20mh linn / Somhairle MacGill-Eain

Beachdan

Taghadh à lèirmheasan a chaidh a sgrìobhadh mun bhàrdachd aig Somhairle MacGill-Eain, cuide ri beachdan air an clàradh air bhidio agus ann an earrainnean fuaim.

MacThòmais, R. (An Geamhradh 1977-78) Reothairt is Contraigh, taghadh de dhaìn 1932-72, le Somhairle MacGill-Eain.

Gairm, 101, td. 94

Reothairt is Contraigh

"Dhe na 71 dàin a th' anns an leabhar, sgrìobhadh 55 ro 1945, agus 16 bhon uair sin. Tha an cruinneachadh seo a' toirt beachd cothromach don leughadair air saothair a' bhàird, agus is math gu bheil e ri fhaotainn a-nis. Chì sinn gur h-e prìomh chuspairean na bàrdachd aige, na faireachdainnean aige fhèin (gu h-àraidh fo bhuaidh a' ghaoil), eachdraidh, agus poilitigs, agus uaireannan tha na cuspairean sin gu lèir air an snìomh ri chèile ann an dòigh a tha glè sgileil is làn ùidhe. Bha mòran de na dàin air an sgrìobhadh nuair a bha Cogadh na Spàinne a' dol, air neo ùr an cuimhne dhaoine, 's dh'fhàg sin làrach air a' bhàrdachd, mar a dh'fhàg beachdan Co-mhaoineach is Nàiseantach cuideachd. Tha na beachdan as daingne anns an taghadh seo, ach tha iad ann an sin fhathast, ged is ann air na Sòisealaich as motha bhios McGill-Eain a' leigeil a thaic an-diugh – no 's dòcha gur h-ann a tha feadhainn eile a' cur sin air a mhanadh. Poilitigs ann no às, tha mòran de dheagh bhàrdachd an seo, agus 's e sin an rud a sheasas.

Saoilidh mi gur e adhbhar duilgheadais a th' ann nach do dh'fhàg MacGill-Eain an ruith-dhàn "Dàin do Eimhir" slàn mar a bha e. Tha e air còig air fichead de na dàin a bh' anns a' chiad ruith-dhàn (1943) a thoirt dhuinn an seo, agus trì eile a bhuineadh dha ach a chaidh an clò an toiseach an Lines 34, agus tha e air ceithir air fhichead fhàgail às. Gun teagamh, bha mòran dhiubh sin goirid... agus bha feadhainn eile ann nach buineadh gu coileanta don ruith-dhàn...

Togaidh an taghadh seo, agus an t-òrdugh a th' air, mòran cheistean am measg eòlaichean, 's cha mhiste sinn sin. Agus tha Dàin do Eimhir ann fhathast, gu tilleadh thuca nuair a theirgeas an t-annas."

Caimbeul Hay, D. (An t-Earrach 1978) Do Shomhairle MacIlleathain.

Gairm, 102, td. 157

  • Do ShomhairleMacIlleathain
  • A Shomhairle MhicIlleathain thallud,
  • mo chomhairle dhut, 's is facal fìor,
  • crath do mhuing is bi 'sitrich.
  • Is tu am filidh 's cha bu mhì.

MacThòmais, R. (An Geamhradh 1990) O Choille gu Bearradh.

Gairm, 150, td186

O Choille gu Bearradh

"..dearbhadh dhuinn aon uair eile, gur h-e na dàin gaoil a rinneadh o chionn leth-cheud bliadhna as prìseile fhathast. Sin an fheadhainn a mhaireas, agus do na h-eòlaich co-dhiù mairidh iad anns a' chruth a bh'orra ann an 1943. Cha bu chòir seo a bhith na bhriseadh dùil no na adhbhar dragh don bhàrd. Cha do sgrìobh Burns facal nach robh sgrìobhte aige mus robh e ochd-deug air fhichead, 's tha deagh chuimhne air fhathast."

Meek, D. E. (2002) An Aghaigh na Sìorraidheachd?

Bàird na Ficheadamh Linn agus an Creideamh Crìosdail ann an Ò Baoill, C & McGuire, N.R. deas. Rannsachadh na Gàidhlig 2000. Oilthigh Obar dheathain, Roinn na Ceiltis

"Cho luath 's a thogas duine an cuspair seo – na bàird agus an creideamh Crìosdail anns an fhicheadamh linn – bidh an luchd-èisteachd, no cuid mhath dhiubh co-dhiù, buailteach a bhith a' smaoineachadh nach robh bàird na ficheadamh linn, agus gu h-àraidh na baìrd a bhios a' cleachdadh nua-bhàrdachd, a' dèanamh sìon ach a' càineadh na h-eaglaise, agus bidh iad buailteach cuideachd a bhith a' smaointeachadh gur e rud ùr a tha an sin, rud a tha coimheach agus air taobh a-muigh crìochan an dualchais...

Gun teagamh, tha MacGill-Eain a' togail casaid an aghaidh na h-eaglaise, ach 's e a tha ga bhioradh nach do thog an eagalis a guth an aghaidh aintighearnas is sàrachadh an t-sluaigh. 'S e an t-anam agus an spiorad an aon rud a b' fhiach don eaglais. Ach chan eil sin co-ionann ri bhith a' cur na sgine ann an cridhe a' chreideimh. 'S e tagradh an aghaidh anaceartas a tha anns an dàn seo (Ban-Ghàidheal). Gheibhear an aon seòrsa seallaidh 's tha aig MacGill-Eain ann an "diadhachd na saorsa), 's e sin liberation theology, mar a their sinn ris an-diugh. Thàinig an diadhachd sin gu aire dhaoine ann an Ameireaga a Deas agus ann an Afraga anns an dara leth den fhicheadamh linn, agus gu h-àraidh anns an dualchas Chaitligeach. Dh'fhaodamaid a' Bhan-Ghàidheal aig MacGill-Eain ath-chruthachadh mar bhean à Ecuador, no à Soweto...

Feumaidh sinn na linntean a dh'fhalbh a thoirt fa-near, ach tha e a cheart cho cudromach gum bi an sealladh a tha againn air an là an-diugh cothromach. Tha barrachd cothromachaidh anns an dealbh mhòr na bhios cuid ag aideachadh. Ma chuireas sinn gach dàn air leth leis fhèin, bidh sinn buailteach a bhith a' tighinn gu co-dhùnadh a rèir sealladh a' bhàird anns an dearbh mhionaid anns an do rinn e /i an dàn sin. Ma dhìochuimhnicheas sinn na beachdan a bhios an clò aig na bàird ann an rosg a bharrachd air dàn, bidh an dealbh a' sìor fhàs nas cumhainge. Mar eisimpleir, tha sinn uile glè eòlach air "Ban-Gàidheal" MhicGill-Eain, ach a bheil sinn cho eòlach air a' mholadh a bha aige air na searmonaichean cumhachdadh a chuala e na òige ann an Ratharsair, no air an dòigh anns an do dh'atharraich a bheachdan rè nam bliadhnachan air a' bhuaidh a bha aig creud chumhang nan Saor Chlèireach air dualchas na Gàidhlig anns an eilean sin agus air feadh na Gàidhealtachd?"

Teacsa

Diofar chuimhneachain air Somhairle bhon phrògram Eòrpa

Patsi NicCoinnich: Air mo chùlaibh, chì sibh Eilean Ratharsaidh far an do rugadh 's an do thogadh Somhairle MacGill-Eain. Bha Somhairle ainmeil mar sàr bhàrd na Gàidhlig, ach cha b' ann dìreach ann an Alba a bha meas air an sgrìobhadh aige. Sgaoil a chliù mar bhàrd agus chaidh na dàin aige an eadar-theangachadh gu iomadh cànan Eòrpach. A' toirt Èorpa gu crìch a-nochd le bhith a' toirt sùil air a bheatha agus a bhuaidh air litreachas, seo Aonghas Pàdraig Caimbeul...

Aonghas Pàdraig Caimbeul: Tha e iomchaidh gur e an gaol a' cheist mhòr a bh' aig Somhairle MacGill-Eain anns an dàn sin oir b' e gaol a bha ann an teis mheadhan a bheatha agus a bhàrdachd. Cha b' e an gaol a thig agus a dh'fhalbhas mar oiteag gaoithe, ach an gaol a mhaireas, gràdh dùthcha, gràdh dualchais agus gràdh cridhe. Saoil nach e an gràdh cridhe a tha sin a tha a' bàthadh gach dleastanais eile a tha romhainn a dh' fhàg Somhairle na shàr bhàrd Eòrpach.

Iain Mac a' Ghobhainn: Nam bheachd fhèin 's e a' bhàrdachd as fheàrr a sgrìobh e a-riamh, an leabhar ud a fhuair mi ann an Sgoil Mhic Neacail bliadhnaichean mòra air ais, Dàin do Eimhir. 'S e sin na h-òrain gaoil agus bha mi a' smaoineachadh a-riamh nach eil bàrd ann coltach ris air a' Ghàidhealtachd no ann an àite sam bith eile airson òrain gaoil. Is bha mise ag ràdh glè thric, gu robh e cho àrd ann ann òrain gaoil ri Catullus no Yates no duine sam bith coltach ris an sin. Agus chanainn-sa gu bheil an cliù aige mar bhàrd mìorbhaileach agus rud a chòrd rium fhèin mu dheidhinn, cha do sgrìobh e mòran aig an deireadh idir agus tha mi smaoineachadh gur e rud math a bha sin. Cha robh e airson càil a sgrìobhadh ach rud a bha a' tighinn bhon a' chridhe aige, tha mi a' smaoineachadh.

Seumas Heaney: He was a kind of a rampart, to use one of his own images and you feel that some rampart has fallen and the whole fabric has been a bit shaken. I personally have a great sense of honour and gratitude just for knowing him, because I think all of us are helped if we are alive at the same time as a great figure like Somhairle Maclean. It's easier for us to trust in the utter reality of poetry, trust in it as a necessity because you feel it's verfied by somebody like him. He saved Gaelic poetry, you could say he did, so Sorely did, in this century and therefore in a sense, saved it for all time.

Aonghas Pàdraig Caimbeul: Rugadh Somhairle ann an Ratharsair ann an naoi ceud deug 's a h-aon deug. Chaidh e a dh' àrd sgoil Phort Rìgh ann am fichead 's a h-aon agus a dh'Oilthigh Dhùn Èideann ann am fichead 's a naoi.

Uilleam MacGillIosa: Cha chreid mi nach do dh' fhosgail iomadh doras ron sgoilear òg a bha a' dol dha na h-oilthighean aig an àm sin, tràth anns na deich thar fhicheadan, mar a chanas tu. Bha farsaingeachd ann an saoghal litreachais na Beurla gu mòr, agus bha gluasadan mòra a' dol ann an saoghal poilitigs na h-Eòrpa agus rudan mar sin. Agus bha thu na b' fhaisge air an sin, air cridhe a' ghnothaich nam biodh tu anns an oilthigh aig an àm sin. Bha faireachdainn ann gu faodadh daoine atharrachaidhean a dhèanamh air an t-saoghal agus dh' fharaicheadh tu mar sin gu robh e na do chomas a bhith a' gabhail pàirt anns na gluasadan mòra a bha sin agus tha mi làn chinnteach gun do dh' fhairich Somhairle na dearbh rudan a bha an sin.

Aonghas Pàdraig Caimbeul: Agus 's ann aig an ìre seo, anns na tricheadan, leis an Roinn Eòrpa air las le brùidealachd nam facists a rinn Somhairle MacGill-Eain an obair mhòr a thug dha cliù mar bhàrd eadar-nàiseanta.

Antonio Givero: Tha na chruthaich agus na chuir Somhairle MacGill-Eain an dàn mu chogadh na Spàinne uabhasach fhèin inntinneach. Tha e eadar-dhealaichte seach bàird eile air a' chuspair, mar eisimpleir na bàird a thàinig dhan Spàinn. Cha b' urrainn dha fhèin tighinn, bha a chosnadh a' cur bacadh air agus bha sin na adhbhar èiginn dha. Agus gluais sin e An Spàinn a ghabhail mar cheann-chuspair a-nochd ann an dusan de na dàin aige. Tha sinn a' faicinn èiginn-sa: Am fan mi? Am falbh mi? Ach cha b' urrainn dha falbh air sgàth adhbharan pearsanta agus lean a theagamh-sa, dh' fhaodadh e a bhith air tachairt ach cha do thachair e. Lean seo ris fad a bheatha.

Aonghas Pàdraig Caimbeul: Chaidh a lèon san dàrna cogadh agus an dèidh greis anns an ospadal, thill e a theagaisg nuair a chrìochnaich an cogadh sin. Bha e air a bhith a' teagaisg greis ann am Muile far an deach a shàrachadh leis mar a thachair dhan eilean àlainn sin air sgàth nam fuadaichean...

Bha e a' teagaisg cuideachd ann an Dùn Èideann agus mu dheireadh anns A' Phloc, far an robh e na Mhaighstir-sgoile. Chan e a-mhàin gu faiceadh e an t-Eilean Sgitheanach agus Ratharsaidh às an sin, ach cuideachd iomain air an robh e a' cheart cho dèidheil.

Tha beagan is fichead bliadhna bhon a thachair mi fhèin ri Somhairle an toiseach is mi nam oileanach ann an Dùn Èideann. Leugh e mo chuid bhàrdachd agus a-riamh bhon uair sin, chan eil càil nach thuirt e nach do chuidich mi. Bha an sàr bhàrd ro dheònach ginealachan eile a mhisneachadh.

Aonghas Dubh: Bha còig bliadhna fichead an-dèidh dhan an leabhar aige Dàin do Eimhir a thighinn a-mach an toiseach mus faca mise sealladh air a' bhàrdachd aig Somhairle. Bha i a-mach à clò bho chionn iomadh bliadhna, ach nuair a chunnaic mi a' chiad shealladh oirre is chan ann dhen leabhar ach air pìosan pàipeir rhoneo ann an colaiste ann an Glaschu, rinn i dùsgadh mhòr dhomh. Tha mi smaointinn gu robh daoine eile a' tighinn thuige aig an aon àm. Bha iomadh bliadhna ann a bha e dìreach na ainm dhuinn, ach bha grunn againn a thàinig a-mach caran mun an aon àm mar bhàird. Mi-fhèin, clann 'IcGumaraid, Mòrag is Catrìona, Maoilios Caimbeul – ceithir Sgitheanaich. Bha feadhainn eile ri bàrdachd cuideachd ach b' e sinne mar gum biodh a' chiad ghinealach a thàinig às ath-bheothachadh Shomhairle. Bha e mar a thuirt mi, sàmhach. Cha robh guth ri fhaicinn, ri chluinntinn mu dheidhinn a bhàrdachd ach gu robh an leithid ann. Ach nuair a chunnaic sinn i, 's thàinig an uair sin thàinig leabhraichean a-mach, thàinig Four Points of a Saltire is an uair sin thàinig cruinneachaidhean dhen bhàrdachd, rinn e ath-chraoladh orra agus chunnaic sinn anns an fharsaingeachd dè an seòrsa bàird mìorbhaileach a bh' ann.

Aonghas Dòmhnallach: Bha ùidh mhòr aig Somhairle ann an ceòl pìoba, ach gu h-àraidh ann an ceòl mòr. Leis gu robh eòlas cho farsaing is cho domhainn aig Somhairle air ceòl Gàidhealach, bha e a' tuigsinn cho cudromach is a bha ceòl mòr dha na Gàidheil agus dha ar dualchas. Bha bràthair Shomhairle na phìobaire agus bha seinneadairean gu leòr anns an teaghlach, agus ged a chanadh Somhairle fhèin nach seinneadh e òran, creid thusa gu robh na foinn aige.

Tha cuimhne agamsa a bhith ann an Èirinn còmhla ris uair agus mi a' cluich ceòl mòr agus gun fhiosda dhomh fhèin chaidh mi dheth agus gu port eile. Agus anns a' bhad, chunnaic mi gun do thuig Somhairle agus chan e idir gun do thuig e, ach bha fios aige dè am port a bha mi a' cluich cuideachd.

Aonghas Pàdraig Caimbeul: Nuair a bhàsaich a bhràthair Calum agus e cho òg, sgrìobh Somhairle cumha dha...

Tha sin mar sheòrsa de mhac-talla air Hallaig far an tug am bàrd Somhairle MacGill-Eain an guth air ais dha na ginealachan a dh'fhalbh. Agus aig deireadh an latha, is dòcha gur e sin obair is dìleab a' bhàird, a bhith na fhear-labhairt dha dhaoine fhèin – faireachdainnean a chur ann am briathran agus an uair sin sin a leigeil ma sgaoil air feadh an t-saoghail mhòir.

Air adhart gu

Ceanglaichean

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.