19mh linn / Uilleam MacDhunlèibhe

Bàrdachd - Fios Chun a' Bhàird

Tha a' chiad leth den dàn a' toirt dhuinn dealbh ealanta de Ìle air madainn bhrèagha samhraidh ach an uair sin, gu h-obann, tha an loidhne "Ach tha Ìle 'n-diugh gun daoine" a' briseadh a-steach air an dealbh. O sin a-mach tha am bàrd ag innse mar a chaidh an t-eilean fhàsachadh, a' toirt seo gu ceann le ìomhaigh de nathair air làr taigh falamh.


Tha an loidhne "Thoir an fhios seo chun a' Bhàird" a' tighinn aig deireadh gach rann mar shèist thiamhaidh agus a' ceangal an dà phàirt den dàn ri chèile.


Tha am bàrd a' cumail smachd teann air cruth an dàin, ga chur fhèin an cèill ann an dòigh a tha siùbhlach gun a bhith sgaoilte agus tha e, gu h-àraidh, a' cumail smachd air fhearg mun t-suidheachadh, a tha a' tighinn troimhe nas làidire air sgàth sin.


Tha an dòigh sa bheil e gar tàladh le dealbh toilichte agus an uair sin a' gluasad gu h-obann gu staid thruagh an eilein a-nise a' toirt dhan leughadair tuigsinn nas fheàrr air mar a thachair. Cliog air a' chomharra iomchaidh airson notaichean air an eilean mar a bha e (an-dè) agus mar a tha e a-nise (an-diugh).


Lean na comharran airson a' bhàrdachd a mhìneachadh. Nuair a nì thu sin, theirig air ais agus leugh a' bhàrdachd air fad a-rithist.


Fios Chun a' Bhàird

  • Tha a' mhadainn soilleir grianach,
  • 'S a' ghaoth 'n iar a ruith gu rèidh;
  • Tha an linne sleamhainn sìochail
  • On a chiùinich strì nan speur;
  • Tha an long na h-èideadh sgiamhach,
  • 'S cha chuir sgìths i dh'iarraidh tàmh;
  • Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
  • A' toirt an fhios seo chun a' Bhàird.
  • Seo crùnadh mais' a' mhìos
  • San tèid don dìthreabh treudan bhò,
  • Do ghlinn nan lagan uaigneach
  • Anns nach cuir 's nach buainear pòr;
  • Leab-innse buar nan geum –
  • Cha robh mo roinn diubh 'n-dè le càch;
  • Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
  • Thoir am fios seo chun a' Bhàird.
  • Tha mìltean sprèidh air faichean
  • 'S caoraich gheal' air creachainn fhraoich,
  • 'S na fèidh air stùcan fàsail,
  • Far nach truaillear làr na gaoith;
  • An sìolach fiadhaich neartmhor
  • Fliuch le dealt na h-oiteig thlàith;
  • Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
  • Thoir am fios seo chun a' Bhàird.
  • Tha an còmhnard 's coirean garbhlaich,
  • Còrs' na fairg' 's gach gràinseach rèidh,
  • Le buaidhean blàths na h-iarmailt
  • Mar a dh'iarramaid gu lèir;
  • Tha 'n t-seamair fhiadhain 's neòinean
  • Air na lòintean feòir fo bhlàth;
  • Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
  • Thoir am fios seo chun a' Bhàird.
  • Na caochain fhìor-uisg' luath
  • A' tighinn a-nuas o chùl nam màm
  • Bho lochain ghlan' gun ruadhan
  • Air na cruachan fad' on tràigh;
  • Far an òl am fiadh a phailteas,
  • 'S bòidheach ealtan lach gan snàmh;
  • Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
  • Thoir am fios seo chun a' Bhàird.
  • Tha bogha mòr an t-sàile
  • Mar a bha le reachd bith bhuan,
  • A' mòrachd maise nàdair
  • 'S a cheann-àrd ri tuinn a' chuain –
  • A riomball geal seachd mìle,
  • Gainmhean sìobt' o bheul an làin;
  • Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
  • Thoir am fios seo chun a' Bhàird.
  • Na dùilean, stèidh na cruitheachd,
  • Blàths is sruthan 's anail neul,
  • Ag altram lusan ùrail
  • Air an laigh an driùchd gu seimh
  • Nuair a thuiteas sgàil na h-oidhche,
  • Mar gum b' ann a' caoidh na bha;
  • Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
  • Thoir am fios seo chun a' Bhàird.
  • Ged a roinneas gathan grèine
  • Tlus nan speur ri blàth nan lòn,
  • 'S ged a chithear sprèidh air àirigh
  • Is buailtean làn de dh'àlach bhò,
  • Tha Ìle an diugh gun daoine;
  • Chuir a' chaor' a bailtean fas;
  • Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
  • Thoir am fios seo chun a' Bhàird.
  • Ged thig ànrach aineoil
  • Gus a' chaladh 's e sa cheò,
  • Chan fhaic e soills' on chagailt
  • Air a' chladach seo nas mò;
  • Chuir gamhlas Ghall air fuadach
  • Na tha bhuainn 's nach till gu bràth;
  • Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
  • Thoir am fios seo chun a' Bhàird.
  • Ged a thogar feachd na h-Alb'
  • As cliùiteach ainm air faich' an àir,
  • Bithidh bratach fhraoich nan Ìleach
  • Gun dol sìos ga dìon le càch;
  • Sgap mìorun iad thar fairge,
  • 'S gun ach ainmhidhean balbh nan àit';
  • Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
  • Thoir am fios seo chun a' Bhàird.
  • Tha taighean seilbh na dh'fhàg sinn
  • Feadh an fhuinn nan càrnan fuar;
  • Dh'fhalbh 's cha till na Gàidheil;
  • Stad an t-àiteach, cur is buain;
  • Tha stèidh nan làrach tiamhaidh
  • A' toirt fianais air 's ag ràdh,
  • "Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
  • Leig am fios seo chun a' Bhàird."
  • Cha chluinnear luinneag òighean,
  • Sèist nan òran air a' chlèith,
  • 'S chan fhaicear seòid mar b' àbhaist
  • A' cur bàir air faiche rèidh;
  • Thug ainneart fògraidh uainn iad;
  • 'S leis na coimhich buaidh mar 's àill;
  • Leis na fhuair 's a chunnaic mise,
  • Bhiodh am fios seo aig a' Bhàird.
  • Chan fhaigh an dèirceach fasgadh
  • No 'm fear-astair fois o sgìths,
  • No soisgeulach luchd-èisteachd;
  • Bhuadhaich eucoir, Goill is cìs;
  • Tha an nathair bhreac na lùban
  • Air na h-ùrlair far an d' fhàs
  • Na fir mhòr' a chunnaic mise;
  • Thoir am fios seo chun a' Bhàird.
  • Lomadh ceàrn na h-Ò,
  • An Lanndaidh bhòidheach 's Roinn MhicAoidh,
  • Tha 'n Learga ghlacach ghrianach
  • 'S fuidheall cianail air a taobh;
  • Tha an Gleann na fhiadhair uaine
  • Aig luchd-fuath gun tuath, gun bhàrr;
  • Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
  • Leig am fios seo chun a' Bhàird.

Fios Chun a' Bhàird

Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd


Teacsa

Tha bhàrdachd a' dèanamh dealbh air blàr mòr ann an eachdraidh Ìle

Blàr Thràigh Ghruinneard. Tha Blàr Thràigh Ghruinneard aig MacDhunlèibhe a' dèanamh dealbh dhuinn air blàr mòr ann an eachdraidh Ìle, 's ann an eachdraidh nan eilein, a thachair ann an 1598, nuair a thàinig Lachlan Mòr MacIlleathain à Dubhairt ann am Muile a-null a thogail a' chath an aghaidh nan Dòmhnallach. Agus bha na Dòmhnallaich aig an àm ud nan sealbhadairean air Ìle. Bha iad aig cridhe chùisean, agus bha Ìle agus na Dòmhnallaich dìreach cho teann 's a ghabhadh. Bha co-bhanntachd anabarrach làidir eadar na Dòmhnallaich agus Eilean Ìle, mar rìghrean nan Eilein, agus mar ghaisgich anns a' cheàrnaich sin den dùthaich.

Nise bha na Leathanaich ann am Muile agus bha iad a' cuir a' chatha nan aghaidh, feuch am faigheadh iad fhèin sealbh air Ìle agus air na h-àiteannan sin. Thàinig Lachlan Mòr a-null a thogail cath an-aghaidh Sheumais Dhòmhnallaich, agus chaidh a mharbhadh aig Gruinneard ann an Ìle - thàinig e air tìr leis na Leathanaich agus chaidh a mharbhadh ann a' sin. Agus thionndaidh an là an-aghaidh nan Leathanach agus chaidh e leis na Dòmhnallaich.

Chan eil mòran againn idir ann an eachdraidh sgrìobhte mu Bhlàr Thràigh Ghruinneard. Mar sin, tha mar gum biodh beàrn ann an eachdraidh. Agus tha MacDhunlèibhe mar gum biodh e a' lìonadh beàrn ann an eachdraidh, eachdraidh a' bhlàr a tha seo, nuair a sheas na Dòmhnallaich gu daingeann an aghaidh nan Leathanach, agus chaidh an là leis na Dòmhnallaich 's an aghaidh nan Leathanach.

Tha e lìonadh beàrn ann an eachdraidh 's tha e toirt dealbh uabhasach brèagha dhuinn ann an dòigh ghaisgeil, air mar a bha an dà fheachd, an dà airm, a' strì an aghaidh a chèile.

Anns an dàn seo, tha thu faireachdainnean gu bheil thu uabhasach faisg air na dàin chlasaigeach, gur e seòrsa de Homer a th' ann a' MacDhunlèibhe. Tha e smaoineachadh air na gaisgeach a bh' ann o shean, 's tha e gan cuir beò fad chomhair.

Agus tha e cho snasail, nam bheachdsa, an dàn a tha seo. Nuair a dheasaich mise e, o chionn dhà no tri bhliadhnachan a-nise, bha mi air mo bheò-ghlacadh leis. Bha uiread de chàineadh aig daoine air MacDhunlèibhe, aig Somhairle MacGhill-Eathain agus Ruaraidh MacThòmais, ag ràdh nach robh na dàin fhada bha sin math idir. Agus nuair a thòisich mise air an dàn a bha seo a sgrùdadh, bha mi air mo bheò-ghlacadh leis. Shaoil mi gu robh e dìreach mìorbhaileach. Cha b' urrainn dhomh sguir gus an robh mi air a thuigsinn air fad, gus an robh e air eadar-theangachadh agam ann an dòigh a bha snasail don Bheurla, gus an tuigeadh luchd na Beurla cho brèagha 's a bha seo.

Agus saoilidh mi gur e seo an rud a dh'fheumas sinn a bhith beachdachadh air a thaobh Uilleam MhicDhunlèibhe - cho math 's a tha e air na rudan a thachair o shean a chur far comhair. Agus gu sònraichte, agus seo a' phuing mhòr ann am Blàr Thràigh Ghruinneard, cho gaisgeil 's a bha na gaisgich. Cha b' e daoine bog a bh' annta idir, ach daoine mòra, mòra. Tha na Leathanaich agus Clann Dòmhnaill cha mhòr dìreach co-ionann ri chèile a thaobh neart. Agus mur a b' e gun deachaidh Lachlan Mòr a mharbhadh ri saighead a thàinig air bho fhear beag à Diùra, saighead phuinnseanta a bhuail anns an Leathanach, cha mhòr nach robh na Leathanaich air buannachd air na Dòmhnallaich. Tha an cath cho teann sin, agus 's e aon rud beag a tha ag atharrachadh chùisean. Bha iad le chèile cho gaisgeil.

Agus a' mheatarachd a th' aige ann a' sin, tha i gu math sgaoilte uaireannan, ach chan e rannan àbhaisteach a th' aige. Tha an uaim 's an fhaicear, tha iad a' ruith mar gum biodh seòrsa de dhàin Bheurla. Tha cruth ùr air an dàn a tha seo, seach na dàin a bhiodh agad anns a' Ghàidhlig aig an aon àm. Mar sin, Blàr Thràigh Ghruinneard, o 's fìor thoigh leam an dàn sin. Tha e math, math agus tha e a' crìochnachadh ann an dòigh a tha cho snasail, saoilidh mise. 'S tha mise tur eadar-dhealaichte nam bheachd air a' seo seach na daoine eile a bha sgrìobhadh mu MhacDhunlèibhe. Saoilidh mise gu bheil e crìochnachadh ann an dòigh a tha eireachdail, le pìobaireachd a tha a' comharrachadh bàs - bàs a' Leathanaich. Agus dìreach cho truagh 's a bha seo gun deachaidh Lachlan Mòr a mharbhadh aig Gruinneard.

Tha an dàn seo cho cothromach 's a dh'fhaodas MacDhunlèibhe a bhith, agus e fhèin cho faisg air Ìle 's air na Dòmhnallaich, 's cho mòr asta. Cho gaisgeil 's a tha na gaisgich, sin agad an teachdaireachd, agus saoilidh mi cuideachd gu bheil rud eile dol a' seo. Aig an àm sin bha saighdearan Gàidhealach a' sabaid anns a' Chrimea, agus bha Ìleach mòr air an ceann, Cailean Caimbeul. Agus tha moit, moit ann an cridhe Uilleam MhicDhunlèibhe gun robh an gaisgeach a tha seo, Cailean Caimbeul, air nochdadh 's gun robh a' dèanamh èigheachdan às leth iompaireachd Bhreatainn anns a' Chrimea. 'S tha mi smaoineachadh gu bheil seo air cùl chùisean cuideachd, gum faodadh eachdraidh an ama a leughadh ann am Blàr Thràigh Ghruinneard. Tha na strìthean mòra a tha seo a' tighinn uair is uair ann an eachdraidh an t-saoghail, agus ann am bàrdachd MhicDhunlèibhe.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Uilleam MacDhunlèibhe

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.