20mh linn / Ruaraidh MacThòmais

Am Bàrd

Ruaraidh MacThòmais

Chuir Ruaraidh MacThòmais ùine seachad ann am Feachd Rìoghail an Adhair eadar 1941 agus 1945. An dèidh dha ceumnachadh, bha e a' teagaisg ann an Oilthighean ann an Dùn Èideann, Obar Dheathain agus Glaschu. Ann an 1963 ghabh e obair Àrd-Ollaimh Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu far an robh e os cionn na roinne gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1991.


Thar nam bliadhnaichean, chuir e gu mòr ri obair foillseachaidh ann an Gaìdhlig. Stèidhich e an ràitheachan Gairm ann an 1952 airson sgrìobhadh Gàidhlig a bhrosnachadh agus b' e am fear-deasachaidh a bh' air gu 2002. Stèidhich e cuideachd Comhairle nan Leabhraichean ann an 1968.


Tha 8 cruinneachaidhean den bhàrdachd aige fhèin air a bhith air am foillseachadh, nam measg An Dealbh Briste (1951), Creachadh na Clàrsaich (1982) agus Sùil air Fàire (2007), agus tha na sgrìobhaidhean aige air nochdadh ann an iomadh iris. Sgrìobh e grunn leabhraichean eile cuideachd, nam measg dhà a tha gu sònraichte cudromach ann a bhith a' cur fìosrachadh mu chultar agus bàrdachd na Gàidhlig mu choinneamh a' mhòr-shluaigh, An Introduction to Gaelic Poetry (1974) agus Companion to Gaelic Scotland (1983).


Am measg nan duaisean a fhuair e, b' e a' chiad dhuine a choisinn Duais Ossian ann an 1974, chaidh Duais Oliver Brown a thoirt dha ann an 1984 airson bàrdachd agus obair mar shàr sgoilear na Gàidhlig agus chaidh Ceum Urramach DLitt a thoirt dha bho Oilthigh Ghlaschu san Ògmhios 2007.


Phòs e Carol Nic a' Bhreatannaich ann an 1952, bana-sheinneadair a choisinn Bonn Òir A' Chomuinn Ghàidhealaich aig Mòd Dhùn Èideann ann an 1951, agus bha sianar chloinne aca.


Chaochail Ruaraidh ann an Glaschu air an 21mh den Mhàirt 2012.


Latha-breith:

5 Lùnastal 1921

Àite:

Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais

Foghlam:

Sgoil Phabail, an Rubha

Àrd-sgoil MhicNeacail, Steòrnabhagh

Oilthigh Obar Dheathain

Oilthigh Ghlaschu

Oilthigh Chambridge

Teacsa

Mar a chaidh an ràitheachan Gairm a chur air chois

As dèidh a' chogaidh, bha foillseachadh leabhraichean Gàidhlig a' fàs gu math gann agus tha mi smaoineachadh gur e sin a thug ormsa smaoineachadh gu robh làn thìde againn ràitheachan ùr a thoirt am follais agus ràitheachan a thigeadh a-mach gach ràith. Thòisich sinn, tha mi smaoineachadh, anns a' bhliadhna 1951 agus an ath bhliadhna thàinig a' chiad àireamh de Ghairm a-mach. Bha e nar beachd bho thùs, tha mi smaoineachadh, iomadach seòrsa nòs sgrìobhaidh a chleachdadh ann an Gairm, rudan meadhanach seann-fhasanta agus rudan cho ùr 's a ghabhadh agus thog sin rud math de dheasbad anns na bliadhnaichean tràth co-dhiù. Bha daoine a' sgrìobhadh thugainn agus ag ràdh, chan eil sinn ag iarraidh an còrr dhen rubbish a tha sin fhaicinn, gu h-àraidh ann am bàrdachd. Cha robh e a' còrdadh riutha idir gu robh dòighean ùra a' nochdadh ann am bàrdachd agus tha mi a' creidsinn gu bheil na beachdan sin beò fhathast ann an iomadach àite.

Air adhart gu

Cuspairean

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.