18mh linn / Sìleas na Ceapaich

Bàrdachd - Alasdair à Gleanna Garadh

'S e bàrdachd 'phoblach' – no 'oifigeil' - a tha an seo anns an t-seagh gu bheil Sìleas na Ceapaich gu follaiseach a' bruidhinn os leth a' chinnidh nuair a tha i a' caoidh bàs a' chinn-feadhna. Tha i cuideachd, ge-tà, a' cur an cèill a faireachdainn phearsanta fhèin, a' dèanamh ceangal, mar eisimpleir, eadar suidheachadh banntrach a' chinn-feadhna agus a bròn fhèin às dèidh bàs an duine agus na h-ìghne aice. Tha an dà thaobh sin air an toirt ri chèile anns an tuil de dh'ìomhaighean-molaidh a tha i a' cleachdadh am meadhan an dàin. Ged a tha na h-ìomhaighean seo cumanta san t-seòrsa bàrdachd seo, tha Sìleas a' toirt a' chleachdaidh gu ìre ùr leis na tha aice cruinn còmhla de dh'ìomhaighean an seo agus mar a tha iad a' fighe a-steach na chèile.


Lean na comharran airson a' bhàrdachd a mhìneachadh. Nuair a nì thu sin, theirig air ais agus leugh a' bhàrdachd air fad a-rithist.


Alasdair à Gleanna Garadh

  • Alasdair à Gleanna Garadh,
  • Thug thu 'n-diugh gal air mo shùilibh;
  • 'S beag iongnadh mi bhith fo chreuchdaibh,
  • 'S gur tric gan reubadh às ùr iad;
  • 'S beag iongnadh mi bhith trom-osnach,
  • 'S meud an dosgaidh th' air mo chàirdibh;
  • Gur tric an t-eug uainn a' gearradh
  • Rogha nan darag as àirde.
  • Chaill sinn ionann agus còmhla
  • Sir Dòmhnall 's a mhac 's a bhràthair;
  • Ciod e 'n stàth dhuinn bhith gan gearan?
  • Thuit Mac Mhic Ailein sa bhlàr uainn;
  • Chaill sinn darag làidir liath-ghlas
  • A chumadh dìon air ar càirdean,
  • Capall-coille bhàrr na giùthsaich,
  • Seobhag sùil-ghorm lùthmhor làidir.
  • Bu tu ceann air cèill 's air comhairl'
  • Anns gach gnothach am biodh cùram,
  • Aghaidh shoilleir sholta thlachdmhor,
  • Cridhe fial farsaing mun chùinneadh;
  • Bu tu roghainn nan sàr-ghaisgeach,
  • Ar guala thaice, 's tu b' fhiùghail;
  • Leòmhann smiorail fearail feumail,
  • Ceann feachda chaill Seumas Stiùbhart.
  • Nam b' ionann duitse 's do Dhòmhnall
  • An uair a chuir e 'n long air muir,
  • Cha tigeadh tu dhachaigh gu bràth
  • Gun fhios dè 'm fàth às 'n do chuir;
  • Nuair a chunnacas air an tràigh sibh
  • A bhith gur fàgail air faondradh,
  • Thuit ar cridheachan fo mhulad:
  • 'S lèir a bhuil – cha robh sibh saogh'lach.
  • Bu tu 'n lasair dhearg gan losgadh,
  • Bu tu sgoltadh iad gu 'n sàiltibh,
  • Bu tu curaidh cur a' chatha,
  • Bu tu 'n laoch gun athadh làimhe;
  • Bu tu 'm bradan anns an fhìor-uisg',
  • Fìreun air an eunlaith 's àirde,
  • Bu tu 'n leòmhann thar gach beathach,
  • Bu tu damh leathann na cràice.
  • Bu tu 'n loch nach fhaodt' a thaomadh,
  • Bu tu tobar faoilidh na slàinte,
  • Bu tu Beinn Nibheis thar gach aonach,
  • Bu tu chreag nach fhaodt' a theàrnadh;
  • Bu tu clach uachdair a' chaisteil,
  • Bu tu leac leathann na sràide,
  • Bu tu leug lòghmhor nam buadhan,
  • Bu tu clach uasal an fhàinne.
  • Bu tu 'n t-iubhar thar gach coillidh,
  • Bu tu 'n darach daingeann làidir,
  • Bu tu 'n cuileann 's bu tu 'n draigheann,
  • Bu tu 'n t-abhall molach, blàthmhor;
  • Cha robh do dhàimh ris a' chritheann
  • No do dhligheadh ris an fheàrna;
  • Cha robh bheag annad den leamhan;
  • Bu tu leannan nam bàn àlainn.
  • Bu tu cèile na mnà prìseil,
  • 'S oil leam fhèin da dìth an-dràst' thu;
  • Ged nach ionann dòmhsa 's dhìse,
  • 'S goirt a fhuair mise mo chàradh;
  • H-uile bean a bhios gun chèile,
  • Guidheadh i Mac Dè na àite,
  • O 's E urra bhith ga còmhnadh
  • Anns gach bròn a chuireas càs oirr'.
  • Guidheam t' anam a bhith sàbhailt'
  • On a chàireadh anns an ùir thu;
  • Guidheam sonas air na dh'fhàg thu
  • Ann ad àros 's ann ad dhùthaich;
  • Gum faic mi do mhac ad àite
  • Ann an saidhbhreas 's ann an cùram:
  • Alasdair à Gleanna Garadh,
  • Thug thu 'n-diugh gal air mo shùilibh.

Alasdair à Gleanna Garadh

Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd


Teacsa

An teachdaireachd a tha a' ruith tron dàn

'S e an teachdaireachd a tha a' ruith tron dàn gun urrainn na peacaidhean seo a sheachnadh le bhith ag ùrnaigh agus a' sireadh cuideachadh bho Dhia agus a bhith mothachail air na h-àithntean agus air na riaghailtean a tha a' chreideamh a' toirt dhut.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Sìleas na Ceapaich

Air adhart gu

Beachdan

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.