18mh linn / Sìleas Na Ceapaich

Am Bàrd

Rugadh Sìleas Nighean Mhic Raghnaill, no Sìleas na Ceapaich, mu 1660, aig Both Fhionndain, faisg air a' Cheapaich ann an siorrachd Inbhir Nis.


B' i nighean Ghilleasbaig Mac Mhic Raghnaill, 15mh ceann-cinnidh clann Dòmhnaill na Ceapaich, a bha e-fhèin na bhàrd. B' i a màthair Màiri Nic Mhàrtainn, nighean Dhonnchaidh Mhàrtainn, à Loch Abar.


Phòs i Alasdair Gòrdanach, fear aig an robh tuathanas mu mhìle tuath air far a bheil Tom an t-Sabhail an-diugh. Aig an àm ud, bha sgìre Loch Abair fo smachd an Diùc Gòrdain.


An ceann tìde, chaidh iad a dh'fhuireach gu Baile Dòrnaidh faisg air Hunndaidh. Chan eil fhios le cinnt co mheud duine-cloinne a bh' aice, ach saoilear bhon bhàrdachd aice gun robh còignear mhac agus triùir no ceathrar nighean ann.


Ma chaidh na h-òrain aig Sìleas a sgrìobhadh sìos, cha do mhair gin dhiubh chun an latha an-diugh, agus b' ann bho bheul-aithris a chaidh an cur air pàipear. Chan urrainnear a ràdh le cinnt gun deach gin de na pìosan a dhèanamh ro 1700, agus 's dòcha gu bheil seo a' sealltainn nach do thòisich Sìleas a' dèanamh bàrdachd gus an robh i 40 bliadhna a dh'aois.


Tha e follaiseach bhon bhàrdachd aice gun robh Sìleas gu mòr air taobh nan Seumasach, agus gur ann tro shùilean a cinnidh fhèin, na Dòmhnallaich, a bha i a' faicinn na bha a' tachairt.


Am measg nan cuspairean a bu trice a bha a' nochdadh na cuid bàrdachd bha: a teaghlach fhèin, gnothaichean poilitigeach, laoidhean, comhairle do nigheanan, agus ceòl.


Thathar ag ràdh gun deach Sìleas iompachadh gu beatha dhiadhaidh às dèidh dhith fulang le droch thinneas. Ged a chùm i ri dòighean-adhraidh Caitligeach a teaghlaich fhèin fad a beatha, tha e coltach gun tàinig atharrachadh air a sealladh air creideamh.


Chan eil àm no adhbhar a bàis soilleir, ach thathar a' tomhais gun do chaochail i mu 1729.


Latha-breith:

Mu 1660

Àite:

Both Fhionndain ann an siorrachd Inbhir Nis

Teacsa

Anna Frater ag innse mu bheatha Sìlis

Chan eil na tha sin a dh'fhiosrachadh againn le cinnt mu dheidhinn beatha Shìleas na Ceapaich. Thathas dhan a bheachd gun do rugadh i timcheall air 1660 agus tha fios againn gu robh i pòsta aig fear, Alasdair Gordain à Canadail.

A rèir na clàran, tha ceathrar dha clann a' nochdadh: Seumas, Seòras, Alasdair agus Catrìona. Ach, a rèir na h-amhrain aice, bha Gilleasbaig agus Anna agus Màiri ann a bharrachd air a' sin, agus leis an sin, chan eil fiù 's fios againn dè cho mòr sa bha a teaghlach.

A-rithist, chan eil cinnt cuin a bhàsaich i, 's dòcha timcheall air 1730. Tha fios againn gu robh i fhathast beò nuair a bhàsaich Alasdair à Gleanna Garadh, ach, agus chan eil fios againn càite bheil i air a tìodhlacadh.

Agus leis an sin, mur a biodh na h-amhrain aice, 's dòcha nach biodh fios aig eachdraidh gu robh a leithid a thè ri Sìleas na Ceapaich air a bhith ann.

Air adhart gu

Cuspairean

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.