20mh linn / Somhairle MacGill-Eain

Beachdan

Taghadh à lèirmheasan a chaidh a sgrìobhadh mun bhàrdachd aig Somhairle MacGill-Eain, cuide ri beachdan air an clàradh air bhidio agus ann an earrainnean fuaim.

MacThòmais, R. (An Geamhradh 1977-78) Reothairt is Contraigh, taghadh de dhaìn 1932-72, le Somhairle MacGill-Eain.

Gairm, 101, td. 94

Reothairt is Contraigh

"Dhe na 71 dàin a th' anns an leabhar, sgrìobhadh 55 ro 1945, agus 16 bhon uair sin. Tha an cruinneachadh seo a' toirt beachd cothromach don leughadair air saothair a' bhàird, agus is math gu bheil e ri fhaotainn a-nis. Chì sinn gur h-e prìomh chuspairean na bàrdachd aige, na faireachdainnean aige fhèin (gu h-àraidh fo bhuaidh a' ghaoil), eachdraidh, agus poilitigs, agus uaireannan tha na cuspairean sin gu lèir air an snìomh ri chèile ann an dòigh a tha glè sgileil is làn ùidhe. Bha mòran de na dàin air an sgrìobhadh nuair a bha Cogadh na Spàinne a' dol, air neo ùr an cuimhne dhaoine, 's dh'fhàg sin làrach air a' bhàrdachd, mar a dh'fhàg beachdan Co-mhaoineach is Nàiseantach cuideachd. Tha na beachdan as daingne anns an taghadh seo, ach tha iad ann an sin fhathast, ged is ann air na Sòisealaich as motha bhios McGill-Eain a' leigeil a thaic an-diugh – no 's dòcha gur h-ann a tha feadhainn eile a' cur sin air a mhanadh. Poilitigs ann no às, tha mòran de dheagh bhàrdachd an seo, agus 's e sin an rud a sheasas.

Saoilidh mi gur e adhbhar duilgheadais a th' ann nach do dh'fhàg MacGill-Eain an ruith-dhàn "Dàin do Eimhir" slàn mar a bha e. Tha e air còig air fichead de na dàin a bh' anns a' chiad ruith-dhàn (1943) a thoirt dhuinn an seo, agus trì eile a bhuineadh dha ach a chaidh an clò an toiseach an Lines 34, agus tha e air ceithir air fhichead fhàgail às. Gun teagamh, bha mòran dhiubh sin goirid... agus bha feadhainn eile ann nach buineadh gu coileanta don ruith-dhàn...

Togaidh an taghadh seo, agus an t-òrdugh a th' air, mòran cheistean am measg eòlaichean, 's cha mhiste sinn sin. Agus tha Dàin do Eimhir ann fhathast, gu tilleadh thuca nuair a theirgeas an t-annas."

Caimbeul Hay, D. (An t-Earrach 1978) Do Shomhairle MacIlleathain.

Gairm, 102, td. 157

  • Do ShomhairleMacIlleathain
  • A Shomhairle MhicIlleathain thallud,
  • mo chomhairle dhut, 's is facal fìor,
  • crath do mhuing is bi 'sitrich.
  • Is tu am filidh 's cha bu mhì.

MacThòmais, R. (An Geamhradh 1990) O Choille gu Bearradh.

Gairm, 150, td186

O Choille gu Bearradh

"..dearbhadh dhuinn aon uair eile, gur h-e na dàin gaoil a rinneadh o chionn leth-cheud bliadhna as prìseile fhathast. Sin an fheadhainn a mhaireas, agus do na h-eòlaich co-dhiù mairidh iad anns a' chruth a bh'orra ann an 1943. Cha bu chòir seo a bhith na bhriseadh dùil no na adhbhar dragh don bhàrd. Cha do sgrìobh Burns facal nach robh sgrìobhte aige mus robh e ochd-deug air fhichead, 's tha deagh chuimhne air fhathast."

Meek, D. E. (2002) An Aghaigh na Sìorraidheachd?

Bàird na Ficheadamh Linn agus an Creideamh Crìosdail ann an Ò Baoill, C & McGuire, N.R. deas. Rannsachadh na Gàidhlig 2000. Oilthigh Obar dheathain, Roinn na Ceiltis

"Cho luath 's a thogas duine an cuspair seo – na bàird agus an creideamh Crìosdail anns an fhicheadamh linn – bidh an luchd-èisteachd, no cuid mhath dhiubh co-dhiù, buailteach a bhith a' smaoineachadh nach robh bàird na ficheadamh linn, agus gu h-àraidh na baìrd a bhios a' cleachdadh nua-bhàrdachd, a' dèanamh sìon ach a' càineadh na h-eaglaise, agus bidh iad buailteach cuideachd a bhith a' smaointeachadh gur e rud ùr a tha an sin, rud a tha coimheach agus air taobh a-muigh crìochan an dualchais...

Gun teagamh, tha MacGill-Eain a' togail casaid an aghaidh na h-eaglaise, ach 's e a tha ga bhioradh nach do thog an eagalis a guth an aghaidh aintighearnas is sàrachadh an t-sluaigh. 'S e an t-anam agus an spiorad an aon rud a b' fhiach don eaglais. Ach chan eil sin co-ionann ri bhith a' cur na sgine ann an cridhe a' chreideimh. 'S e tagradh an aghaidh anaceartas a tha anns an dàn seo (Ban-Ghàidheal). Gheibhear an aon seòrsa seallaidh 's tha aig MacGill-Eain ann an "diadhachd na saorsa), 's e sin liberation theology, mar a their sinn ris an-diugh. Thàinig an diadhachd sin gu aire dhaoine ann an Ameireaga a Deas agus ann an Afraga anns an dara leth den fhicheadamh linn, agus gu h-àraidh anns an dualchas Chaitligeach. Dh'fhaodamaid a' Bhan-Ghàidheal aig MacGill-Eain ath-chruthachadh mar bhean à Ecuador, no à Soweto...

Feumaidh sinn na linntean a dh'fhalbh a thoirt fa-near, ach tha e a cheart cho cudromach gum bi an sealladh a tha againn air an là an-diugh cothromach. Tha barrachd cothromachaidh anns an dealbh mhòr na bhios cuid ag aideachadh. Ma chuireas sinn gach dàn air leth leis fhèin, bidh sinn buailteach a bhith a' tighinn gu co-dhùnadh a rèir sealladh a' bhàird anns an dearbh mhionaid anns an do rinn e /i an dàn sin. Ma dhìochuimhnicheas sinn na beachdan a bhios an clò aig na bàird ann an rosg a bharrachd air dàn, bidh an dealbh a' sìor fhàs nas cumhainge. Mar eisimpleir, tha sinn uile glè eòlach air "Ban-Gàidheal" MhicGill-Eain, ach a bheil sinn cho eòlach air a' mholadh a bha aige air na searmonaichean cumhachdadh a chuala e na òige ann an Ratharsair, no air an dòigh anns an do dh'atharraich a bheachdan rè nam bliadhnachan air a' bhuaidh a bha aig creud chumhang nan Saor Chlèireach air dualchas na Gàidhlig anns an eilean sin agus air feadh na Gàidhealtachd?"

Teacsa

Dòmhnall Camshron ag innse dè tha a còrdadh ris mu bhàrdachd Shomhairle

Bliadhna bhon àm seo bha mi a' leughadh airson nan dall, feadhainn òga a tha san sgoil 's a tha ag ionnsachadh Gàidhlig 's a' deasachadh airson deuchainnean. Bha mi air leth fortanach gu robh agam ris an leabhar Nua-bhàrdachd Ghàidhlig a chur air tèip airson nan dall oir dh'ùraich e dhomh mo spèis do bhàird na linne seo. Bha mi ann an seòmar beag leam fhèin a' leughadh bàrdachd agus tòrr dhith a chur gaoir sìos cnàimh mo dhroma le a bòidhchead agus ealantas a cànain.

Bhon uair sin tha Coilltean Ratharsaidh aig Somhairle MacGill-Eain air fuireach nam inntinn. Nach iongantach na h-ìomhaighean, an eachdraidh is na fuaimean cainnt a th'aig a' bhàrd agus dhòmhsa bàrdachd a tha a' tighinn gu h-àraidh beò nuair a tha i air a leughadh.

Air adhart gu

Ceanglaichean

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.