19mh linn / Uilleam MacDhunlèibhe

Bàrdachd - Èirinn a' Gul

Dàn 2

Tha am bàrd an seo a' ruith air seann eachdraidh ghaisgeil Èirinn (agus a dàimh ri Ìle) agus a' caoidh a staid a-nise – "Gort is brùn is ana-cheart".


Tha e a' cleachdadh seann ghnè rannaigheachd agus seann Ghàidhlig gus blas cumha traidiseanta a thoirt dhan bhàrdachd.


Tha an dùigh a tha e a' cumail smachd teann air an ealain - agus air fhaireachdainn fhèin - a' fàgail gur e dàin gu math làidir a tha an seo.


Èirinn a' Gul

  • Nuair a shèideadh gaoth chiùin on iar-dheas,
  • 'S an iarmailt gun cheathach, gun neul,
  • Bhiodh na Gàidheil san Roinn Ìlich
  • Ag innse da chèile do sgèimh:
  • Am madainn neoichiontachd na h-òige
  • Fhuair mi sgeòil nan linn a dh'fhalbh
  • Aig cagailtean Ìle Chlann Dòmhnaill
  • Mun d' fhògradh na Gàidheil on sealbh
  • Shaoileadh na macain gum b' fhìor
  • Na dh'innseadh dhaibh o bheul nan sean,
  • 'S gu robh thus' a-ghnàth mar chualas,
  • Luathghaireach, sona mar sin.
  • Tha mi 'n-diugh mar a b' àbhaist
  • A' faicinn d' fhàire thar an lear
  • O chladach tonnach deas-thìr Ìle,
  • 'S is dubhach ri innse do chor.
  • Do thallachan nan caoirean dearg
  • 'S gun tèarmann dhut o fhearg do nàmh;
  • Do chloinn gu iomall gach tìr,
  • Sgarte gun dìon, gun tàmh.
  • Càit a bheil gaisge nan trì Aodh,
  • Ò Donaill laochail 's Ò Nèill,
  • 'S Mac Guidhir gun athadh ri nàmh,
  • A sheas gu bàs mun do ghèill?
  • Aig beul Ath Buidhe na cruaidh spàirn,
  • Sgath sibh feòil is cnàmhan Ghall;
  • Le deannal nam faobhar nochd,
  • Thug sibh buaidh air lochd mar gheall.
  • Càit a bheil sliochd nan treun
  • Aig Dùn a' Bhèire nach d' eur gleac,
  • Nuair a dh'aom iad mar thuil nan sliabh
  • Fo bhilibh nan sgiath breac?

Èirinn a' Gul

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Tha bhàrdachd a' dèanamh dealbh air blàr mòr ann an eachdraidh Ìle

Blàr Thràigh Ghruinneard. Tha Blàr Thràigh Ghruinneard aig MacDhunlèibhe a' dèanamh dealbh dhuinn air blàr mòr ann an eachdraidh Ìle, 's ann an eachdraidh nan eilein, a thachair ann an 1598, nuair a thàinig Lachlan Mòr MacIlleathain à Dubhairt ann am Muile a-null a thogail a' chath an aghaidh nan Dòmhnallach. Agus bha na Dòmhnallaich aig an àm ud nan sealbhadairean air Ìle. Bha iad aig cridhe chùisean, agus bha Ìle agus na Dòmhnallaich dìreach cho teann 's a ghabhadh. Bha co-bhanntachd anabarrach làidir eadar na Dòmhnallaich agus Eilean Ìle, mar rìghrean nan Eilein, agus mar ghaisgich anns a' cheàrnaich sin den dùthaich.

Nise bha na Leathanaich ann am Muile agus bha iad a' cuir a' chatha nan aghaidh, feuch am faigheadh iad fhèin sealbh air Ìle agus air na h-àiteannan sin. Thàinig Lachlan Mòr a-null a thogail cath an-aghaidh Sheumais Dhòmhnallaich, agus chaidh a mharbhadh aig Gruinneard ann an Ìle - thàinig e air tìr leis na Leathanaich agus chaidh a mharbhadh ann a' sin. Agus thionndaidh an là an-aghaidh nan Leathanach agus chaidh e leis na Dòmhnallaich.

Chan eil mòran againn idir ann an eachdraidh sgrìobhte mu Bhlàr Thràigh Ghruinneard. Mar sin, tha mar gum biodh beàrn ann an eachdraidh. Agus tha MacDhunlèibhe mar gum biodh e a' lìonadh beàrn ann an eachdraidh, eachdraidh a' bhlàr a tha seo, nuair a sheas na Dòmhnallaich gu daingeann an aghaidh nan Leathanach, agus chaidh an là leis na Dòmhnallaich 's an aghaidh nan Leathanach.

Tha e lìonadh beàrn ann an eachdraidh 's tha e toirt dealbh uabhasach brèagha dhuinn ann an dòigh ghaisgeil, air mar a bha an dà fheachd, an dà airm, a' strì an aghaidh a chèile.

Anns an dàn seo, tha thu faireachdainnean gu bheil thu uabhasach faisg air na dàin chlasaigeach, gur e seòrsa de Homer a th' ann a' MacDhunlèibhe. Tha e smaoineachadh air na gaisgeach a bh' ann o shean, 's tha e gan cuir beò fad chomhair.

Agus tha e cho snasail, nam bheachdsa, an dàn a tha seo. Nuair a dheasaich mise e, o chionn dhà no tri bhliadhnachan a-nise, bha mi air mo bheò-ghlacadh leis. Bha uiread de chàineadh aig daoine air MacDhunlèibhe, aig Somhairle MacGhill-Eathain agus Ruaraidh MacThòmais, ag ràdh nach robh na dàin fhada bha sin math idir. Agus nuair a thòisich mise air an dàn a bha seo a sgrùdadh, bha mi air mo bheò-ghlacadh leis. Shaoil mi gu robh e dìreach mìorbhaileach. Cha b' urrainn dhomh sguir gus an robh mi air a thuigsinn air fad, gus an robh e air eadar-theangachadh agam ann an dòigh a bha snasail don Bheurla, gus an tuigeadh luchd na Beurla cho brèagha 's a bha seo.

Agus saoilidh mi gur e seo an rud a dh'fheumas sinn a bhith beachdachadh air a thaobh Uilleam MhicDhunlèibhe - cho math 's a tha e air na rudan a thachair o shean a chur far comhair. Agus gu sònraichte, agus seo a' phuing mhòr ann am Blàr Thràigh Ghruinneard, cho gaisgeil 's a bha na gaisgich. Cha b' e daoine bog a bh' annta idir, ach daoine mòra, mòra. Tha na Leathanaich agus Clann Dòmhnaill cha mhòr dìreach co-ionann ri chèile a thaobh neart. Agus mur a b' e gun deachaidh Lachlan Mòr a mharbhadh ri saighead a thàinig air bho fhear beag à Diùra, saighead phuinnseanta a bhuail anns an Leathanach, cha mhòr nach robh na Leathanaich air buannachd air na Dòmhnallaich. Tha an cath cho teann sin, agus 's e aon rud beag a tha ag atharrachadh chùisean. Bha iad le chèile cho gaisgeil.

Agus a' mheatarachd a th' aige ann a' sin, tha i gu math sgaoilte uaireannan, ach chan e rannan àbhaisteach a th' aige. Tha an uaim 's an fhaicear, tha iad a' ruith mar gum biodh seòrsa de dhàin Bheurla. Tha cruth ùr air an dàn a tha seo, seach na dàin a bhiodh agad anns a' Ghàidhlig aig an aon àm. Mar sin, Blàr Thràigh Ghruinneard, o 's fìor thoigh leam an dàn sin. Tha e math, math agus tha e a' crìochnachadh ann an dòigh a tha cho snasail, saoilidh mise. 'S tha mise tur eadar-dhealaichte nam bheachd air a' seo seach na daoine eile a bha sgrìobhadh mu MhacDhunlèibhe. Saoilidh mise gu bheil e crìochnachadh ann an dòigh a tha eireachdail, le pìobaireachd a tha a' comharrachadh bàs - bàs a' Leathanaich. Agus dìreach cho truagh 's a bha seo gun deachaidh Lachlan Mòr a mharbhadh aig Gruinneard.

Tha an dàn seo cho cothromach 's a dh'fhaodas MacDhunlèibhe a bhith, agus e fhèin cho faisg air Ìle 's air na Dòmhnallaich, 's cho mòr asta. Cho gaisgeil 's a tha na gaisgich, sin agad an teachdaireachd, agus saoilidh mi cuideachd gu bheil rud eile dol a' seo. Aig an àm sin bha saighdearan Gàidhealach a' sabaid anns a' Chrimea, agus bha Ìleach mòr air an ceann, Cailean Caimbeul. Agus tha moit, moit ann an cridhe Uilleam MhicDhunlèibhe gun robh an gaisgeach a tha seo, Cailean Caimbeul, air nochdadh 's gun robh a' dèanamh èigheachdan às leth iompaireachd Bhreatainn anns a' Chrimea. 'S tha mi smaoineachadh gu bheil seo air cùl chùisean cuideachd, gum faodadh eachdraidh an ama a leughadh ann am Blàr Thràigh Ghruinneard. Tha na strìthean mòra a tha seo a' tighinn uair is uair ann an eachdraidh an t-saoghail, agus ann am bàrdachd MhicDhunlèibhe.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Uilleam MacDhunlèibhe

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.