19mh linn / Uilleam MacDhunlèibhe

Blàr Thràigh Ghruinneaird

Dàn 3

Anns an dàn fhada seo (chan eil air an làraich ach bloigh dheth), tha am bàrd a' toirt cunntas air blàr a ghabh àite eadar Clann Illeathain Mhuile agus Clann Dùmhnaill Ìle air Tràigh Ghruinneaird an Ìle agus gu h-àraidh air bàs Ceannard nan Leathanach.


Tha e a' cleachdadh rannan fada, le rithim fuasgailte stèidhte air seann mheadrachd Ghàidhlig, agus seann bhriathrachas gus blas 'epic' a thoirt dhan dàn.


Tha dealbhan soilleir air sabaid agus tomhas de dhràma anns an dàn agus chan eil teagamh nach e seo fear den fheadhainn as fheàrr de na dàin fhada ghaisgeil aig MacDhunlèibhe.


Blàr Thràigh Ghruinneaird

  • Lachlann Mòr
  • "Fhuair iad an-diugh gaoth is grian leo,
  • Dà chothrom do nàimhdean nach iarrainn;
  • Tha tuilleadh a' tighinn na shaoil mi,
  • Fir Arainn na Learga 's na trì Raghnaill
  • Lem muinntir ri tuinn na tràgha,
  • A thachairt oirbhse, a laochaibh Àrois;
  • 'S dian spòltadh a ghleidheas bhur cliù dhuibh;
  • Chan fhacas fhathast am blàr bhur cùlaibh."
  • Ghluais Leathanaich chatharra Mhuile
  • Mar a dh'iarradh aon is uile;
  • Sgaoileadh bratach Dhubhaird le reultan sìoda,
  • 'S le iolach clèibh nan ceudan dìleas
  • A b' urram Rìgh air ceann armailt,
  • Seòid MhicIlleathain fon armaibh.
  • Sgaoileadh bratach ghorm Thòrr Loisgte,
  • Ris nach do thachair riamh na choisg i,
  • Air an làimh dheis len ceann-feadhna,
  • Nach robh san Eòrpa ri fhaotainn
  • Fear a thòimhseadh o chrùn gu bhròig ris;
  • Thuirteadh seo mun tugadh dhòmhs' e.
  • Bha àirde thar feachd na h-Alba,
  • Mar chiad Mhac Mòrachd nan Eabhrach,
  • 'S os cionn na dh'èirich leis on Dreòlainn,
  • Chìte guailnean garbh a chòmhlain
  • Am measg nan ceudan taght' a bha dhiubh,
  • 'S cha do shèid gaoth air fir a b' àille;
  • Cha robh an tìr mòr no 'n eilean Mhuile
  • Fear coimeis do Lachlann Dhubhaird.
  • O Sgrios, nach taisg thu claidheamh bàsmhor
  • Treubh àrdanach bratach an leòmhainn,
  • Mun tig na gallain ud fo fhaobhar,
  • 'S gun cluinnear caointeach nach beò iad,
  • Mun do shèideadh caismeachd a' bhualaidh!
  • Dhlùthaich a-nis an dà fheachd am fraoch catha,
  • Pìobaireachd a' toirt fuaim còmhraig às an talamh,
  • Gach beul tostach mar gun trèigeadh cainnt iad,
  • Gach aon a' feitheamh a nàmhaid a thoirt gun taing dha;
  • Tonnan gun smal na fairge on chuan fharsaing
  • A' taomadh 's a' monmhar aig an casan,
  • 'S mar gum b' ann a' caoidh ri bhith toirt fianais
  • Air gearraidh nan leòn nach lèighseadh,
  • Nuair a thogadh iolach bàis le feachd Sheumais.
  • Fhreagair na Muilich le àrd mhisneach;
  • Cha robh air talamh feachd nach clisgeadh
  • Ri gàir nan Leathanach a' bualadh
  • Ach am bràithrean neartmhor uaibhreach.
  • O Albainn, caoidh do mhic a' tuiteam le neart nan gàirdean
  • A bu treise dh'fhàs san t-saoghal,
  • 'S nach robh rim faotainn ach an talamh nan Gàidheal!
  • Caochain fhola gach taobh a' srùthladh
  • Air feur ùrail a' chòmhnaird uaine.
  • Fuaimneach lannan stioc nach lùbadh
  • A' dol am meud 's am meud
  • Air fad 's air leud lèan' an uabhais;
  • Buaidh air meidh chothromach gun aomadh
  • Ri taobh seach taobh, grèim cruaidh na dòrainn,
  • Gus an do thill na Leathanaich gun taing
  • Làmh chlì Chlann Dhòmhnaill,
  • A' gleac 's am buinn ri tuinn na tràgha,
  • A bha san àit' ud mar bhalla dìon daibh,
  • Tonnan sìorraidh cuan an t-sàile
  • A ghlac laoich neartmhor Mhuile,
  • 'S a dh'aindeoin na b' urrainn a teàrnadh,
  • Chuir iad bratach an fhraoich bhàrr a chèitidh,
  • A' fannachadh, 's an streup a-nis na h-àirde;
  • Fras shradan dearg a' dìreadh mar bheul àmhainn,
  • A' spreadhadh le cuthach lasrach gu h-ìosal thun a bràighe;
  • Sruth nan caoirean loisgeach ud
  • Garg-choimeas nan arm a' bualadh,
  • No mar a thuigear a' ghoil theinnteach a dh'èirich uatha
  • Nuair a bhrosnaich na h-Ìlich ris an nàmhaid
  • A bu treise bhuail san linn ud no bha 'n làthair dhiubh,
  • A-nis air fraoch an dùthchais an eu-dòchas,
  • Cor nach cualas roimhe riamh an sgeul Chlann Dòmhnaill.
  • Thuirt e mun do thuit e gun deò ann,
  • "A chàirdean mo ghaoil, tha mi leònte;
  • Cumaibh a-suas mi fon bhrataich;
  • Ma mhaireas fèith lùith am chasan,
  • Cho fada 's a chithear gur beò mi,
  • Cha trèig an t-eagal MacDhòmhnaill."
  • Ruith sgeul a' bhròin feadh ghaisgich Mhuile;
  • Thog iad an guth 's cha b' ann gu tuireadh,
  • Ach iolach a thug co-fhuaim on talamh –
  • "Dìoladh, dìoladh, ler cruaidh-lannan."

Blàr Thràigh Ghruinneaird

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Tha bhàrdachd a' dèanamh dealbh air blàr mòr ann an eachdraidh Ìle

Blàr Thràigh Ghruinneard. Tha Blàr Thràigh Ghruinneard aig MacDhunlèibhe a' dèanamh dealbh dhuinn air blàr mòr ann an eachdraidh Ìle, 's ann an eachdraidh nan eilein, a thachair ann an 1598, nuair a thàinig Lachlan Mòr MacIlleathain à Dubhairt ann am Muile a-null a thogail a' chath an aghaidh nan Dòmhnallach. Agus bha na Dòmhnallaich aig an àm ud nan sealbhadairean air Ìle. Bha iad aig cridhe chùisean, agus bha Ìle agus na Dòmhnallaich dìreach cho teann 's a ghabhadh. Bha co-bhanntachd anabarrach làidir eadar na Dòmhnallaich agus Eilean Ìle, mar rìghrean nan Eilein, agus mar ghaisgich anns a' cheàrnaich sin den dùthaich.

Nise bha na Leathanaich ann am Muile agus bha iad a' cuir a' chatha nan aghaidh, feuch am faigheadh iad fhèin sealbh air Ìle agus air na h-àiteannan sin. Thàinig Lachlan Mòr a-null a thogail cath an-aghaidh Sheumais Dhòmhnallaich, agus chaidh a mharbhadh aig Gruinneard ann an Ìle - thàinig e air tìr leis na Leathanaich agus chaidh a mharbhadh ann a' sin. Agus thionndaidh an là an-aghaidh nan Leathanach agus chaidh e leis na Dòmhnallaich.

Chan eil mòran againn idir ann an eachdraidh sgrìobhte mu Bhlàr Thràigh Ghruinneard. Mar sin, tha mar gum biodh beàrn ann an eachdraidh. Agus tha MacDhunlèibhe mar gum biodh e a' lìonadh beàrn ann an eachdraidh, eachdraidh a' bhlàr a tha seo, nuair a sheas na Dòmhnallaich gu daingeann an aghaidh nan Leathanach, agus chaidh an là leis na Dòmhnallaich 's an aghaidh nan Leathanach.

Tha e lìonadh beàrn ann an eachdraidh 's tha e toirt dealbh uabhasach brèagha dhuinn ann an dòigh ghaisgeil, air mar a bha an dà fheachd, an dà airm, a' strì an aghaidh a chèile.

Anns an dàn seo, tha thu faireachdainnean gu bheil thu uabhasach faisg air na dàin chlasaigeach, gur e seòrsa de Homer a th' ann a' MacDhunlèibhe. Tha e smaoineachadh air na gaisgeach a bh' ann o shean, 's tha e gan cuir beò fad chomhair.

Agus tha e cho snasail, nam bheachdsa, an dàn a tha seo. Nuair a dheasaich mise e, o chionn dhà no tri bhliadhnachan a-nise, bha mi air mo bheò-ghlacadh leis. Bha uiread de chàineadh aig daoine air MacDhunlèibhe, aig Somhairle MacGhill-Eathain agus Ruaraidh MacThòmais, ag ràdh nach robh na dàin fhada bha sin math idir. Agus nuair a thòisich mise air an dàn a bha seo a sgrùdadh, bha mi air mo bheò-ghlacadh leis. Shaoil mi gu robh e dìreach mìorbhaileach. Cha b' urrainn dhomh sguir gus an robh mi air a thuigsinn air fad, gus an robh e air eadar-theangachadh agam ann an dòigh a bha snasail don Bheurla, gus an tuigeadh luchd na Beurla cho brèagha 's a bha seo.

Agus saoilidh mi gur e seo an rud a dh'fheumas sinn a bhith beachdachadh air a thaobh Uilleam MhicDhunlèibhe - cho math 's a tha e air na rudan a thachair o shean a chur far comhair. Agus gu sònraichte, agus seo a' phuing mhòr ann am Blàr Thràigh Ghruinneard, cho gaisgeil 's a bha na gaisgich. Cha b' e daoine bog a bh' annta idir, ach daoine mòra, mòra. Tha na Leathanaich agus Clann Dòmhnaill cha mhòr dìreach co-ionann ri chèile a thaobh neart. Agus mur a b' e gun deachaidh Lachlan Mòr a mharbhadh ri saighead a thàinig air bho fhear beag à Diùra, saighead phuinnseanta a bhuail anns an Leathanach, cha mhòr nach robh na Leathanaich air buannachd air na Dòmhnallaich. Tha an cath cho teann sin, agus 's e aon rud beag a tha ag atharrachadh chùisean. Bha iad le chèile cho gaisgeil.

Agus a' mheatarachd a th' aige ann a' sin, tha i gu math sgaoilte uaireannan, ach chan e rannan àbhaisteach a th' aige. Tha an uaim 's an fhaicear, tha iad a' ruith mar gum biodh seòrsa de dhàin Bheurla. Tha cruth ùr air an dàn a tha seo, seach na dàin a bhiodh agad anns a' Ghàidhlig aig an aon àm. Mar sin, Blàr Thràigh Ghruinneard, o 's fìor thoigh leam an dàn sin. Tha e math, math agus tha e a' crìochnachadh ann an dòigh a tha cho snasail, saoilidh mise. 'S tha mise tur eadar-dhealaichte nam bheachd air a' seo seach na daoine eile a bha sgrìobhadh mu MhacDhunlèibhe. Saoilidh mise gu bheil e crìochnachadh ann an dòigh a tha eireachdail, le pìobaireachd a tha a' comharrachadh bàs - bàs a' Leathanaich. Agus dìreach cho truagh 's a bha seo gun deachaidh Lachlan Mòr a mharbhadh aig Gruinneard.

Tha an dàn seo cho cothromach 's a dh'fhaodas MacDhunlèibhe a bhith, agus e fhèin cho faisg air Ìle 's air na Dòmhnallaich, 's cho mòr asta. Cho gaisgeil 's a tha na gaisgich, sin agad an teachdaireachd, agus saoilidh mi cuideachd gu bheil rud eile dol a' seo. Aig an àm sin bha saighdearan Gàidhealach a' sabaid anns a' Chrimea, agus bha Ìleach mòr air an ceann, Cailean Caimbeul. Agus tha moit, moit ann an cridhe Uilleam MhicDhunlèibhe gun robh an gaisgeach a tha seo, Cailean Caimbeul, air nochdadh 's gun robh a' dèanamh èigheachdan às leth iompaireachd Bhreatainn anns a' Chrimea. 'S tha mi smaoineachadh gu bheil seo air cùl chùisean cuideachd, gum faodadh eachdraidh an ama a leughadh ann am Blàr Thràigh Ghruinneard. Tha na strìthean mòra a tha seo a' tighinn uair is uair ann an eachdraidh an t-saoghail, agus ann am bàrdachd MhicDhunlèibhe.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Uilleam MacDhunlèibhe

Air adhart gu

Beachdan

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.