19mh linn / Uilleam MacDhunlèibhe

Am Bàrd

Rugadh Uilleam MacDhunlèibhe ann an 1808 ann an Cill an Rubha an Ìle. Chaidh a thogail air Tuathanas Gartmain, faisg air A' Bhogha Mhòir. B' e saor a bha na athair, 's e ag obair air oighreachd Ìle do Bhaltair Caimbeul, Tighearna Ìle.


Na òige, cha robh mòran ùidh aig Uilleam san sgoil, 's an dèidh an sgoil fhàgail thug e a-mach a cheàird mar thàillear.


An dèidh dha Ìle fhàgail, chuir e seachad ùine ann an diofar bhailtean air Ghalldachd leithid Dùn Bhreatainn, Magh Leamhna, agus Strath Èireann, far an do choinnich e ri mhnaoi. Rinn iad an dachaigh ann an Glaschu, far an do chuir e seachad a' mhòr-chuid dhe bheatha ag obair na thàillear.


Bha ùidh shònraichte aige ann an seann eachdraidh na h-Alba, gu h-àraidh eachdraidh nan Gàidheal. Dh'ionnsaich e mu eachdraidh nan Ceilteach agus cuideachd cànanan na Roinn Eòrpa - Laidinn, Frangais agus Grèigis nam measg.


Bha e na nàiseantach agus gu mòr air taobh na Gàidhlig, agus dh' fhoillsich e Vindication of the Celtic Character ann an 1850.


Chaidh cruinneachadh de a chuid bàrdachd, Duain agus Òrain, deasaichte leis an Urramach Raibeart Blair, a chur an clò ann an 1882 leis a' Chomann Ìleach.


Chaochail e ann an 1870, 's chaidh a thiodhlacadh còmhla ri mhnaoi ann an cladh ris an canar 'Janefield Cemetery' air taobh an ear bhaile Ghlaschu.


Latha-breith:

1808

Àite:

Cill an Rubha ann an Ìle

Foghlam:

Bun-sgoil ann an Ìle

The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Dè seòrsa duine a bh' ann?

Tha mise smaoineachadh gur e duine gu math làidir a bh' ann an Uilleam MacDhunlèibhe ann an iomadh dòigh. Bha e làidir mar dhuine, tuigidh tu bhon bhàrdachd aige gu robh meas mòr aige air curaidhean 's gaisgich, agus gun robh e fhèin gu math làidir. Bha e a còrdadh ris a bhith ann am bàtaichean 's a bhith a' strì ris a' chuan, is rudan den t-seòrsa sin.

Ach cuideachd, bha e uamhasach làidir na bheachdan. 'S e duine a bh' ann nach biodh furasta a bhith beò còmhla ris neo bhith rè ris – bha na beachdan a bh' aige cho làidir. Agus bha na beachdan sin gu math tric air am bonntachadh air mar a bha esan a' faicinn an t-saoghail, 's gu sònraichte mar a bha e a' faicinn na Gaidhealtachd 's nan eilein – mar a bha iad ag atharrachadh anns an naoidheamh linn deug, gu sònraichte mu mheadhan nan naoidheamh linn deug, nuair a bha e follaiseach gu robh uiread de dhaoine an dèidh falbh às na h-eileanan.

Nise, gu math tric tha Uilleam MacDhunlèibhe a' fàs uamhasach fhèin crosta. Tha e dìreach a' goil le fearg, agus chì thu sin gu sònraichte anns na sgrìobhaidhean Beurla aige. Bha e a' sgrìobhadh an dà chuid sa Bheurla agus anns a' Ghàidhlig.

Na sgrìobhaidhean Beurla, tha iad ann an rosg, agus tha iad ann an riochd litrichean a bhiodh e a' sgrìobhadh gu phàipearan-naidheachd. Nise, na prìomh nàimhdean aig Uilleam MacDhunlèibhe 's e na Sasannaich agus na daoine gallta a bha a' tighinn a-staigh don dùthaich agus a' milleadh na dùthcha - a milleadh Ìle, neo a' milleadh Chinn Tìre, neo a' milleadh Siorramachd Pheairt. Bha na h-àiteannan sin gu sònraichte air an inntinn aige, agus bhiodh e beachdachadh orra sin, gu math, fhios agad, ann an dòigh gu math crosta, eagarra, anns a' rosg. O bhiodh e a' càineadh nan Sasannach gu fiadhaich, agus bha e dìreach coltach ri duine air bhoil.

Mar a bhios mise a' leughadh na Beurla aige, bidh mi ag ràdh rium fhèin 'O nach truagh nach stadadh tu 's gun smaoinicheadh tu barrachd, mus tèid thu glan às do chiall.' Is uaireannan bidh e a' fàs sìtheil agus an uair sin tha an rosg Beurla aige gu math nas socraiche.

Nise, sa bhàrdachd, bidh an fhearg a tha seo air chùl nam facal cuideachd, agus caoidh, caoidh is ionndrainn, mar a tha cùisean air atharrachadh sa Ghaidhealtachd, ach chan eil e cho feargach sa bhàrdachd.

Bha a' bhàrdachd mar gu biodh i na nàdar, le meatarachd is rudan mar sin, a' cur smachd air agus dh'fheumadh e a bhith ag obair a rèir fad nan loidhnichean is rudan mar sin.

Ach glè thric an seòrsa seallaidh a th' aig Uilleam MacDhunlèibhe, 's e an t-eadar dhealachadh eadar an saoghal a bh' ann, anns na seann làithean, agus an saoghal anns a bheil e-fhèin beò an-diugh, far a bheil a h-uile nì air atharrachadh agus, mar gum biodh, air dol bun os cionn seach mar a b' àbhaist.

Air adhart gu

Cuspairean

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.