19mh linn / Uilleam MacDhunlèibhe

Bàrdachd - Fios Chun a' Bhàird

Tha a' chiad leth den dàn a' toirt dhuinn dealbh ealanta de Ìle air madainn bhrèagha samhraidh ach an uair sin, gu h-obann, tha an loidhne "Ach tha Ìle 'n-diugh gun daoine" a' briseadh a-steach air an dealbh. O sin a-mach tha am bàrd ag innse mar a chaidh an t-eilean fhàsachadh, a' toirt seo gu ceann le ìomhaigh de nathair air làr taigh falamh.


Tha an loidhne "Thoir an fhios seo chun a' Bhàird" a' tighinn aig deireadh gach rann mar shèist thiamhaidh agus a' ceangal an dà phàirt den dàn ri chèile.


Tha am bàrd a' cumail smachd teann air cruth an dàin, ga chur fhèin an cèill ann an dòigh a tha siùbhlach gun a bhith sgaoilte agus tha e, gu h-àraidh, a' cumail smachd air fhearg mun t-suidheachadh, a tha a' tighinn troimhe nas làidire air sgàth sin.


Tha an dòigh sa bheil e gar tàladh le dealbh toilichte agus an uair sin a' gluasad gu h-obann gu staid thruagh an eilein a-nise a' toirt dhan leughadair tuigsinn nas fheàrr air mar a thachair. Cliog air a' chomharra iomchaidh airson notaichean air an eilean mar a bha e (an-dè) agus mar a tha e a-nise (an-diugh).


Lean na comharran airson a' bhàrdachd a mhìneachadh. Nuair a nì thu sin, theirig air ais agus leugh a' bhàrdachd air fad a-rithist.


Fios Chun a' Bhàird

  • Tha a' mhadainn soilleir grianach,
  • 'S a' ghaoth 'n iar a ruith gu rèidh;
  • Tha an linne sleamhainn sìochail
  • On a chiùinich strì nan speur;
  • Tha an long na h-èideadh sgiamhach,
  • 'S cha chuir sgìths i dh'iarraidh tàmh;
  • Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
  • A' toirt an fhios seo chun a' Bhàird.
  • Seo crùnadh mais' a' mhìos
  • San tèid don dìthreabh treudan bhò,
  • Do ghlinn nan lagan uaigneach
  • Anns nach cuir 's nach buainear pòr;
  • Leab-innse buar nan geum –
  • Cha robh mo roinn diubh 'n-dè le càch;
  • Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
  • Thoir am fios seo chun a' Bhàird.
  • Tha mìltean sprèidh air faichean
  • 'S caoraich gheal' air creachainn fhraoich,
  • 'S na fèidh air stùcan fàsail,
  • Far nach truaillear làr na gaoith;
  • An sìolach fiadhaich neartmhor
  • Fliuch le dealt na h-oiteig thlàith;
  • Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
  • Thoir am fios seo chun a' Bhàird.
  • Tha an còmhnard 's coirean garbhlaich,
  • Còrs' na fairg' 's gach gràinseach rèidh,
  • Le buaidhean blàths na h-iarmailt
  • Mar a dh'iarramaid gu lèir;
  • Tha 'n t-seamair fhiadhain 's neòinean
  • Air na lòintean feòir fo bhlàth;
  • Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
  • Thoir am fios seo chun a' Bhàird.
  • Na caochain fhìor-uisg' luath
  • A' tighinn a-nuas o chùl nam màm
  • Bho lochain ghlan' gun ruadhan
  • Air na cruachan fad' on tràigh;
  • Far an òl am fiadh a phailteas,
  • 'S bòidheach ealtan lach gan snàmh;
  • Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
  • Thoir am fios seo chun a' Bhàird.
  • Tha bogha mòr an t-sàile
  • Mar a bha le reachd bith bhuan,
  • A' mòrachd maise nàdair
  • 'S a cheann-àrd ri tuinn a' chuain –
  • A riomball geal seachd mìle,
  • Gainmhean sìobt' o bheul an làin;
  • Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
  • Thoir am fios seo chun a' Bhàird.
  • Na dùilean, stèidh na cruitheachd,
  • Blàths is sruthan 's anail neul,
  • Ag altram lusan ùrail
  • Air an laigh an driùchd gu seimh
  • Nuair a thuiteas sgàil na h-oidhche,
  • Mar gum b' ann a' caoidh na bha;
  • Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
  • Thoir am fios seo chun a' Bhàird.
  • Ged a roinneas gathan grèine
  • Tlus nan speur ri blàth nan lòn,
  • 'S ged a chithear sprèidh air àirigh
  • Is buailtean làn de dh'àlach bhò,
  • Tha Ìle an diugh gun daoine;
  • Chuir a' chaor' a bailtean fas;
  • Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
  • Thoir am fios seo chun a' Bhàird.
  • Ged thig ànrach aineoil
  • Gus a' chaladh 's e sa cheò,
  • Chan fhaic e soills' on chagailt
  • Air a' chladach seo nas mò;
  • Chuir gamhlas Ghall air fuadach
  • Na tha bhuainn 's nach till gu bràth;
  • Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
  • Thoir am fios seo chun a' Bhàird.
  • Ged a thogar feachd na h-Alb'
  • As cliùiteach ainm air faich' an àir,
  • Bithidh bratach fhraoich nan Ìleach
  • Gun dol sìos ga dìon le càch;
  • Sgap mìorun iad thar fairge,
  • 'S gun ach ainmhidhean balbh nan àit';
  • Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
  • Thoir am fios seo chun a' Bhàird.
  • Tha taighean seilbh na dh'fhàg sinn
  • Feadh an fhuinn nan càrnan fuar;
  • Dh'fhalbh 's cha till na Gàidheil;
  • Stad an t-àiteach, cur is buain;
  • Tha stèidh nan làrach tiamhaidh
  • A' toirt fianais air 's ag ràdh,
  • "Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
  • Leig am fios seo chun a' Bhàird."
  • Cha chluinnear luinneag òighean,
  • Sèist nan òran air a' chlèith,
  • 'S chan fhaicear seòid mar b' àbhaist
  • A' cur bàir air faiche rèidh;
  • Thug ainneart fògraidh uainn iad;
  • 'S leis na coimhich buaidh mar 's àill;
  • Leis na fhuair 's a chunnaic mise,
  • Bhiodh am fios seo aig a' Bhàird.
  • Chan fhaigh an dèirceach fasgadh
  • No 'm fear-astair fois o sgìths,
  • No soisgeulach luchd-èisteachd;
  • Bhuadhaich eucoir, Goill is cìs;
  • Tha an nathair bhreac na lùban
  • Air na h-ùrlair far an d' fhàs
  • Na fir mhòr' a chunnaic mise;
  • Thoir am fios seo chun a' Bhàird.
  • Lomadh ceàrn na h-Ò,
  • An Lanndaidh bhòidheach 's Roinn MhicAoidh,
  • Tha 'n Learga ghlacach ghrianach
  • 'S fuidheall cianail air a taobh;
  • Tha an Gleann na fhiadhair uaine
  • Aig luchd-fuath gun tuath, gun bhàrr;
  • Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
  • Leig am fios seo chun a' Bhàird.

Fios Chun a' Bhàird

Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd


Teacsa

Dè an teachdaireachd a tha sa bhàrdachd?

'S e rud a tha annasach mu Fhios Chun a' Bhàird 's e gu bheil esan a' faighinn teachdaireachd, agus tha an teachdaireachd a tha seo a' tighinn thuige à Ìle, agus 's e bean a' Bhlàraich ann an Ìle a tha a' cuir na teachdaireachd a tha seo chun a' bhàird. Tha i cuir thuige pìos clò à Ìle agus tha seo a' tighinn, agus tha seo mar gum biodh a' gluasad a' bhàird gu bhith beachdachadh air Ìle.

Bha e-fhèin agus na Blàraich anabarrach faisg air a chèile agus 's e Raibeart Blàrach, ministear ann an Glaschu a dheasaich an cruinneachadh mu dheireadh de dh'obair Uilleam Ìlich ann an 1882. Ach tha 'n teachdaireachd a tha seo a' tighinn gun bhàird, mar gum biodh e tighinn còmhla ris an fhios a tha seo à Ìle. Agus chan e e-fhèin a tha bruidhinn idir, mar gum biodh, ach am boireannach a tha seo a tha faicinn Eilean Ìle ag atharrachadh, "Thoir am fios seo chun a' bhàird." Ach saoilidh mise gur e an tè tha bruidhinn le ceartas an seo a' cheòlraidh, the muse, mar a their iad sa Bheurla, gu bheil ban-tighearnan a' bàrdachd, a' bruidhinn tro Uilleam, agus tha 'n teachdaireachd mhòr a tha seo a' tighinn chun a' bhàird agus feumaidh am bàrd an uair sin an teachdaireachd a thoirt dhut-sa.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Uilleam MacDhunlèibhe

Air adhart gu

Beachdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.