20mh linn / Somhairle MacGill-Eain

Am Bàrd

Somhairle MacGill-Eain

Chaidh Somhairle a thogail ann an dachaigh far an d'fhuair e oideachadh ann an eachdraidh agus dualchas na Gàidhlig agus na Gàidhealtachd. Ghabh e fhèin ri Sòisealachd nuair a bha e mu 12 bliadhna.


Chuir e eòlas air bàrdachd anns a' bhun-sgoil agus bha e fhèin a' sgrìobhadh ann an Gàidhlig agus ann am Beurla mus deach e dhan Oilthigh.


Cheumnaich e le Urram ann an Cànan is Litreachas na Beurla ann an 1933 agus an dèidh ceum teagaisg, thill e air ais dhan Eilean Sgitheanach a theagaisg Beurla ann an Àrd-sgoil Phort-rìgh. Bha e cuideachd a' teagaisg ann am Muile, Àrd-sgoil Bhoroughmuir an Dùn Èideann agus Hawick ron Dàrna Cogadh.


Tron chogadh, bha e eadar Sasainn 's An Èipheit gus an deach a leòn aig Blàr El Alamein ann an 1942. Chaidh a thilleadh dhachaigh san Lùnastal 1943.


An dèidh a' chogaidh, chaidh e air ais gu Àrd-sgoil Bhoroughmuir a theagaisg agus choinnich e ri Rìnidh Chamshron. Phòs iad ann an Inbhir Nis san Iuchar 1946 agus bha triùir nighean aca. Ghluais iad dhan Phloc ann an 1956 nuair a fhuair Somhairle dreuchd Ceannard Àrd-sgoil A' Phluic. Leig e dheth a dhreuchd ann an 1972 agus ghluais iad chun Bhràighe san Eilean Sgitheanach.


Chùm Somhairle air a' sgrìobhadh bho bha e glè òg ged a b' ann eadar 1970 agus 1980 a thòisich a' mhòr-shluagh a' cur eòlas air a bhàrdachd. Nochd na dàin aige ann an iomadh iris is chaidh grunn leabhraichean den bhàrdachd aige fhoillseachadh, nam measg 17 poems for 6d cuide ri Robert Garrioch (1940), Dàin do Èimhir (1943), Reothairt is Conntraigh (1977) agus O Choille gu Bearradh (1989).


Choisinn e cliù dha fhèin gu h-eadar-nàiseanta agus chaidh iomadh duais a thoirt dha. Nam measg Bonn Òir na Bànrigh airson Bàrdachd ann an 1990 agus Duais Mhic a' Bhaidh-thaigh airson Litreachas. Chaidh iomadh ceum urramach a thoirt dha cuideachd, nam measg fear bho Oilthigh Nàiseanta na h-Èireann ann an 1979 agus ceum bho Oilthigh Ghlaschu ann an 1996.


Chaochail Somhairle MacGill-Eain air an 24mh den t-Samhain 1996.


Latha-breith:

26 Dàmhair 1911

Àite:

Osgaig, Eilean Ratharsair

Foghlam:

Bun-sgoil Ratharsair

Àrd-sgoil Phort-rìgh

Oilthigh Dhùn Èideann

Colaiste Moray House, Dùn Èideann

Teacsa

Am bàrd ag innse cho ceòlmhor sa bha e

Tha mi a' smaoineachadh gu bheil cluas agam airson, mar gun canadh duine, rithim ach chan eil cluas mhath sam bith agam airson rud ris an canar pitch. Chan eil fhios agamsa am faod an dà rud a bhith às aonais a chèile, ach tha'd ag ràdh nach seinneadh Burns, cha sheinneadh Teàrlach a' Phosta, cha sheinneadh Yates, cha sheinneadh Tennyson, tha e coltach gu seinneadh Uilleam Ros anabarrach math agus tha e glè dhoirbh a ràdh, ach o chionn nach eil sin agam, an dà chuid, chan eil mi cinnteach asam fhein. Ach tha mi smaoineachadh gu bheil cluas agam airson rithim gu h-àraidh agus airson fuaim nam faclan. Agus tha mi smaoineachadh gur e rud mìorbhaileach a th' ann an òran Ghàidhlig. Mar a tha fuaim a' chiùil agus fuaim nam faclan a' dol an cuideachd cho tric. Smaoinich sibh air an òran mu dheireadh aig Uilleam Ros - Somhairle ag aithris bàrdachd Uilleam Rois.

Nise, tha rud nam inntinn-sa mar gum biodh an rud ag èirigh, an fhuaim fhèin ag èirigh agus gu faodadh duine cha mhòr "sound poem" a dhèanamh dhen rud de na faclan idir.

Cuideachd tha daoine mar Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair - Somhairle ag aithris bàrdachd Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair. Tha mise a' smaoineachadh ge bith dè bhuaidh a th' aig cead-fàthan air an cur an cèill am bàrdachd,'s e a' bhuaidh a th' aige air a chluais a' bhuaidh as cumhachdaiche dhòmhsa co-dhiù.

Air adhart gu

Cuspairean

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.