20mh linn / Somhairle MacGill-Eain

Bàrdachd - Camhanaich

Is e seo fear de na dàin ainmeil às an leabhar aig Somhairle MacGill-eain, Dàin do Eimhir. Ged a tha cruth traidiseanta air an dàn air a' chiad sealladh, chan e òran gaoil cumanta a tha ann, mar a tha an deireadh aige a' sealltainn. 'S e seòrsa ùr sgrìobhaidh a bha anns a' bhàrdachd ann an Dain do Eimhir a thug buaidh mhòr air litreachas Gàidhlig às a dhèidh.


Anns a' chiad phàirt den dàn, tha Somhairle MacGill-eain a' toirt dealbh dhuinn air a ghaol dha leannan mar rud brèagha, toilichte, dòchasach, a' cleachdadh ìomhaighean a' buntainn ri: camhanaich; solas; agus rudan prìseil. Aig an deireadh, ge-tà, tha ìomhaigh a tha dorcha, cunnartach a' tighinn a-steach, a' sealltainn gu bheil rudan ann a tha dol a mhilleadh an toileachais agus an dòchais a bha e a' cur an cèill chun a sin.


Lean na comharran airson a' bhàrdachd a mhìneachadh. Nuair a nì thu sin, theirig air ais agus leugh a' bhàrdachd air fad a-rithist.


Camhanaich

  • Bu tu camhanaich air a' Chuilitheann
  • 's latha suilbhir air a' Chlàraich,
  • grian air a h-uilinn anns an òr-shruth
  • agus ròs geal bristeadh fàire.
  • Lainnir sheòl air linne ghrianaich,
  • gorm a' chuain is iarmailt àr-bhuidh,
  • an òg-mhadainn 'na do chuailean
  • 's 'na do ghruaidhean soilleir àlainn.
  • Mo leug camhanaich is oidhche
  • t' aodann is do choibhneas gràdhach,
  • ged tha bior glas an dòlais
  • tro chliabh m' òg-mhaidne sàthte.

Camhanaich

Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Am bàrd ag aithis Camhanaich

Somhairle MacGill-Eain ag aithris an dàn, Camhanaich.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Somhairle MacGill-Eain

Air adhart gu

Beachdan

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.