20mh linn / Somhairle MacGill-Eain

Cuspairean

'S e a' bhàrdachd a rinn e anns na 1930an agus na 1940an, agus a nochd anns an leabhar Dàin do Eimhir ann an 1943, a' chuid as ainmeile de bhàrdachd Shomhairle MhicGill-Eain, ged a bha e beò agus a' sgrìobhadh bàrdachd airson iomadh bliadhna às dèidh sin. Bha buaidh mhòr aig bàrdachd MhicGill-Eain air bàird agus sgrìobhaichean eile sa Ghàidhlig às a dhèidh.


'S e bàrdachd gaoil as mhotha a tha ann an Dàin do Eimhir ach tha i glè eadar-dhealaichte on bhàrdachd gaoil a bha cumanta sa Ghàidhlig ron an sin. Bha ùidh mhòr aig MacGill-Eain ann am poilitigs. Bha taobh aige ri Comhaoineas agus bha staid nan daoine bochda san dùthaich seo a' dèanamh dragh dha agus cuideachd cor nan saighdearan a bha a' cogadh an aghaidh an t-Seanalair Franco ann an Cogadh Sìobhalta na Spàinn. Tha na rudan sin a' tighinn a-steach gu mòr sa bhàrdachd gaoil aige oir bha e a' faireachdainn gun robh an dà rud sin, gaol agus dleastanas, a' tighinn còmhla na bheatha agus gun robh e air a tharraing eatarra. 'S ann mun chòmhstri sin a tha tòrr dhen bhàrdachd as fheàrr aige.


Tha MacGill-Eain uaireannan a' dèiligeadh ri cuspairean eile cuideachd, ge-tà, mar nàdar na bàrdachd, dualchas agus eachdraidh na Gàidhealtachd. Tha e cuideachd a' togail air cor Alba agus na Roinn Eòrpa gu lèir, agus cuspairean poilitigeach mar bochdainn, creideamh agus cogadh.


Bha MacGill-Eain eòlach agus glè mheasail air na seann òrain gaoil Ghàidhlig agus tha faireachdainn dian mar sin anns a' bhàrdachd gaoil aige fhèin. Bha buaidh aig litreachas Beurla air cuideachd, an dà chuid litreachas an latha aige fhèin (Hugh MacDiarmid agus Ezra Pound, mar eisimpleir) agus seann litreachas mar obair nam bàrd san 17mh linn ris an canar na 'Metaphysicals' (John Donne agus a leithid). 'S e seo an seòrsa bàrdachd a bha fasanta aig an àm a bha MacGill-Eain san oilthigh.


Tha e mar as trice a' cleachdadh rannaigheachd thraidiseanta, le comhardadh, ach chan eil e idir ga cleachdadh ann an dòigh theann agus tha tòrr 'ceòl' na bhàrdachd.


Tha e a' dèanamh tòrr feum de ìomhaighean na bhàrdachd: 's e fear de na chiad bhàird Ghàidhlig a rinn sin.


Teacsa

Ag innse mu a shuidheachadh aig àm an dara cogaidh

Bha mi a' teagaisg ann an Dùn Èideann an uair sin agus 's ann anns na bliadhnaichean sin eadar Munich agus toiseach a' chogaidh mhòir a b'fhaisg a bha mi air a bhith nam Chomannach. Cha robh mi buileach, cha robh mi cinnteach buileach. Ach nuair a thòisich an Cogadh Mòr anns an t-Sultain, dh'iarr mi air Comataidh Foghlaim Dhùn Èideann mo leigeil às, gu robh mi dol dhan arm agus gu robh mi ag iarraidh a dhol dhan an airm choise. Agus thuirt iad, duine sam bith a bha na thidsear, gu feumadh e fuireach gus an tigeadh iarraidh air a dhol dhan arm no nach fhaigheadh e dad de phàigheadh tidseir. Agus bha seo doirbh dhòmhsa. Bha gnothaichean mo theaghlaich cho dona 's a bha iad a-riamh.

'S an uair sin nuair a thàinig Sultain na bliadhna naoi deug agus dà fhichead, chaidh mo ghairm dhan arm. Agus thuirt mi gu robh mi son a dhol a-staigh dhan arm choise agus gu h-àraidh dha na Camshronaich - seòrsa de dh'amaideas anns na daoine againn. Oh, thuirt e, aig an àm seo, daoine dhed aois-sa agus dhed ionnsachadh, feumaidh sibh a dhol dha na Signals,'s ann a nì sibh barrachd feum.

Air adhart gu

Bàrdachd

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.