar armailtean, chan eil mòran de fhìor bhàrdachd anns na dàin seo agus tha MacDhunlèibhe ainmeil an-diugh barrachd airson nan dàn ghoirid aige mu ana-ceartasan a latha fhèin, leithid nam Fuadaichean ann an Ìle no cor Èirinn.


Tha faireachdainn làidir anns na dàin ghoirid sin a tha nas èifeachdaiche air sgàth gu bheil e air a chumail fo smachd agus air a chur an cèill gu h-ealanta.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Bha am bàrd math air ìomhaighean a dhèanamh.

Bha Uilleam MacDhunlèibhe uabhasach math air ìomhaighean a dhèanamh, leanadh e ris an ìomhaigh. Thaghadh e, mar eisimpleir, ìomhaigh bhon mhuir, bu toil leis a bhith 'g obair le ìomhaighean na mara, agus ann a' Fios Chun a' Bhàird tha e fosgladh an dàin agus e bruidhinn air a' bhàta:

"Tha an long na h-èideadh sgiamhach, 'S cha chuir sgìos i dh'iarraidh tàmh; Mar a fhuair 's a chunnaic mise, A' toirt an fhios seo chun a' Bhàird."

Agus tha e 'g obair air an dealbh a tha sin airson rann no dhà ann a' Fios Chun a' Bhàird, agus aig meadhan Fios Chun a' Bhàird tha e 'g atharrachadh nan dealbh – seach na h-ìomhaighean brèagha a th' aige aig toiseach gnothaich, tha ìomhaighean uabhasach fuar, uaireannan eagallach. Tha nathair a' nochdadh, nathair anns na taighean air an ùrlar, far an robh na fir mhòra aig aon àm. Agus tha seo a' toirt clisgeadh ort.

Mar sin, tha e ag obair le ìomhaighean às an t-saoghal nàdarra gu math tric. A' mhuir a' riochdachadh, mar as trice, an inntinn aige fhèin, a' sealladh gu làidir feadh na tìre feadh na dùthcha mar gum biodh, air a' chuan.

An uair sin ìomhaighean eile mar an nathair, a tha a riochdachadh bàs is lot is guin, 's rudan mar sin. Agus tha ìomhaighean aige cuideachd den t-seann dòigh-beatha, tha e math math air an sin. Fhios agad, a' luadh, na caileagan aig a luadh 's a' seinn. Na daoine tighinn air tìr 's a' faighinn aoigheachd anns na dachaighean. Tha e gu math càirdeil an iomadh dòigh anns na h-ìomhaighean a th' aige mar as trice, ach uaireannan mar a thuirt mi, tha na h-ìomhaighean fiadhaich a tha seo aige - rudan a tha toirt clisgeadh ort agus chan eil iad idir cho bòidheach anns na dàin. Tha seo ann an dàn no dhà a rinn e.

Air adhart gu

Bàrdachd

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.