20mh linn / Somhairle MacGill-Eain

Beachdan

Taghadh à lèirmheasan a chaidh a sgrìobhadh mun bhàrdachd aig Somhairle MacGill-Eain, cuide ri beachdan air an clàradh air bhidio agus ann an earrainnean fuaim.

MacThòmais, R. (An Geamhradh 1977-78) Reothairt is Contraigh, taghadh de dhaìn 1932-72, le Somhairle MacGill-Eain.

Gairm, 101, td. 94

Reothairt is Contraigh

"Dhe na 71 dàin a th' anns an leabhar, sgrìobhadh 55 ro 1945, agus 16 bhon uair sin. Tha an cruinneachadh seo a' toirt beachd cothromach don leughadair air saothair a' bhàird, agus is math gu bheil e ri fhaotainn a-nis. Chì sinn gur h-e prìomh chuspairean na bàrdachd aige, na faireachdainnean aige fhèin (gu h-àraidh fo bhuaidh a' ghaoil), eachdraidh, agus poilitigs, agus uaireannan tha na cuspairean sin gu lèir air an snìomh ri chèile ann an dòigh a tha glè sgileil is làn ùidhe. Bha mòran de na dàin air an sgrìobhadh nuair a bha Cogadh na Spàinne a' dol, air neo ùr an cuimhne dhaoine, 's dh'fhàg sin làrach air a' bhàrdachd, mar a dh'fhàg beachdan Co-mhaoineach is Nàiseantach cuideachd. Tha na beachdan as daingne anns an taghadh seo, ach tha iad ann an sin fhathast, ged is ann air na Sòisealaich as motha bhios McGill-Eain a' leigeil a thaic an-diugh – no 's dòcha gur h-ann a tha feadhainn eile a' cur sin air a mhanadh. Poilitigs ann no às, tha mòran de dheagh bhàrdachd an seo, agus 's e sin an rud a sheasas.

Saoilidh mi gur e adhbhar duilgheadais a th' ann nach do dh'fhàg MacGill-Eain an ruith-dhàn "Dàin do Eimhir" slàn mar a bha e. Tha e air còig air fichead de na dàin a bh' anns a' chiad ruith-dhàn (1943) a thoirt dhuinn an seo, agus trì eile a bhuineadh dha ach a chaidh an clò an toiseach an Lines 34, agus tha e air ceithir air fhichead fhàgail às. Gun teagamh, bha mòran dhiubh sin goirid... agus bha feadhainn eile ann nach buineadh gu coileanta don ruith-dhàn...

Togaidh an taghadh seo, agus an t-òrdugh a th' air, mòran cheistean am measg eòlaichean, 's cha mhiste sinn sin. Agus tha Dàin do Eimhir ann fhathast, gu tilleadh thuca nuair a theirgeas an t-annas."

Caimbeul Hay, D. (An t-Earrach 1978) Do Shomhairle MacIlleathain.

Gairm, 102, td. 157

  • Do ShomhairleMacIlleathain
  • A Shomhairle MhicIlleathain thallud,
  • mo chomhairle dhut, 's is facal fìor,
  • crath do mhuing is bi 'sitrich.
  • Is tu am filidh 's cha bu mhì.

MacThòmais, R. (An Geamhradh 1990) O Choille gu Bearradh.

Gairm, 150, td186

O Choille gu Bearradh

"..dearbhadh dhuinn aon uair eile, gur h-e na dàin gaoil a rinneadh o chionn leth-cheud bliadhna as prìseile fhathast. Sin an fheadhainn a mhaireas, agus do na h-eòlaich co-dhiù mairidh iad anns a' chruth a bh'orra ann an 1943. Cha bu chòir seo a bhith na bhriseadh dùil no na adhbhar dragh don bhàrd. Cha do sgrìobh Burns facal nach robh sgrìobhte aige mus robh e ochd-deug air fhichead, 's tha deagh chuimhne air fhathast."

Meek, D. E. (2002) An Aghaigh na Sìorraidheachd?

Bàird na Ficheadamh Linn agus an Creideamh Crìosdail ann an Ò Baoill, C & McGuire, N.R. deas. Rannsachadh na Gàidhlig 2000. Oilthigh Obar dheathain, Roinn na Ceiltis

"Cho luath 's a thogas duine an cuspair seo – na bàird agus an creideamh Crìosdail anns an fhicheadamh linn – bidh an luchd-èisteachd, no cuid mhath dhiubh co-dhiù, buailteach a bhith a' smaoineachadh nach robh bàird na ficheadamh linn, agus gu h-àraidh na baìrd a bhios a' cleachdadh nua-bhàrdachd, a' dèanamh sìon ach a' càineadh na h-eaglaise, agus bidh iad buailteach cuideachd a bhith a' smaointeachadh gur e rud ùr a tha an sin, rud a tha coimheach agus air taobh a-muigh crìochan an dualchais...

Gun teagamh, tha MacGill-Eain a' togail casaid an aghaidh na h-eaglaise, ach 's e a tha ga bhioradh nach do thog an eagalis a guth an aghaidh aintighearnas is sàrachadh an t-sluaigh. 'S e an t-anam agus an spiorad an aon rud a b' fhiach don eaglais. Ach chan eil sin co-ionann ri bhith a' cur na sgine ann an cridhe a' chreideimh. 'S e tagradh an aghaidh anaceartas a tha anns an dàn seo (Ban-Ghàidheal). Gheibhear an aon seòrsa seallaidh 's tha aig MacGill-Eain ann an "diadhachd na saorsa), 's e sin liberation theology, mar a their sinn ris an-diugh. Thàinig an diadhachd sin gu aire dhaoine ann an Ameireaga a Deas agus ann an Afraga anns an dara leth den fhicheadamh linn, agus gu h-àraidh anns an dualchas Chaitligeach. Dh'fhaodamaid a' Bhan-Ghàidheal aig MacGill-Eain ath-chruthachadh mar bhean à Ecuador, no à Soweto...

Feumaidh sinn na linntean a dh'fhalbh a thoirt fa-near, ach tha e a cheart cho cudromach gum bi an sealladh a tha againn air an là an-diugh cothromach. Tha barrachd cothromachaidh anns an dealbh mhòr na bhios cuid ag aideachadh. Ma chuireas sinn gach dàn air leth leis fhèin, bidh sinn buailteach a bhith a' tighinn gu co-dhùnadh a rèir sealladh a' bhàird anns an dearbh mhionaid anns an do rinn e /i an dàn sin. Ma dhìochuimhnicheas sinn na beachdan a bhios an clò aig na bàird ann an rosg a bharrachd air dàn, bidh an dealbh a' sìor fhàs nas cumhainge. Mar eisimpleir, tha sinn uile glè eòlach air "Ban-Gàidheal" MhicGill-Eain, ach a bheil sinn cho eòlach air a' mholadh a bha aige air na searmonaichean cumhachdadh a chuala e na òige ann an Ratharsair, no air an dòigh anns an do dh'atharraich a bheachdan rè nam bliadhnachan air a' bhuaidh a bha aig creud chumhang nan Saor Chlèireach air dualchas na Gàidhlig anns an eilean sin agus air feadh na Gàidhealtachd?"

Teacsa

Iain Urachadan a' coinneachadh ris a' bhàrd air Brag

Somhairle MacGill-Eain: ...tha Beinn Lì shuas an siud. 'S e Beinn Lì as ainmeile a gheibhear ann an eachdraidh. Agus siud Scouser, tha mòran dhaoine ann an Scouser.

Iain Urachadan: Tha na daoine an sin is mòran dhaoine eile tro na bliadhnaichean, agus òigridh na Gàidhealtachd air a bhith uabhasach fhèin fortanach am beairteas de bhàrdachd a bh'againn agus chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil duine sam bith cho fortanach is a tha mi fhèin an-diugh a bhith a cuide ri Somhairle MacGillEain, prìomh bhàrd na Gàidhlig.

SM: Ist, ist, ist!

IU: Tha i a-nise a' fàs caran fuar a-muigh. An gluais sinn a-steach dhan an dachaigh an-dràsta agus nì sinn beagan còmhraidh.

A Mhaighstir MhicGhill-Eain, tha an leabhar ùr agaibh p'fhèin, O Choille Gu Bearradh anns na bùithtean an-dràsta, ciamar a tha sibh a' faireachdain mu dheidhinn?

SM: Uill tha mi a' faireachdain glè mhath, ach gun do dh'fhàg mi rudan ro fhada. Bha còir aig an leabhar a bhith a-mach o chionn greis mhòr. Ach b' e mo coire fhèin a bha sin, cha b' e coire luchd-foillsichidh. Rinn iadsan anabarrach.

IU: Is tha mu fhichead dàn a bharrachd ann an seo na bh' anns...

SM: an fhear mu dheireadh. Uill tha mi cinnteach gu bheil, ach mòran dheth, 's e seann dàin air a bheil an t-ainm An Cuilthionn, mòran a bharrachd dheth is bha an clò a-riamh. Ach chùm rud na dhà mi. Chaill mi mu dà fhichead no leth-cheud dàn. Cha d'fhuair mi riamh iad.

IU: Is a bheil sibh p'fhèin a' faireachdainn gu bheil O Choille gu Bearradh ag innse cò a th' ann an Somhairle MacGill-Eain?

SM: Uill, air dòigh, tha. Ach nan biodh an dà fhichead no leth chiad a tha air chall ann, bhiodh e ag innse, dh'fhaodadh gum biodh e ag innse cus!

IU: Tha cunntas anns an leabhar seo a-nise a' dol air ais barrachd air leth chiad bliadhna. Nam faigheadh sibh p'fhèin an cothrom an-dràsta stiùireadh a thoirt do dhaoine òga sam bith a bha airson bàrdachd a sgrìobhadh, dè bhiodh an sin?

SM – Uill bha mi dà bhliadhna ann an Dùn Èideann a' feuchainn ri sin a dhèanamh, ann am Beurla agus ann an Gàidhlig agus eadhon feadhainn aig an robh Frangais. Agus 's e rud anabarrach doirbh a th' ann.

Tha mi a' smaoineachadh anns a' chiad àite gu robh còir aig duine an cànan a bhith aige, anabarrach math. Agus cuideachd, cha robh còir aige rudan a chur an clò sa mhionaid a bha iad sgrìobhte. Bha còir aige am fàgail greis agus am faicinn ach uaireannan chan eil sin ceart. Uaireannan 's e a chiad rud mar a thig e as fheàrr. Ach uaireannan eile, bheil fios agad, gabhaidh duine sgreamh air rudan a rinn e aig an àm. Agus tha mise caran buailteach sgreamh a ghabhail air na rudan a rinn mi fhèin.

Tha e feumail gum biodh fios aig daoine air dè chaidh romhpa, oir tha mise a' smaoineachadh gu bheil bàrdachd mhìorbhaileach ann an Gàidhlig, gu h-àraidh ann am mòran dhe na h-òrain. Agus cuideachd, mar as motha a dh'òlas duine de na rudan sin, 's ann as comasaiche a bhios e air Gàidhlig cheart bhlasta, cheart an gràmar agus blasta a chur an cèill.

IU: A bheil sinn a' dol a dh'fhaicinn barrachd dhen an sgrìobhadh aig Somhairle MacGill-Eain anns na bùithtean anns na bliadhnaichean a tha romhainn?

SM: Uill chan eil fhios 'am. Dh'fhaodadh gum bi, dh'fhaodadh nach bi. Tha mi a' fàs sean.

Tha mi dol a leughadh dàn nach eil mi a' leughadh tric, Dol an Iar. Nis, feumaidh mi a ràdh, mus do dh'fhalbh mise gu cogadh, rinn mi amadan dhìom fhèin le boireannach. Chan e rud air a bheil nàire sam bith agam. Chan eil idir, idir, idir. Ach dh'fhaodadh duine amadan a dhèanamh dhe fhèin, chan ann le bhith suarach ach le rudan eile, mearachdan...

Air adhart gu

Ceanglaichean

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.