20mh linn / Somhairle MacGill-Eain

Am Bàrd

Somhairle MacGill-Eain

Chaidh Somhairle a thogail ann an dachaigh far an d'fhuair e oideachadh ann an eachdraidh agus dualchas na Gàidhlig agus na Gàidhealtachd. Ghabh e fhèin ri Sòisealachd nuair a bha e mu 12 bliadhna.


Chuir e eòlas air bàrdachd anns a' bhun-sgoil agus bha e fhèin a' sgrìobhadh ann an Gàidhlig agus ann am Beurla mus deach e dhan Oilthigh.


Cheumnaich e le Urram ann an Cànan is Litreachas na Beurla ann an 1933 agus an dèidh ceum teagaisg, thill e air ais dhan Eilean Sgitheanach a theagaisg Beurla ann an Àrd-sgoil Phort-rìgh. Bha e cuideachd a' teagaisg ann am Muile, Àrd-sgoil Bhoroughmuir an Dùn Èideann agus Hawick ron Dàrna Cogadh.


Tron chogadh, bha e eadar Sasainn 's An Èipheit gus an deach a leòn aig Blàr El Alamein ann an 1942. Chaidh a thilleadh dhachaigh san Lùnastal 1943.


An dèidh a' chogaidh, chaidh e air ais gu Àrd-sgoil Bhoroughmuir a theagaisg agus choinnich e ri Rìnidh Chamshron. Phòs iad ann an Inbhir Nis san Iuchar 1946 agus bha triùir nighean aca. Ghluais iad dhan Phloc ann an 1956 nuair a fhuair Somhairle dreuchd Ceannard Àrd-sgoil A' Phluic. Leig e dheth a dhreuchd ann an 1972 agus ghluais iad chun Bhràighe san Eilean Sgitheanach.


Chùm Somhairle air a' sgrìobhadh bho bha e glè òg ged a b' ann eadar 1970 agus 1980 a thòisich a' mhòr-shluagh a' cur eòlas air a bhàrdachd. Nochd na dàin aige ann an iomadh iris is chaidh grunn leabhraichean den bhàrdachd aige fhoillseachadh, nam measg 17 poems for 6d cuide ri Robert Garrioch (1940), Dàin do Èimhir (1943), Reothairt is Conntraigh (1977) agus O Choille gu Bearradh (1989).


Choisinn e cliù dha fhèin gu h-eadar-nàiseanta agus chaidh iomadh duais a thoirt dha. Nam measg Bonn Òir na Bànrigh airson Bàrdachd ann an 1990 agus Duais Mhic a' Bhaidh-thaigh airson Litreachas. Chaidh iomadh ceum urramach a thoirt dha cuideachd, nam measg fear bho Oilthigh Nàiseanta na h-Èireann ann an 1979 agus ceum bho Oilthigh Ghlaschu ann an 1996.


Chaochail Somhairle MacGill-Eain air an 24mh den t-Samhain 1996.


Latha-breith:

26 Dàmhair 1911

Àite:

Osgaig, Eilean Ratharsair

Foghlam:

Bun-sgoil Ratharsair

Àrd-sgoil Phort-rìgh

Oilthigh Dhùn Èideann

Colaiste Moray House, Dùn Èideann

Teacsa

An robh beachd aig Somhairle gum biodh e cho aithnichte na sheann aois?

Somhairle MacGill-Eain: Cha robh. Faodaidh mi ràdh le m'uile chuimhseas nach robh. Sin rud de bheil mi cinnteach.

Màrtainn Dòmhnallach: Ach 's e rudeigin a bh' anns a' bhardachd a bha gar sìor tharraing fad an t-siubhail.

Somhairle MacGill-Eain: Cha robh fad an t-siubhail, ach aig amannan - thigeadh is dh'fhalbhadh e gu làidir.

Màrtainn Dòmhnallach: Ach chan urrainn nach eil sibh caran uasal às sibh p'fhèin is às an teaghlach gam boin sibh agus às an dualchas gam boin sibh, gu bheil sibh an-diugh air ur cunntadh mar fear de bhàird mhòr na Roinn Eòrpa, an t-saoghail canaidh cuid.

Somhairle MacGill-Eain: Uill, tha e a' toirt cofhurtachd dhomh nuair a chluinneas mi dè tha feadhainn eile ag ràdh nam aghaidh.

Air adhart gu

Cuspairean

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.