19mh linn / Uilleam MacDhunlèibhe

Am Bàrd

Rugadh Uilleam MacDhunlèibhe ann an 1808 ann an Cill an Rubha an Ìle. Chaidh a thogail air Tuathanas Gartmain, faisg air A' Bhogha Mhòir. B' e saor a bha na athair, 's e ag obair air oighreachd Ìle do Bhaltair Caimbeul, Tighearna Ìle.


Na òige, cha robh mòran ùidh aig Uilleam san sgoil, 's an dèidh an sgoil fhàgail thug e a-mach a cheàird mar thàillear.


An dèidh dha Ìle fhàgail, chuir e seachad ùine ann an diofar bhailtean air Ghalldachd leithid Dùn Bhreatainn, Magh Leamhna, agus Strath Èireann, far an do choinnich e ri mhnaoi. Rinn iad an dachaigh ann an Glaschu, far an do chuir e seachad a' mhòr-chuid dhe bheatha ag obair na thàillear.


Bha ùidh shònraichte aige ann an seann eachdraidh na h-Alba, gu h-àraidh eachdraidh nan Gàidheal. Dh'ionnsaich e mu eachdraidh nan Ceilteach agus cuideachd cànanan na Roinn Eòrpa - Laidinn, Frangais agus Grèigis nam measg.


Bha e na nàiseantach agus gu mòr air taobh na Gàidhlig, agus dh' fhoillsich e Vindication of the Celtic Character ann an 1850.


Chaidh cruinneachadh de a chuid bàrdachd, Duain agus Òrain, deasaichte leis an Urramach Raibeart Blair, a chur an clò ann an 1882 leis a' Chomann Ìleach.


Chaochail e ann an 1870, 's chaidh a thiodhlacadh còmhla ri mhnaoi ann an cladh ris an canar 'Janefield Cemetery' air taobh an ear bhaile Ghlaschu.


Latha-breith:

1808

Àite:

Cill an Rubha ann an Ìle

Foghlam:

Bun-sgoil ann an Ìle

The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Bha am bàrd eòlach air bàird a bha ann roimhe

Tha e gu math follaiseach gu robh Uilleam MacDhunlèibhe anabarrach eòlach air na bàird a bha ann roimhe.

Bha e eòlach air Seumas Mac a' Phearsain, mar eisimpleir, a' fear a dhealbhaich Ossian, agus bha e eòlach air Ossian, tha e sealltainn air ais air Ossian 's air linn Ossian, g' e bith dè bha sin na inntinn-san, mar thùs na bàrdachd. Agus tha fhios aige gu robh bàird ann roimhe a bha comasach da-rìribh.

Nise, tha e eòlach air Mac Mhaighstir Alasdair, theirinn-sa. Tha e eòlach air, dàin mar Bhìrlinn Chlann Raghnaill. Gu math tric bhiodh Uilleam MacDhunlèibhe fhèin a-mach air na bàtaichean, 's cho brèagha 's a bha iad air seòladh, 's cho làidir is a bha iad ann an stoirmean, agus tha seo a' toirt nar cuimhne, gu math tric nam chuimhne-sa co-dhiù, Bìrlinn Chlann Raghnaill aig Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair.

An rud eile a tha gu math follaiseach 's a tha ga cheangal a-rithist ri Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair, 's e an ùidh ann an sabaid, an ùidh ann am blàir, agus ann an gaisgealachd. Bha seo a' dol, agus ann a bhith brosnachadh dhaoine gu bhith sabaid an-aghaidh na nàimhdean, bha Mac Mhaighstir Alasdair a' dèanamh sin cuideachd.

Tha e mothachail air maise na dùthcha, Uilleam MacDhunlèibhe, agus tha sin a' cuir nam chuimhne, bàrdachd Dhonnchaidh Bhàin. Tha e 'g obair air an dùthaich mar rud a tha àlainn, agus tha an aon ghleus aige uaireannan ri Donnchadh Bàn; Donnchadh Bàn a' sealltainn air ais air Beinn Dòbhrain, 's cho brèagha 's a bha Beinn Dòbhrain, agus mar a dh'atharraich Beinn Dòbhrain. Bha na fèidh ann am Beinn Dòbhrain aig aon àm, gus an tàinig na caoraich, agus tha MacDhunlèibhe agus Donnchadh Bàn car ag ràdh an aon rud, anns an dà dhàn aca fhèin – Cead Deireannach nam Beann aig Donnchadh Bàn agus an uair sin Fios Chun a' Bhàird aig MacDhunlèibhe – mar a tha cùisean air atharrachadh, agus tha iad a' faighinn clisgeadh às, tha tìr a bha uaireigin cho brèagha air atharrachadh gu tur.

Nise, tha ceangal air choireigin an sin, co-dhiù 's e ceangal eadar a bhith eòlach air bàrdachd Dhonnchaidh Bhàin, no dìreach eòlach air na pàtrain a bh' ann aig an àm, eil fhios agad, romansachas, ainmean, rudan mar sin, a' ceangal Dhonnchaidh Bhàin 's a' ceangal MhicDhunlèibhe, chan eil mi cinnteach. Ach tha amharas agam gu robh MacDhunlèibhe a' leughadh Donnchadh Bàn 's a' leughadh eachdraidh nam bàird a bha sin.

Bha e cuideachd a' leughadh seann eachdraidh Èireannach 's bàrdachd Èireannach, tha amharas agam, 's bha e eòlach air Homer, bha e eòlach air litreachas gaisgeil, seann litreachas gaisgeil a' Bhìobaill. Air uairean bhiodh e dèanamh coimeas eadar na gaisgich a bh' ann agus na gaisgich, gaisgich a' Bhìobaill. Agus feumaidh tu bhith eòlach air cuid de na tobraichean fiosrachaidh a tha sin airson bàrdachd MhicDhunlèibhe a mhìneachadh. Bha e leughadh uiread a rudan, agus na daoine a bha eòlach air anns an 19mh linn a bhiodh a' dol air chèilidh air, bhiodh iad a' bruidhinn air mar a bhiodh iad ga fhaicinn anns an taigh, 's ann an siud, 's a cheann anns na leabhraichean, 's e ag ionnsachadh uiread 's a b' urrainn dha mu sheann eachdraidh nan dùthchannan 's nam fineachan, 's tha mise creidsinn cuideachd gu robh e a' leughadh a h-uile mìr bàrdachd a ghabhadh, a ghabhadh lorg aig an àm.

Air adhart gu

Cuspairean

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.