20mh linn / Ruairidh MacThòmais

Beachdan

Taghadh à lèirmheasan a chaidh a sgrìobhadh mun bhàrdachd aig Ruaraidh MacThòmais, cuide ri beachdan air an clàradh air bhidio agus ann an earrainnean fuaim.

MacAonghais, I. (An Geamhradh 1977) Saorsa agus an Iolaire.

Gairm, 105, td.89

Saorsa agus an Iolaire

"San dàn An Iolaire tha am bàrd a' gabhail seallach sùil Iolaire... O na h-àrdaidhean sin tha e a' beachdachadh air eachdraidh na dùthcha, air brìgh a suaicheantais, air susbaint ar linn. Saoilidh tu uaireannan, is dòcha, a thoradh 's gur ann air astar a tha an t-sùil a' faicinn, gu bheil dreach monadhail fuar air cuid den bhàrdachd seo. Bhiodh e iomchaidh a rèir na cosalachd gu robh. Ach "tha aon shùil coibhneil 's an tèile feargach." Mar sin, chan e fighe gun fhaidheam a tha fa do chomhair.

Tha caochladh dhual, ma-thà, sa chruinneachadh dhàn seo aig MacThòmais, a bhiosar gu tric a' sgrùdadh an Alba an latha an-diugh: saorsa, foghlam, an ola, deoch, creideamh... Gheibhear snàithleinean dhiubh sin an dàrna cuid ann an dàin fa leth air neo a' ruith tron iomlan. Tha samhlachas cuideachd pailt: na samhlaidhean, is an dàimh iomadh fhillte a tha eatorra, a' sìor thighinn am bàrr san inntinn mar as motha leughas duine. Agus tha dàin 'phearsanta' san leabhar. Cuid dhiubh sin – leithid Òran Brathann, 37 – a' nochdadh is a' cleith aig an aon àm is bheir mac-meanmhain an leughadair a bhrìgh fhèin asta...

Tha saidhbhreas san t-saoghal a tha MacThòmais – is an iolaire – a' faicinn.

Mac Iain Dheòrsa, (An t-Earrach 1982) Creachadh na Clàrsaich.

Gairm, 122, td. 183

Creachadh na Clàrsaich

"Tha na dàin seo, le bhith gan gabhail thar cheann, a' dèanamh suas leabhar a tha iomlan, eireachdail, a tha gu math tomadach (283 ttd.) agus a tha air a chur a-mach le sgoinn is le snas is le sgoilearachd an clò a tha taitneach don t-sùil agus furasta a leughadh. Is math as fhiach e a' phrìs.

Tha a sheòrsa bàrdachd fhèin aig Ruaraidh MacThòmais agus is maighstir meadrachd e, filidh don urrainn faclan ùra a thùradh agus faclan a thàth ri chèile ann an dòigh bheòthail, ùir. San toiseach, gu seachd sònraichte san Dealbh Bhriste, tha sgàile Eimhir a' tighinn trast air na duilleagan (m.e. 'Roghadal 1943' agus 'N e seo an dàn deireannach dhutsa?'. Chan eil sin ach nàdarra, agus tha co-cheangal ealaine eadar Mochtàr is Dùghall agus An Cuilthionn, cha tèid mi às àicheadh.

Am fear nach do leugh lideadh dhith, saoilidh e gur e vers libre buileach glan a tha 'm bàrdachd Shomhairle agus Ruaraidh, ach bidh e air a thur mhealladh, ged a gheibhear roinn mhath vers libre an Saorsa agus an Iolaire. Tha ceòl fuaim is seirm nach gabhar a-staigh le co-fhuaim is uaim is aichill nan cuid obrach, agus, a bhàrr air sin, tha co-fhuaim is uaim is aichill gu coileanta, foirfe aca. 'Uiread sin airson meadrachd dheth...

Tha bòidhchead a tha anabarrach iongantach ann am bàrdachd Ruaraidh MhicThòmais.

Caimbeul, M. (An Samhradh 1992) Smeur an Dòchais, 1992

Gairm, 159, td. 278

Smeur an Dòchais

"Cluinnidh sinn an aon ghuth, ach tha cuideachd atharrachadh ann. Saoilidh mi gu bheil am modh-sgrìobhaidh nas teinne – ann an cuid de na dàin co-dhiù – am bàrd dìreach ag ràdh an nì a dh'fheumas e a ràdh, chan eil facal a bharrachd, agus mar a tha tric a' tachairt ann an obair MhicThòmais tha obair gu leòr air fhàgail do mhac-meanmainn an leughadair...

Agus tha mi smaoineachadh gur e an seòrsa gluasaid a th' anns a' bhàrdachd seo – a' coimhead oirre anns an fharsaingeachd – gu bheil i a' tighinn nas fhaisge air smior, no smeur!, na beatha, beatha an ùghdair agus beatha dhaoine eile...

Thàinig dà nì a-staigh orm a' leughadh nan dàn seo. 'S e neach-ealain a tha gan sgrìobhadh, agus tha an leabhar seo ann an dòigh mar leabhar sgeidseachd a bhithead aig dealbhair an là-an-diugh, fear a bhios e a' toirt leis anns gach àite dhan tèid e. Uaireannan tha na h-ìomhaighean neo-chinnteach. Bheir gach neach a bhrìgh fhèin asta. Ach tha iad gar buaireadh agus thig an t-sùil air ais thuca, agus 's dòcha gu faic sinn rud eile."

MacFhionnlaigh, F. (An Samhradh 1985) Borbhan Comai: Ath-sgrùdadh air bàrdachd Ruaraidh MhicThòmais.

Gairm, 131, td. 259

"Coltach ri Gàidheal sam bith eile an là 'n-diugh, tha dà 'abhainn' a' coinneachadh am broinn Ruaraidh MhicThòmais – cultar mòr àrdanach uil-itheach is cultar beag socharach sgèanach. Anns a' bhàrdachd a tha seo rinn am fear beag an gnothach air an fhear mhòr.

Ach gun teagamh 's e seo an dearbh dhùbhlan agus an dearbh uallach a tha fa chomhair gach sgrìobhadair Gàidhlig a tha dha-rìribh man cheàrd aige. Gun a bhith na linne dhùint neo-ghluasadach fhiamhail, ach na gharbh-allt cas Gàidhealach a tha deiseil a dhol an sàs leis an Thames no a' Mhississippi no a' Yankse-Kiang. Sgrìob a thoirt thar chuan na Beurla Mòire, ach a bhith a' sìor thilleadh 'na Ghulf Stream bàidheil blàth torach gu ruige cladaichean na h-Alba gus ultach fhaodalach luachair a leigeil air an tiùrr. A h-uile mìr dheth air a dheagh shailleadh le cainnt nan Gàidheal.

Feumaidh fàgail is tilleadh a bhith ann. Mar bhradan. Am bàrd Gàidhlig na bhradan a' tilleadh gu alltan a bhreithe 's e air an saoghal a ghabhail ma cheann...

Air an dòigh cheudna tillidh am bàrd Gàidhlig gu màthair-uisge alltan a chànain. Gu àite torachais. Àite cruthachaidh. Àite creideimh...

..tha sàr-bhàrd co-dhiù againn a tha air iomadh ceann-teagaisg a lorg air na seann chreagan a tha siud, 's air creagan nach iad. Agus a tha gan sìor lorg. Oir mur tàinig boidhre eadar Ruaraidh MacThòmais is beatha fhathast, cha tàinig no balbhachd. Tha an comar a' dèanamh borbhain gun lùghdachadh. Nar cainnt fhìn."

Meek, D. E. (2002) An Aghaidh na Sìorraidheachd?

Bàird na Ficheadamh Linn agus an Creideamh Crìosdail ann an Ò Baoill, C & McGuire, N.R. deas. Rannsachadh na Gàidhlig 2000. Oilthigh Obar Dheathain, Roinn na Ceiltis

"..gheibhear cothlamadh de bheachdan aig na bàird, no eadhon aig an aon bhàrd, 's cuid dhiubh a' nochdadh bàidh, is cuid eile a' cur ceist no a' cur an aghaidh a' chreideimh no pàirt shònraichte dheth. Tha na dealbhan aig Ruaraidh MacThòmais air uairean ciùin socrach, ach air uairean eile tha e air a ghonadh le beachdan nam ministearan, agus an cuid diadhachd...

Mar sin, tha MacThòmais a-mach air diofar chuspairean a bhuineas don chreideamh, ach chan eil e a' bualadh na h-eaglaise, mar gum biodh, eadar an dà shùil. Tha e mòran nas ealanta na sin. Uairean tha e feargach; uairean eile tha e moltach; agus uairean eile tha e ri fealla-dhà. Tha farsaingeachd anns an t-sealladh aige, agus chan fhaigh sinn dealbh mòr iomlan ann an aon dàn; feumaidh sinn cuid mhath de na dàin a mheas mus faic sinn an dealbh air fad; chan eil anns gach dàn ach oidhirp air mionaid shònraichte de dh'fhaireachdainn a chur an cèill, nuair a tha rudeigin a' sgreigeadh inntinn a' bhàird."

Teacsa

Aonghas MacIllFhinnein ag innse mar a thug bàrdachd Ruaraidh MhicThòmais buaidh air

Chan e cluiche na traoin a th' ann do dhuine sam bith taghadh a dhèanamh de na pìosan bàrdachd Gàidhlig as fheàrr leis, oir 's e raon fharsainn, torrach air am feum thu cnuasachadh a th' ann.

Tòisichidh mi le pìos nuadh-bhàrdachd aig an robh buaidh mhòr orm fhèin nuair a leugh mi i aig deireadh na siathamh bliadhna san àrd-sgoil, 's e sin An Uilebheist leis an Àrd-ollamh Ruaraidh MacThòmais.

'S ann a' dèanamh oidhirp air rian a chur air a' mhì-rian a tha an cianalas a' dèanamh na inntinn agus na bheatha a tha am bàrd ann an seo. The eilean a bhreith agus àraich mar uilebheist na bheatha is ge bith ciamar a dh'fheuchas e ri chumail fodha ann an cuan na h-inntinn, tha e ann an siud, na chunnart tarraingeach. Tha ìomhaigh na bèiste, na h-ùrnaigh 's na h-altarach a' ruith tron bhàrdachd. Saoilidh tu gu bheil na sreathan a' togail astar leotha fhèin, a' samhlachadh cor inntinn a' bhàird 's a' bhuil a tha an ìmpis a thachdadh.

'S e bàrdachd gu math coileanta a h-innte seo, le gach facal, sreath, smuain agus samhla a' cur ris a' bhuaidh a th'aice oirnn. B' e buil a' bhàird a bha mise a' faireachdainn a' chiad turas a dh'fhàg mi m' uilebheist fhèin air fàire le measgachadh de ghaol is de uamhann B' e an t-eadar-dhealachadh gun do thill mise chun na h-altrach ach nach do thill esan.

Air adhart gu

Ceanglaichean

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.