20mh linn / Somhairle MacGill-Eain

Am Bàrd

Somhairle MacGill-Eain

Chaidh Somhairle a thogail ann an dachaigh far an d'fhuair e oideachadh ann an eachdraidh agus dualchas na Gàidhlig agus na Gàidhealtachd. Ghabh e fhèin ri Sòisealachd nuair a bha e mu 12 bliadhna.


Chuir e eòlas air bàrdachd anns a' bhun-sgoil agus bha e fhèin a' sgrìobhadh ann an Gàidhlig agus ann am Beurla mus deach e dhan Oilthigh.


Cheumnaich e le Urram ann an Cànan is Litreachas na Beurla ann an 1933 agus an dèidh ceum teagaisg, thill e air ais dhan Eilean Sgitheanach a theagaisg Beurla ann an Àrd-sgoil Phort-rìgh. Bha e cuideachd a' teagaisg ann am Muile, Àrd-sgoil Bhoroughmuir an Dùn Èideann agus Hawick ron Dàrna Cogadh.


Tron chogadh, bha e eadar Sasainn 's An Èipheit gus an deach a leòn aig Blàr El Alamein ann an 1942. Chaidh a thilleadh dhachaigh san Lùnastal 1943.


An dèidh a' chogaidh, chaidh e air ais gu Àrd-sgoil Bhoroughmuir a theagaisg agus choinnich e ri Rìnidh Chamshron. Phòs iad ann an Inbhir Nis san Iuchar 1946 agus bha triùir nighean aca. Ghluais iad dhan Phloc ann an 1956 nuair a fhuair Somhairle dreuchd Ceannard Àrd-sgoil A' Phluic. Leig e dheth a dhreuchd ann an 1972 agus ghluais iad chun Bhràighe san Eilean Sgitheanach.


Chùm Somhairle air a' sgrìobhadh bho bha e glè òg ged a b' ann eadar 1970 agus 1980 a thòisich a' mhòr-shluagh a' cur eòlas air a bhàrdachd. Nochd na dàin aige ann an iomadh iris is chaidh grunn leabhraichean den bhàrdachd aige fhoillseachadh, nam measg 17 poems for 6d cuide ri Robert Garrioch (1940), Dàin do Èimhir (1943), Reothairt is Conntraigh (1977) agus O Choille gu Bearradh (1989).


Choisinn e cliù dha fhèin gu h-eadar-nàiseanta agus chaidh iomadh duais a thoirt dha. Nam measg Bonn Òir na Bànrigh airson Bàrdachd ann an 1990 agus Duais Mhic a' Bhaidh-thaigh airson Litreachas. Chaidh iomadh ceum urramach a thoirt dha cuideachd, nam measg fear bho Oilthigh Nàiseanta na h-Èireann ann an 1979 agus ceum bho Oilthigh Ghlaschu ann an 1996.


Chaochail Somhairle MacGill-Eain air an 24mh den t-Samhain 1996.


Latha-breith:

26 Dàmhair 1911

Àite:

Osgaig, Eilean Ratharsair

Foghlam:

Bun-sgoil Ratharsair

Àrd-sgoil Phort-rìgh

Oilthigh Dhùn Èideann

Colaiste Moray House, Dùn Èideann

Teacsa

Chaidh saorsa an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse a thoirt dhan bhàrd an 1984

Iain Fearchar Rothach: Mar chomhairle, bha sinn uabhasach toilichte sin a dhèanamh – chan ann a h-uile latha a gheibh sinn an cothrom duine a tha cho ainmeil ri Somhairle a bhith a' fuireach anns an sgìre againn. Chan e gu bheil e a' fuireach san sgìre againn, ach gum buin e dhan an sgìre againn. Mar as trice, ma tha duine ainmeil sam bith às an sgire, tha'd a' tarraing an casan air falbh às an àite ach mar a tha fhios aig a h-uile duine, buinidh Somhairle dhan àite agus tha a chridhe anns an àite, agus bha e uabhasach freagarrach gun tug muinntir an àite an saoranachd a tha seo dha. Chan eil mi fhèin dhen bheachd gu bheil duine san Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse nas freagarraiche na Somhairle airson seo a thoirt dha.

Iain Moireach: A Shomhairle, dè a tha an t-urram a tha seo a' ciallachadh dhut fhèin gu pearsanta?

Somhairle MacGill-Eain: Tha e a' ciallachadh mòran, fìor mhòran. Tha fhios agad gu bheil mise na mo Sgitheanach agus na mo Ratharsarach agus gu robh cuid de mo dhaoine, gun tàinig iad à Loch Aillse bho chionn dà cheud gu leth bliadhna. Bha fhios aca gur ann à Loch Aillse a thàinig iad agus cò an càirdean ann an Loch Aillse. Bha mi sia bliadhna deug ann an Sgoil a' Phluic ann an Loch Aillse agus bha ise a' faighinn oileanaich, chan ann a-mhàin à Loch Aillse, ach à Cinn Tàile 's às Gleann Eilige agus mu dheireadh bha sinn a' faighinn feadhainn à Loch Carron agus mar sin tha an t-urram nas farsainge na bhith anns an Eilean Sgitheanach agus à Loch Aillse leotha fhèin oir tha Loch Aillse a' ciallachadh anns an t-seagh seo Cinn Tàile agus Gleann Eilige agus dh'fhaodadh nach eil fhios agaibh, tha mòran Sgiathanach an Gleann Eilige no sliochd Sgiathanaich a chaidh ann as dèidh a' chiad chogaidh agus tha mi a' smaoineachadh mar sin gur e an t-urram a b' fheàrr a b'urrainn dhomh fhaighinn oir thàinig e 'o mo dhùthaich fhèin agus 'o farsaingeachd mo dhùthaich fhèin.

Iain Moireach: Tha e follaiseach gu bheil, chan e a-mhàin, ceanglaichean agad gu math teann a' dol air ais ceudan bhliadhnaichean ris an àite 's an dùthaich a tha mun cuairt ach gu bheil na ceanglaichean sin glè bheò nad inntinn fhèin a Shomhairle a h-uile latha. Dè chanadh tu a shaoileadh do sheanair nam biodh e gad fhaicinn an-diugh a' faighinn an urraim a fhuair thu?

Somhairle MacGill-Eain: Chan eil fhios 'am dè chanadh e idir mu dheidhinn ach bhiodh e air a dhòigh ceart gu leòr. Bhiodh e, mo sheanair air taobh Chlann 'IcNeacail, bha esan na Sgitheanach gu chùl. Mo sheanair air taobh Chlann Ill-Eathain, chan fhaca mi a-riamh e oir chaochail e nuair nach robh m'athar ach mu dheich bliadhna. Bhiodh mo sheanmhair, mathar m'athar, anabarrach toilichte gun tàinig pàirt dheth à Loch Aillse oir thàinig a cuideachd à Loch Aillse bho chionn dà cheud is leth cheud bliadhna – b' e clann IcMhathain a bh' annta. Agus bha barail mhòr aice air muinntir Loch Aillse 's gu h-àraidh Clann IcMhathain 's bha fios aice cò bha càirdeach dhith. Tha mi smaoineachadh nam biodh mo sheanair, Somhairle Mòr, gum biodh barrachd uaill aige nam b' e duine mòr, làidir a bh' annam mar a bh' ann e fhèin.

Iain Moireach: Uill tha neart is neart ann agus tha e follaiseach gu bheilear air urram a chur air an neart àraid a th' agad fhèin agus tha sinn còmhla ri càch a' cur meal-an-naidheachd ort an-diugh.

Somhairle MacGill-Eain: Tapadh leibhse gu dearbha agus thoir mo bheannachdan dha mòran de mo chàirdean ann an Leòdhas oir tha mòran an Leòdhas air a bheil mi glè dhèidheil agus bidh.

Iain Moireach: Cha b' e saorsa na sgìre an t-aon urram a chaidh a chur air Somhairle MacGill-Eain an latha a bha sin, rinn Iain MacPhàidean port pìoba gu h-àraidh dha agus chaidh sin a chluich le Raghnall Monk anns an talla ann am Port Rìgh.

Air adhart gu

Cuspairean

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.