20mh linn / Somhairle MacGill-Eain

Cuspairean

'S e a' bhàrdachd a rinn e anns na 1930an agus na 1940an, agus a nochd anns an leabhar Dàin do Eimhir ann an 1943, a' chuid as ainmeile de bhàrdachd Shomhairle MhicGill-Eain, ged a bha e beò agus a' sgrìobhadh bàrdachd airson iomadh bliadhna às dèidh sin. Bha buaidh mhòr aig bàrdachd MhicGill-Eain air bàird agus sgrìobhaichean eile sa Ghàidhlig às a dhèidh.


'S e bàrdachd gaoil as mhotha a tha ann an Dàin do Eimhir ach tha i glè eadar-dhealaichte on bhàrdachd gaoil a bha cumanta sa Ghàidhlig ron an sin. Bha ùidh mhòr aig MacGill-Eain ann am poilitigs. Bha taobh aige ri Comhaoineas agus bha staid nan daoine bochda san dùthaich seo a' dèanamh dragh dha agus cuideachd cor nan saighdearan a bha a' cogadh an aghaidh an t-Seanalair Franco ann an Cogadh Sìobhalta na Spàinn. Tha na rudan sin a' tighinn a-steach gu mòr sa bhàrdachd gaoil aige oir bha e a' faireachdainn gun robh an dà rud sin, gaol agus dleastanas, a' tighinn còmhla na bheatha agus gun robh e air a tharraing eatarra. 'S ann mun chòmhstri sin a tha tòrr dhen bhàrdachd as fheàrr aige.


Tha MacGill-Eain uaireannan a' dèiligeadh ri cuspairean eile cuideachd, ge-tà, mar nàdar na bàrdachd, dualchas agus eachdraidh na Gàidhealtachd. Tha e cuideachd a' togail air cor Alba agus na Roinn Eòrpa gu lèir, agus cuspairean poilitigeach mar bochdainn, creideamh agus cogadh.


Bha MacGill-Eain eòlach agus glè mheasail air na seann òrain gaoil Ghàidhlig agus tha faireachdainn dian mar sin anns a' bhàrdachd gaoil aige fhèin. Bha buaidh aig litreachas Beurla air cuideachd, an dà chuid litreachas an latha aige fhèin (Hugh MacDiarmid agus Ezra Pound, mar eisimpleir) agus seann litreachas mar obair nam bàrd san 17mh linn ris an canar na 'Metaphysicals' (John Donne agus a leithid). 'S e seo an seòrsa bàrdachd a bha fasanta aig an àm a bha MacGill-Eain san oilthigh.


Tha e mar as trice a' cleachdadh rannaigheachd thraidiseanta, le comhardadh, ach chan eil e idir ga cleachdadh ann an dòigh theann agus tha tòrr 'ceòl' na bhàrdachd.


Tha e a' dèanamh tòrr feum de ìomhaighean na bhàrdachd: 's e fear de na chiad bhàird Ghàidhlig a rinn sin.


Teacsa

A' bruidhinn mu phoilitigs na Spàinn agus a roghainn

Anns a' bhliadhna naoi deug agus sia deug thar fhichead, thòisich an cogadh, cogadh na Spàinne. Agus bha caraid ainmeil agam, bha e a' teagaisg Beurla. Duine cho còir ris na choinnich mi a-riamh, fear Iain Stiùbhart à Laggan. Bha e na thidsear mìorbhaileach oir bha beachdan làidir, làidir poilitigeach aige, agus thuirt e riumsa, thèid sinn dhan Spàinn. Bha daoine a' dol às Alba 's às mòran àiteachan san Roinn Eòrpa a chogadh air taobh an fheadhainn ris an canar An International Brigade. Nise, tha mi cinnteach gum bithinn air a dhol ann còmhla ris ach bha rudan glè dhoirbh san teaghlach againn aig an àm a dh'adhbhraich nach b'urrainn dhomh dhol ann. Tha mi smaoineachadh gu robh rudan san teaghlach aigesan cuideachd ach chan eil mi cinnteach. Cha deach sinn ann ach bha e a' cur air mo chuimhseas.

Bliadhna as dèidh sin choinnich mi ri ban Èireannach. Bha fear de na càirdean a b'fheàrr a bh' agam a-riamh - chan eil e beò a-nise – thuig mi gu robh e fhèin airson a pòsadh. Nise, b' e a' bhliadhna sin, naoi deug agus seachd deug air fhichead, bliadhna as dèidh na bruidhinn mu a dhol dhan Spàinn agus feumaidh mi a ràdha gu robh mi, uill, nach do ruighinn-sa rachainn-sa eadar esan agus ise. Bha mi gu tur ceàrr mu dheidhinn.

Ach bliadhna no dhà as dèidh sin, beagan as dèidh Munich - agus bha Munich anns an t-Sultain naoi deug agus ochd deug air fhichead - bha mi an uair sin glè ìosal. Bha dùil agam gu robh na Fasgaich a' dol a thoirt buaidh air an Roinn Eòrpa agus eadar Munich agus toiseach a' chogaidh, bha mi glè ìosal. Agus thuirt mi rium fhèin, nam biodh roghainn dhìreach agam, agus nach robh ceangalan teaghlaich agam mar a bh' agam dà bhliadhna gu leth no trì bliadhna ron sin, gum bithinn air a' bhan Èireannach a chur air thoiseach air cogadh na Spàinne. Agus ri linn sin, bha mòran a' smaoineachadh gur ise a chùm on Spàinn mi ach cha b' i. 'S e gnothaichean ar teaghlaich a bh' ann agus bha iad glè dhoirbh dhòmhsa aig an àm.

Air adhart gu

Bàrdachd

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.