19mh linn / Uilleam MacDhunlèibhe

Bàrdachd - Fios Chun a' Bhàird

Tha a' chiad leth den dàn a' toirt dhuinn dealbh ealanta de Ìle air madainn bhrèagha samhraidh ach an uair sin, gu h-obann, tha an loidhne "Ach tha Ìle 'n-diugh gun daoine" a' briseadh a-steach air an dealbh. O sin a-mach tha am bàrd ag innse mar a chaidh an t-eilean fhàsachadh, a' toirt seo gu ceann le ìomhaigh de nathair air làr taigh falamh.


Tha an loidhne "Thoir an fhios seo chun a' Bhàird" a' tighinn aig deireadh gach rann mar shèist thiamhaidh agus a' ceangal an dà phàirt den dàn ri chèile.


Tha am bàrd a' cumail smachd teann air cruth an dàin, ga chur fhèin an cèill ann an dòigh a tha siùbhlach gun a bhith sgaoilte agus tha e, gu h-àraidh, a' cumail smachd air fhearg mun t-suidheachadh, a tha a' tighinn troimhe nas làidire air sgàth sin.


Tha an dòigh sa bheil e gar tàladh le dealbh toilichte agus an uair sin a' gluasad gu h-obann gu staid thruagh an eilein a-nise a' toirt dhan leughadair tuigsinn nas fheàrr air mar a thachair. Cliog air a' chomharra iomchaidh airson notaichean air an eilean mar a bha e (an-dè) agus mar a tha e a-nise (an-diugh).


Lean na comharran airson a' bhàrdachd a mhìneachadh. Nuair a nì thu sin, theirig air ais agus leugh a' bhàrdachd air fad a-rithist.


Fios Chun a' Bhàird

  • Tha a' mhadainn soilleir grianach,
  • 'S a' ghaoth 'n iar a ruith gu rèidh;
  • Tha an linne sleamhainn sìochail
  • On a chiùinich strì nan speur;
  • Tha an long na h-èideadh sgiamhach,
  • 'S cha chuir sgìths i dh'iarraidh tàmh;
  • Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
  • A' toirt an fhios seo chun a' Bhàird.
  • Seo crùnadh mais' a' mhìos
  • San tèid don dìthreabh treudan bhò,
  • Do ghlinn nan lagan uaigneach
  • Anns nach cuir 's nach buainear pòr;
  • Leab-innse buar nan geum –
  • Cha robh mo roinn diubh 'n-dè le càch;
  • Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
  • Thoir am fios seo chun a' Bhàird.
  • Tha mìltean sprèidh air faichean
  • 'S caoraich gheal' air creachainn fhraoich,
  • 'S na fèidh air stùcan fàsail,
  • Far nach truaillear làr na gaoith;
  • An sìolach fiadhaich neartmhor
  • Fliuch le dealt na h-oiteig thlàith;
  • Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
  • Thoir am fios seo chun a' Bhàird.
  • Tha an còmhnard 's coirean garbhlaich,
  • Còrs' na fairg' 's gach gràinseach rèidh,
  • Le buaidhean blàths na h-iarmailt
  • Mar a dh'iarramaid gu lèir;
  • Tha 'n t-seamair fhiadhain 's neòinean
  • Air na lòintean feòir fo bhlàth;
  • Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
  • Thoir am fios seo chun a' Bhàird.
  • Na caochain fhìor-uisg' luath
  • A' tighinn a-nuas o chùl nam màm
  • Bho lochain ghlan' gun ruadhan
  • Air na cruachan fad' on tràigh;
  • Far an òl am fiadh a phailteas,
  • 'S bòidheach ealtan lach gan snàmh;
  • Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
  • Thoir am fios seo chun a' Bhàird.
  • Tha bogha mòr an t-sàile
  • Mar a bha le reachd bith bhuan,
  • A' mòrachd maise nàdair
  • 'S a cheann-àrd ri tuinn a' chuain –
  • A riomball geal seachd mìle,
  • Gainmhean sìobt' o bheul an làin;
  • Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
  • Thoir am fios seo chun a' Bhàird.
  • Na dùilean, stèidh na cruitheachd,
  • Blàths is sruthan 's anail neul,
  • Ag altram lusan ùrail
  • Air an laigh an driùchd gu seimh
  • Nuair a thuiteas sgàil na h-oidhche,
  • Mar gum b' ann a' caoidh na bha;
  • Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
  • Thoir am fios seo chun a' Bhàird.
  • Ged a roinneas gathan grèine
  • Tlus nan speur ri blàth nan lòn,
  • 'S ged a chithear sprèidh air àirigh
  • Is buailtean làn de dh'àlach bhò,
  • Tha Ìle an diugh gun daoine;
  • Chuir a' chaor' a bailtean fas;
  • Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
  • Thoir am fios seo chun a' Bhàird.
  • Ged thig ànrach aineoil
  • Gus a' chaladh 's e sa cheò,
  • Chan fhaic e soills' on chagailt
  • Air a' chladach seo nas mò;
  • Chuir gamhlas Ghall air fuadach
  • Na tha bhuainn 's nach till gu bràth;
  • Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
  • Thoir am fios seo chun a' Bhàird.
  • Ged a thogar feachd na h-Alb'
  • As cliùiteach ainm air faich' an àir,
  • Bithidh bratach fhraoich nan Ìleach
  • Gun dol sìos ga dìon le càch;
  • Sgap mìorun iad thar fairge,
  • 'S gun ach ainmhidhean balbh nan àit';
  • Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
  • Thoir am fios seo chun a' Bhàird.
  • Tha taighean seilbh na dh'fhàg sinn
  • Feadh an fhuinn nan càrnan fuar;
  • Dh'fhalbh 's cha till na Gàidheil;
  • Stad an t-àiteach, cur is buain;
  • Tha stèidh nan làrach tiamhaidh
  • A' toirt fianais air 's ag ràdh,
  • "Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
  • Leig am fios seo chun a' Bhàird."
  • Cha chluinnear luinneag òighean,
  • Sèist nan òran air a' chlèith,
  • 'S chan fhaicear seòid mar b' àbhaist
  • A' cur bàir air faiche rèidh;
  • Thug ainneart fògraidh uainn iad;
  • 'S leis na coimhich buaidh mar 's àill;
  • Leis na fhuair 's a chunnaic mise,
  • Bhiodh am fios seo aig a' Bhàird.
  • Chan fhaigh an dèirceach fasgadh
  • No 'm fear-astair fois o sgìths,
  • No soisgeulach luchd-èisteachd;
  • Bhuadhaich eucoir, Goill is cìs;
  • Tha an nathair bhreac na lùban
  • Air na h-ùrlair far an d' fhàs
  • Na fir mhòr' a chunnaic mise;
  • Thoir am fios seo chun a' Bhàird.
  • Lomadh ceàrn na h-Ò,
  • An Lanndaidh bhòidheach 's Roinn MhicAoidh,
  • Tha 'n Learga ghlacach ghrianach
  • 'S fuidheall cianail air a taobh;
  • Tha an Gleann na fhiadhair uaine
  • Aig luchd-fuath gun tuath, gun bhàrr;
  • Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
  • Leig am fios seo chun a' Bhàird.

Fios Chun a' Bhàird

Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd


Teacsa

A' beachdachadh air na h-ìomhaighean a tha sa bhàrdachd

Tha na h-ìomhaighean a th' aig Uilleam MacDhunlèibhe ann an Fios Chun a' Bhàird mar as trice ag èirigh às an dùthaich fhèin, às an eilein, agus chì thu na rudan a tha tachairt ann an Ìle, no a bha a' tachairt ann an Ìle anns na dealbhan a tha e cruthachadh.

Tha Fios Chun a' Bhàird a' tòiseachadh le dealbh uabhasach brèagha de bhàta, de bhàta siùil a' tighinn a-steach do Loch Indaal ann an Ìle. Cuimhnich gun do thogadh Uilleam MacDhunlèibhe ann am baile fearainn ris an abradh iad an Gart Meadhain ann an Ìle, 's tha sin gu math faisg air a' Bhogha Mhòir, agus chitheadh esan na bhalach na bàtaichean a bha tighinn a-steach don bhàgh a ghabhail fasgaidh, no a bhiodh a' tadhal sa phort a bha sin, 's dìreach an uair sin a' falbh a-rithist. Agus sin an dealbh a th' aige. Ach am bàta tha seo tha i tighinn 's chan eil i sguir.. "cha chuir sgìos i dh'iarraidh tàmh."

An uair sin tha e gluasad gu na beathaichean 's gu na creutairean a tha ann an siud ann an Ìle. Agus 's e eilean air leth torrach a th' ann an Ìle, eilean brèagha airson obair fearainn agus a bhith togail bheathaichean 's a bhith ag ionaltradh, eilean àlainn, agus tha na beathaichean ann an sin. Agus chì thu iad mar gum biodh tu a faicinn, mar gum biodh tu a' sealltainn air dealbh le Horatio McCulloch.

Uaireannan nuair a bhios mise a' leughadh na bàrdachd aig Uilleam MacDhunlèibhe, bidh mi smaoineachadh air luchd-dealbh na 19mh linn, na peantairean ainmeil mar Horatio McCulloch, agus gu ìre Landseer a bha toirt dhealbhan àlainn dhut air na.. air a' chrodh Ghàidhealach, no air an fhiadh. Agus, Landseer gu sònraichte a' toirt dealbh air leth snasail dhut, Rìgh a' Ghlinne, Monarch of the Glen. Tha tomhas den uaisleachd a tha sin anns na dealbhan a tha MacDhunlèibhe a' dèanamh de na beathaichean ann an Ìle, 's iad cho mòr 's cho reamhar air na pàircean.

Tha e gluasad cuideachd gu na taighean a th' aig daoine, na seallaidhean a th' aige fhèin anns an latha a th' ann, far a bheil e faicinn nan clach air feadh an eilein, agus tha e faicinn na làraichean, 's nan tobhtachan far an robh na daoine a' fuireach. Agus tha iad an-diugh "Feadh an fhuinn nan càrnan fuar". "...taighean seilbh na dh'fhàg sinn, Feadh an fhuinn nan càrnan fuar". Agus tha mar gum biodh iad tur eadar-dhealaichte bho na dealbhan brèagha tha e dèanamh air toiseach an dàin.

Nis, na dealbhan de na taighean a tha sin, b' àbhaist dhaibh.. b' àbhaist do na taighean a bhith blàth, bhiodh na coigrich a tighinn, far am faigheadh coigreach fasgach is àrach bochd a lòn. B' àbhaist sin tachairt. Bhiodh daoine coibhneil anns na taighean. Ach a-nise tha iad fuar, agus tha na dealbhan ag obair mar sin – rudan a b' àbhaist a bhith ann, rudan a tha.. a ghlacas an t-sùil. Chì thu am bàta, chì thu na beathaichean, 's tha iad cho maiseach, ach ma sheallas tu an rathad eile, chì thu na clachan a tha seo, agus chì thu far an robh na taighean aig aon àm, 's ma sheallas tu air an ùrlar, chì thu nathair, an nathair "na lùban air na h-ùrlar far an d'fhàs na fir mhòr a chunnaic mise; thoir am fios seo chun a' Bhàird."

'S tha sin cho tur eadar-dhealaichte seach na h-ìomhaighean brèagha a th' aige aig toiseach gnothaich, na dealbhan. Agus aig meadhan, aig meadhan an dàin, tha a' chaora fhèin, "Tha Ile 'n diugh gun daoine; chuir a' chaor' a bailtean fàs." Agus chan eil mòran mìneachaidh air a' chaora, tha a' chaora mar gum biodh i dìreach a' riochdachadh na h-uair anns an do dh'atharraich cùisean ann an Ìle.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Uilleam MacDhunlèibhe

Air adhart gu

Beachdan

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.